Dreuchd Bàn: Preantas Neach-taic Gnothachais
Tha sinn a’ sireadh Preantas Neach-taic Gnothachais an-dràsta. Bidh an neach a gheibh an dreuchd a’ toirt taic gnothachais, a’ gabhail a-steach taic rianachd, conaltraidh agus pròiseict, a thoirt do Bhòrd na Gàidhlig fhad is a leasaichear na bun-sgilean seo tro eòlas-obrach agus teisteanasan. Bidh an neach a thèid fastadh a’ dèanamh theisteanasan ann an Rianachd Gnothachais agus Leasachadh na Gàidhlig aig UHI a Tuath, an Iar is Innse Gall agus cuiridh Bòrd na Gàidhlig taic ris an neach gus na teisteanasan seo a choileanadh.
Cùmhnant: Teirm-shuidhichte 2 bhliadhna
Uairean-obrach: 35 uairean san t-seachdain
Àite-obrach: Steòrnabhagh, Eilean Leòdhais
Tuarastal: A3 – £27,164 – £30,281
Ceann-là airson tagraidhean: 5f air Diciadain, 29/07/26
Ceann-là nan agallamhan: Dimàirt, 04/08/26
Lorgar barrachd fiosrachaidh mun dreuchd agus mar a thèid iarrtas a chur a-steach air a shon an seo.
