Foghlam tron Ghàidhlig ri fhaighinn ann an Siorrachd Àir a Tuath

Tha Bòrd na Gàidhlig a’ cur fàilte air an naidheachd gum bi Foghlam tron Ghàidhlig ri fhaighinn ann an Siorrachd Àir a Tuath airson a’ chiad uair bhon Lùnastal 2020.

Thèid a stèidheachadh aig Bun-sgoil Phàirc Whitehirst ann an Cill D’Fhinnein agus chaidh sanas-obrach a-mach an t-seachdain-sa airson Prìomh-thidsear Ghàidhlig.

Seo a’ chiad iarrtas soirbheachail airson Foghlam tron Ghàidhlig (FtG) fo Achd an Fhoghlaim (Alba) 2016 agus fon Stiùireadh Reachdail aig Bòrd na Gàidhlig.

Anns an Lùnastal 2017, thug Bòrd na Gàidhlig seachad taic is maoineachaidh do bhuidheann phàrantan a bha airson buidheann saor-thoileach thràth-bhliadhnaichean a chur air bhog.  Dh’obraich na pàrantan gu cruaidh gus an cothrom seo a thoirt gu buil agus bhon uair sin tha ùidh air fàs ann am FtG san sgìre.

Chuir pàrantan iarrtas foirmeil a-steach do Chomhairle Siorrachd Àir a Tuath air 24 Faoilleach 2019 agus às dèidh a’ chiad mheasaidh, dh’aontaich a’ Chomhairle gun robh iad deònach FtG a stèidheachadh san sgìre.

Chuir Bòrd na Gàidhlig fàilte air seo is thuirt Stiùiriche Foghlaim a’ Bhùird, Jim Whannel, a bha an sàs anns na leasachaidhean: “Tha Bòrd na Gàidhlig air leth toilichte gun tèid foghlam tron Ghàidhlig a’ stèidheachadh ann an Siorrachd Àir A Tuath agus tha sinn an comain nam pàrant agus an ùghdarrais airson an adhartas a rinn iad mu choinneimh seo. Tha Bòrd na Gàidhlig a’ guidhe gach soirbheachas dhaibh agus tha sinn a’ coimhead air adhart ri barrachd co-obrachadh anns na mìosan a tha romhainn.”

Tha clàradh a-nis fosgailte airson FtG aig Bun-sgoil Phàirc Whitehirst, Cill D’Fhinnein.  Thuirt Louise Johnstone, iar-cheannard na sgoile:  “Tha an naidheachd seo sgoinneil is tha sinn uile a’ coimhead air adhart ri fàilte a chur air na sgoilearan anns an Lùnastal.  Tha e na urram gun deach an sgoil a thaghadh airson FtG a thoirt seachad ann an Siorrachd Àir a Tuath.

“Tha sinn ag obair gu dlùth ri roinn an fhoghlaim aig a’ chomhairle is cuideachd leis na pàrantan airson a dhèanamh cinnteach gu bheil sinn a’ dèanamh nas urrainn dhuinn airson an àrainneachd-ionnsachaidh as fheàrr a chruthachadh.”

Thuirt Caroline Amos, Ceann Seirbheis an Fhoghlaim aig Comhairle Siorrachd Àir a Tuath: “Chuir sinn fàilte air miann nam pàrantan air sgàth ’s gu bheil sinn airson seirbhisean agus foghlam a thoirt seachad a tha a’ gabhail rim feumalachdan.

“Tha na pàrantan air bhioran mu dheidhinn.  Fastaidh sinn prìomh-thidsear a-nis a chumas taic rinn san ùine a tha romhainn agus a nì cinnteach gum bi sinn deiseil airson tòiseachadh anns an Lùnastal.”

Thuirt Pamela Jardine, pàrant a th’ air a bhith ag obair gu cruaidh airson na h-iomairt seo bhon a thòisich i ann an 2017: “Tha mi cho toilichte gun tèid aig mo nighinn air dol tro FtG san Lùnastal, tha sinn den bheachd gun còrd bliadhnaichean na bun-sgoile rithe aig Pàirc Whitehirst.  Tha ùine air a bhith ann on a thòisich sinn, ach le taic agus fo stiùir Bhòrd na Gàidhlig agus Comhairle Siorrachd Àir a Tuath tha cùisean air a bhith an ìre-mhath furasta.”

Thathar an dòchas gun tòisich an neach soirbheachail san dreuchd às dèidh na Càisge is mar sin gum bi deagh ùine aca airson rudan ullachadh ron Lùnastal.

Leis an deagh naidheachd a tha seo, bidh 15 sgìrean comhairle le FtG ann an Alba.  Seo a’ chiad àrdachadh ann an àireamh chomhairlean bho dh’fhosgail aonad Gàidhlig ann an Grianaig (Comhairle Inbhir Chluaidh) ann an 1999-2000.  Seo a’ chiad comhairle ùr a tha air FtG a thoirt seachad bho chionn 21 bliadhna (gu 2020-21).

Dh’aontaich Bòrd na Gàidhlig ri plana Gàidhlig reachdail Comhairle Siorrachd Àir a Tuath ann an 2014 agus thàinig iomadh toradh brosnachail às a’ phlana bhon uair sin, a’ gabhail a-steach taic do leasachaidhean foghlaim, ealain sa choimhearsnachd agus suaicheantas corporra ùr a tha dà-chànanach.