Gàidhlig a’ faighinn prìomhachas le Urras Oighreachd Ghabhsainn

Picture: A landcape of the coast of Lewis, with fields and a wooden gate in the forefront

Tha Urras Oighreachd Ghabhsainn gu bhith a’ fastadh Oifigear Leasachaidh Gàidhlig ’s iad a’ cur na prosbaig air a’ Ghàidhlig le pròiseact trì-bliadhna far am bi iad a’ toirt taic don chànan agus ga bhrosnachadh air feadh na sgìre aca. Tha an t-Urras a’ coimhead às dèidh 56,000 acair de dh’fhearann às leth na coimhearsnachd ann an Iar-thuath Leòdhais.

Tha an iomairt, luach £102,513, a’ faighinn taic bho Bhòrd na Gàidhlig agus Iomairt na Gàidhealtachd is nan Eilean (HIE) agus thairis air trì bliadhna bidh an t-Urras a’ cur air adhart sreath de thachartasan agus iomairtean Gàidhlig a bhios airson togail air an dlùth cheangal a th’ aig an sgìre ris a’ Ghàidhlig agus an ùidh a th’ aig daoine sa Ghàidhlig agus cultar na Gàidhlig mu thràth anns a’ choimhearsnachd.

Le bhith a’ cur na h-iomairt seo air dòigh tha Urras Oighreachd Ghabhsainn airson gum bi barrachd chothroman aig muinntir na coimhearsnachd Gàidhlig ionnsachadh agus gum bi an cànan air a thaisbeanadh gu mòr do luchd-turais agus daoine eile a bhios a’ tadhal no ag obair san sgìre.

Chaidh an t-Urras a chur air bhonn ann an 2007, agus anns an ùine fhada san iomairt Ghàidhlig seo tha iad airson fhaicinn ciamar a gheibh gnìomhachasan cothroman gus fàs a thoirt air an obair aca agus gus obraichean agus cothroman obrach saor-thoileach a bharrachd stèidheachadh san sgìre.

Thuirt Agnes Rennie, Cathraiche Urras Oighreachd Ghabhsainn: “Le bhith a’ cur a’ phròiseict seo air adhart tha sinn airson a bhith ag obair ann an co-bhann le buidhnean sa choimhearsnachd airson togail air beartas dualchas na Gàidhlig agus a bhith ag aithneachadh cho cudromach ’s a tha e airson eaconamaidh na sgìre. Tha buidhnean mar Chomann Eachdraidh Nis agus gnìomhachasan ionadail gu bhith a’ faighinn taic airson iomairtean ùra a chur air dòigh a bhios a’ toirt leasachadh air na diofar ghnìomhachasan agus aig an aon àm a’ fàs agus a’ neartachadh na Gàidhlig air feadh na coimhearsnachd.”

Cuideachd thuirt Mrs Rennie: “’S e àrd-amas a tha air a bhith aig an Urras dòighean fhaighinn airson taic a chur ris a’ Ghàidhlig agus an cànan a neartachadh san sgìre agus chaidh plana a dhealbhachadh leis an Urras agus leis a’ Chomunn Eachdraidh ann an 2015. Tha sinn fìor thoilichte a-nis gum faod sinn an t-àrd-amas sin a choileanadh leis an taic-ionmhais ùir seo.”

A’ bruidhinn às leth Bhòrd na Ghàidhlig, thuirt Daibhidh Boag, Stiùiriche Planadh Cànain is Leasachaidhean Coimhearsnachd: “Tha ceanglaichean làidir leis na diofar choimhearsnachdan ionadail gu math cudromach do Bhòrd na Gàidhlig mar a tha againn le Urras Oighreachd Ghabhsainn. Tha sinn fìor thoilichte taic a chur ris a’ phròiseact seo a bhios a’ cuideachadh le prìomhachasan ro-innleachdail a’ Bhùird co-cheangailte ri bhith a’ toirt barrachd chothroman do dhaoine Gàidhlig ionnsachadh agus fhaicinn. Tha am pròiseact seo cuideachd a’ cur cultar, cànan agus dualchas na Gàidhlig aig cridhe na coimhearsnachd san àm ri teachd.”

Thuirt Rachel NicChoinnich Manaidsear HIE Innse Gall: “Tha sinn toilichte taic a chur is a’ phròiseact seo airson Oifigear Gàidhlig a bhith stèidhichte aig Urras Oighreachd Ghabhsainn. Tha na bhios HIE Innse Gall a’ cur ris a’ phròiseact seo a’ cumail taic gu mòr ri lèirsinn an Urrais a tha airson a’ Ghàidhlig adhartachadh mar bhuannachd eaconamach taobh a-staigh na coimhearsnachd. Tha an sgìre mar aon de na prìomh choimhearsnachdan far a bheil luchd-labhairt na Gàidhlig agus tha cothroman ann leudachadh air na buannachdan bhon Ghàidhlig san sgìre. Tha sinn a’ coimhead air adhart ri bhith ag obair còmhla ris an Urras agus iad airson gabhail ris na cothroman a thig bhon Ghàidhlig.”