Fios-naidheachd – 02.07.2020

Thuirt Mairi NicAonghais, Cathraiche Bhòrd na Gàidhlig:

Tha Bòrd na Gàidhlig a’ cur fàilte air rannsachadh sam bith a bhios a’ neartachadh ar tuigse air Gàidhlig ann an Alba san latha an-diugh. Cha d’ fhuair sinn cothrom an leabhar a leughadh ach tha còmhraidhean cuideachail air a bhith againn leis an sgioba rannsachaidh ron fhoillseachadh seo.

’S e an tuigse a th’ againn gur e tè de na prìomh theachdaireachdan bhon rannsachadh gu bheil Gàidhlig fhathast na cànan coimhearsnachd airson daoine nas sine anns na h-eileanan. Airson daoine nas òige ’s e Beurla a tha aca mar phrìomh chànain. Cha bhi an teachdaireachd seo a’ cur iongnadh sam bith air neach sam bith a tha fuireach anns na h-eileanan no àiteachan eile agus ’s e pàtran cumanta a tha seo ann an coimhearsnachdan mion-chànain air feadh an t-saoghail.

Tha poileasaidh foghlaim anns na h-Eileanan Siar ag aithneachadh nan dùbhlan a th’ ann airson mìon-chànan dùthchasach agus a-nis thèid a’ chlann uile a-steach gu foghlam tro mheadhan na Gàidhlig mura can na pàrantan aca an caochladh. Tha foghlam tro mheadhan na Gàidhlig air a bhith soirbheachail ann an sgìrean eile cuideachd, le àireamhan dhaoine òga le sgilean Gàidhlig a’ dol suas taobh a-muigh nan Eileanan Siar. Tha Sgoil Gàidhlig Ghlaschu, mar eisimpleir, gu tric air aon de na sgoiltean as soirbheachail ann an Alba.

Tha Bòrd na Gàidhlig agus ar com-pàirtichean anns an roinn phoblaich ag èisteachd agus tha sinn toilichte bruidhinn ri coimhearsnachdan anns na h-eileanan mu na rudan a tha tha iad airson faicinn, a bharrachd air an taic a th’ ann mu thràth, gus cleachdadh na Gàidhlig a bhrosnachadh anns na h-eileanan agus ann an àiteachan eile.

‘S e prìomh amas a’ Phlana Cànain Nàiseanta Gàidhlig làithrich gun tèid Gàidhlig a chleachdadh nas trice, le barrachd dhaoine agus ann am barrachd shuidheachaidhean. Chaidh am plana seo ullachadh às dèidh co-chomhairle le diofar choimhearsnachdan agus diofar bhuidhnean agus tha sinn a’ smaoineachadh gu bheil an leabhar seo a’ dearbhadh gur e amas reusanta agus deatamach a tha seo fhathast.