Freagairt air Co-chomhairleachadh: Beatha Ionadail agus Nàbachdan 20 Mionaid – Dreachd Stiùireadh Dealbhaidh

Tha Bòrd na Gàidhlig air freagairt a chur a-steach gu co-chomhairleachadh phoblach Riaghaltas na h-Alba air an Dreach Stiùireadh Dealbhaidh airson Beatha Ionadail agus Nàbachdan 20 Mionaid.

Am measg nam puingean a chaidh a thogail:

Thathas a’ toirt iomradh air an aithisg Beò gu Math gu hIonadail: Coimhearsnachdan 20 Mionaidean air a’ Ghàidhealtachd is na h-Eileanan4 anns a’ phàipear cochomhairleachaidh. Tha e a’ toirt fa-near draghan gum faodadh bun-bheachd nàbachd 20-mionaid “leantainn gu barrachd meadhanachadh sheirbheisean” agus gum biodh a’ bhuaidh aige “a’ daingneachadh bochdainn, neoionannachd agus às-imrich”.

Ma dh’fhàgas luchd-cleachdaidh na Gàidhlig an coimhearsnachd an uair sin a dh’fhuireach ann an àite eile faodaidh dà bhuaidh a bhith ann. An toiseach, lùghdachadh san àireimh de luchd-labhairt na Gàidhlig anns an sgìre air a bheil buaidh.

San dàrna àite, faodaidh teaghlaichean air a bheil buaidh gluasad gu sgìre far nach eil a’ Ghàidhlig air a cleachdadh mòran agus thar ùine, is dòcha nach bi iad a’ cleachdadh a’ chànain gu cunbhalach tuilleadh – no dh’fhaodadh iad a call gu tur.

Is e an toradh a tha ann lùghdachadh ann an cleachdadh na Gàidhlig san fharsaingeachd. Tha sin a’ dol an aghaidh amas a’ Phlana Cànain Nàiseanta Ghàidhlig gun tèid an cànan a chleachdadh na bu trice, le barrachd dhaoine.

Tha feum air ceumannan dealbhaidh iomchaidh is sùbailte airson ion-obrachadh nan coimhearsnachdan sin. Mar sin tha sinn a’ cur fàilte air an dòigh-obrach a tha air a mhìneachadh san ICIA agus san dreachd stiùiridh: gu sònraichte, na puingean a leanas a chaidh a dhèanamh anns na sgrìobhainnean seo.

Gheibhear am freagairt slàn an seo.