Maoin Phlanaichean Gàidhlig

Dhùin an Sruth Phròiseactan den sgeama airson iarrtasan 2025/26 aig 3f air Dimàirt 6 Cèitean 2025. Tha sinn an dùil gum fosgail cuairt ùr den Sruth Phròiseactan tràth ann an 2026.

Tha am Maoin Phlanaichean Gàidhlig, air an robh an ainm Maoin Buileachaidh Achd na Gàidhlig (GLAIF) roimhe, ri fhaighinn airson ùghdarrasan poblach a chuideachadh gus na Planaichean Gàidhlig aca a chur an gnìomh agus taic a chur ris am Plana Nàiseanta Gàidhlig 2023-28.  Tha ùghdarrasan poblach cuideachd air taic-airgid fhaighinn tron sgeama  gus pròiseactan a thoirt gu buil mus fhaigh iad fios foirmeil Plana Gàidhlig a sgrìobhadh.

Tha tuilleadh fiosrachaidh ri fhaighinn air pròiseactan bho 2016/17 air adhart a fhuair taic tro GLAIF is am Maoin Phlanaichean Gàidhlig ri fhaighinn tro GrantNav.

Airson 2024-27, thathar a’ ruith an sgeama ann an dà shruth – Sruth Ro-innleachdail is Sruth Phròiseactan.

  • Bidh an Sruth Ro-innleachdail a’ tabhann cothrom do 6 ùghdarrasan ionadail aon iarrtas an urra a chur a-steach stèidhichte airson taic 3-bliadhna airson mìneachadh mar a chuireas iad an gnìomh am Plana Gàidhlig aca. ‘S iad na 6 ùghdarrasan ionadail aig a bheil cead cur a-steach:
    • Comhairle nan Eilean Siar
    • Comhairle na Gàidhealtachd
    • Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid
    • Comhairle Baile Ghlaschu
    • Comhairle Baile Dhùn Èideann
    • Comhairle Siorrachd Lannraig a Tuath
  • Bidh an Sruth Phròiseactan a’ tabhann cothroman do dh’ ùghdarrasan poblach eile cur a-steach aairson suas ri 3 phròiseactan an urra fad aon-bhliadhna airson pròiseactan a ruith eadar Lùnastal 2025 is Lùnastal 2026 (is seo ag obair mar a bha sgeama Maoin Phlanaichean Gàidhlig is GLAIF ann am bliadhnaichean roimhe. Bha cuairt ann airson 2024/25 an uiridh is bidh cuairt eile airson 2026/27 ann an ath bhliadhn’.

Gheibhear ceangal gu stiùireadh airson na sgeamaichean agus foirm iarrtais gu h-ìosal.  Ma tha ceistean sam bith agaibh nach cuiridh sibh post-dealain gu tabhartas@gaidhlig.scot

Sruth Phròiseactan

Foirm-iarrtais Maoin Phlanaichean Gàidhlig (air portal iarrtasan Fluxx)

Stiùireadh Maoin Phlanaichean Gàidhlig – Sruth Phròiseactan 2025/26

Stiùireadh-measaidh Maoin Phlanaichean Gàidhlig – Sruth Phròiseactan 2025/26

 

Fiosrachadh mu Prìobhaideachd

 

Is dòcha nach bi e comasach do leughadair-sgrìn cuid de na PDFan air an duilleag seo a leughadh. Ma tha gin de na sgrìobhainnean seo a dhìth oirbh ann an cruth eile, nach cuir sibh post-d gu oifis@gaidhlig.scot.

x  Powerful Protection for WordPress, from Shield Security
This Site Is Protected By
Shield Security