Stiùireadh Sgeama Oifigearan Gàidhlig 2025-28

‘S e seo an stiùireadh airson Sgeama Oifigearan Gàidhlig 2025-28. Tha lethbhreac den stiùireadh seo ri fhaighinn ann am PDF an seo, is gheibhear cruthan eadar-dhealaichte den stiùireadh ma tha seo air iarraidh oirbh le bhith cur post-d gu tabhartas@gaidhlig.scot.

Tha an sgeama seo a’ dùnadh aig 3f air Diardaoin 5 Ògmhios 2025. Chaidh an duilleag seo ùrachadh mu dheireadh air 30 Giblean 2025. Ma tha ùrachadh ann air an stiùireadh, is sibh air iarrtas a thòiseachadh air Fluxx, thèid brath a chur thugaibh tro phost-d.

Clàr

Mu dheidhinn na Maoine

Tha Sgeama Oifigearan Gàidhlig aig Bòrd na Gàidhlig fosgailte airson cuairt maoineachaidh ùr gus taic a chumail ri buidhnean stèidhichte sa choimhearsnachd gus oifigear fhastadh gus gnìomhan is leasachadh Gàidhlig a dhèanamh.

Tha a’ chuairt seo den sgeama a’ cur fòcas air buaidhean nas làidire is nas fhaicsinniche fhaighinn bho dhreuchdan gus taic a chumail ri cleachdadh na Gàidhlig ann an coimhearsnachdan. Tha sinn gu sònraichte airson taic a chumail ri tuilleadh obair ann an com-pàirteachas, measadh nas fheàrr air toraidhean cànain agus barrachd trèanaidh is taic proifeasanta do dh’oifigearan.

Tha fàilte air iarrtasan bho charthannasan Albannach clàraichte no companaidhean leas coimhearsnachd clàraichte ann an Alba gus dreuchd ùr a chruthachadh, no gus leudachadh air dreuchd leasachadh Gàidhlig a th’ ann mar-thà.

Bidh an sgeama seo freagarrach airson dreuchdan a tha:

  • Cumail taic ri cleachdadh làitheil den Ghàidhlig ann an coimhearsnachdan
  • Leasachadh air cur air dòigh is cur an gnìomh planaichean Gàidhlig coimhearsnachd
  • Cumail taic ri ionadan Gàidhlig is tachartasan annta
  • A’ dol an sàs ann an obair ann an com-pàirt eadar buidhnean a tha lìbhrigeadh seirbheisean Gàidhlig

Anns an iarrtas agaibh, tha sinn airson ’s gum mìnich sibh mar a bhios an dreuchd agaibh a’ freagairt air na h-amasan seo. Bu chòir dhuibh cuideachd a bhith mothachail air prìomhachasan is puingean gnìomh ann am Plana Corporra Bòrd na Gàidhlig 2023-28 agus ann am Plana Nàiseanta na Gàidhlig 2023-28.

Thathar a’ cur fàilte air iarrtasan airson na h-ùine eadar 1 Iuchar 2025 is 31 Màrt 2028, le taic suas ri £40,000 p.a. ri fhaighinn pro-ràta (mu £110,000 gu h-iomlan). Bitheamh mothachail a-rèir neart an iarrtas agad dh’ fhaodadh gun tèid taic a thabhann airson 1-bliadhna a-mhàin, 2-bliadhna a-mhàin no an fhaid air iarraidh (suas ri Màrt 2028).


Meud na sgeama

Cumaidh an sgeama taic ri dhreuchdan a tha cur air dòigh is lìbhrigeadh cothroman Gàidhlig a chleachdadh is ionnsachadh aig ìre na choimhearsnachd.

Bu chòir an t-iarrtas agaibh a bhith a’ mìneachadh nan seòrsaichean gnìomhan a bhiodh an dreuchd a’ cur an gnìomh, mar a bhios an dreuchd ag amas air fàs a thoirt air gnìomhan  is com-pàirteachadh Gàidhlig sa choimhearsnachd is mar a bhios sibh a’ clàradh an diofair a tha an dreuchd a dhèanamh a thaobh cleachdadh na Gàidhlig sa choimhearsnachd agaibh.

Bu chòir dreuchdan a bhith a’ togail cheanglaichean le buidhnean eile gus gnìomhan agus measadh buaidh a cho-òrdanachadh chun na h-ìre as motha ‘s a ghabhas, is thèid prìomhachas a thoirt do bhuidhnean a tha ag obair còmhla.

Buidseat na sgeama

’S e £600,000 am buidseat ris a bheilear an dùil airson taic a chumail ri dreuchdan tron Sgeama seo gach bliadhna-ionmhais. Tha £30,000 a bharrachd sa bhliadhna air a chomharrachadh airson cothroman trèanaidh do dh’oifigearan.

Tha sinn an dùil gum bi an t-iarrtas airson taic bhon sgeama nas motha na an ìre taic a bhios comasach dhuinn a thoirt seachad is gum bi an sgeama farpaiseach.

Clàr-ama na Sgeama

Tha taic ri faighinn bhon sgeama airson dreuchdan eadar 1 Iuchar 2025 agus 31 Màrt 2028. Sa mhòr chuid de shuidheachaidhean tha sinn an dùil gum bi taic-airgid a’ tòiseachadh bho 1 Iuchar 2025 (ma tha cuideigin san dreuchd mar-thà) air no nuair a tha cuideigin air fhastadh dhan dreuchd, ach ma tha sibh a’ cur iarrtas a-steach airson dreuchd a th’ ann mar-thà a tha air a mhaoineachadh às dèidh 1 Iuchar 2025, leigibh fios do dh’oifigearan Bòrd na Gàidhlig gus bruidhinn air an iarrtas mus cuir sibh a-steach e.

Ma tha taic air iarraidh airson sìneadh air dreuchd air a mhaoineachadh le Sgeama nan Oifigearan Gàidhlig mar-thà, thèid taic sìnidh a thoirt dhuibh airson 1 Giblean 2025 gu 30 Ògmhios 2025 (ma tha sin a dhìth) stèidhichte pro-ràta air a’ mhaoineachadh 2024/25 agaibh, is ma tha an t-iarrtas agaibh soirbheachail tòisichidh an taic-airgid ùr bho 1 Iuchar 2025 aig an ìre ùr air aontachadh.

Ma tha sibh ag iarraidh taic airson dreuchd ùr, no dreuchd a tha bàn an-dràsta, bidh maoineachadh a’ tòiseachadh air stèidh pro-ràta bhon cheann-là a tha cuideigin a’ tòiseachadh san dreuchd.

Bitheamh mothachail a-rèir neart an iarrtas agaibh, dh’ fhaodadh gun tèid taic de 1-bliadhna, 2-bhliadhna no an fhaid air iarraidh a thabhann dhuibh (suas ri Màrt 28).

Cò dh’ fhaodas tagradh a chur a-steach?

Tha an sgeama fosgailte a-mhàin do charthannasan Albannach clàraichte no companaidhean leas-coimhearsnachd le seòladh clàraichte ann an Alba a-mhàin. Feumaidh buidhnean a’ choimhearsnachd chruinn-eòlasach a tha iad a’ frithealadh a mhìneachadh cuideachd. Feumaidh a’ bhuidheann agaibh a bhith clàraichte mar chompanaidh no carthannas mar-thà is cunntas banca beò san RA a bhith agaibh, no cha bhi an t-iarrtas agaibh ceadaichte.

Chan fhaod buidhnean ach aon iarrtas a chur a-steach dhan Sgeama (ach a-mhàin buidhnean a tha a’ cur dreach ri chèile de phlana Gàidhlig coimhearsnachd, is cead aca suas ri dà iarrtas a chur a-steach), ach faodaidh sibh taic airson suas ri 2 dhreuchd pàirt-thìde (suas gu 1 FTE) iarraidh san iarrtas no aon dreuchd a tha air a ruith mar obair cho-roinnte eadar dithis.

Tha an sgeama fosgailte dhan dà chuid buidhnean a fhuair taic tron Sgeama Oifigearan Gàidhlig eadar 2022 is 2025 is buidhnean nach d’ fhuair taic a-cheana a tha airson taic fhaotainn do dhreuchd ùr no làithreach.

Cò nach fhaod tagradh a chur a-steach?
  • Daoine fa-leth
  • Ùghdarrasan poblach no ionadail, sgoiltean, no buidhnean far a bheil ùghdarrasan ionadail nam ball/stiùirichean a-mhàin
  • Buidhnean coimeirsealta/airson prothaid
  • Buidhnean Com-pàirteach Lìbhrigidh Bòrd na Gàidhlig (no buidhnean a tha faighinn taic-airgid bhuapa leithid Fèisean ionadail no meuran ionadail den Chomunn Ghàidhealach)
Dè na chosgaisean a gheibh taic?

Faodaidh sibh taic iarraidh a dh’ionnsaigh tuarastal, tabhartasan Àrachas Nàiseanta mar fhastaiche (NICs), tabhartasan peinnsein mar fhastaiche, cosgaisean pròiseict, cosgaisean trèanaidh is leasachaidh is cosgaisean iomchaidh sam bith eile ri linn na dreuchd.

Faodaidh sibh cur a-steach airson suas ri 100% de na chosgaisean a tha airidh air taic gu h-àrd (suas ri £40,000 p.a. pro-rata), ach bidh prìomhachas air iarrtasan a tha a’ sealltainn gum bi taic-airgid no teachd-a-steach eile air fhaighinn a bharrachd air taic-airgid Bhòrd na Gàidhlig, leis a leithid ann cuideachd airson iarrtasan a tha ag amas air àbhaisteachadh na dhreuchd taobh a-staigh buidseat làithreach a’ bhuidheann is chan urrainnear gealltainn gum bi taic-airgid slàn air a thoirt seachad ma tha sin air iarraidh.

Ma tha sibh a’ cur a-steach airson dreuchd pàirt-thìde (no nas lugha na 1 FTE), bidh taic ri fhaighinn stèidhichte pro-ràta air an ìre FTE air iomadachadh le £40,000 sa bhliadhna (m.e airson dreuchd 0.5 FTE suas ri £20,000 sa bhliadhna).

Mar stiùir, bhiomaid deònach taic suas ri £5,000 a thabhann (mar phàirt den £40,000) gach bliadhna a dh’ionnsaigh gnìomhan prògram an oifigeir. Ma tha tabhartas agaibh tron sgeama Taic Freumhan Coimhearsnachd aig an àm seo, chan fhaod sibh ach taic iarraidh airson cosgaisean pròiseact airson ùine as dèidh dhan pròiseact Taic Freumhan Coimhearsnachd crìochnachadh.

Dè na chosgaisean nach faigh taic?

Chan fhaod sibh an tabhartas a chleachdadh airson na leanas:

  • Tuarastalan no cosgaisean dreuchd do neach sam bith eile seach an neach san dreuchd
  • Cosgaisean-tòiseachaidh no cosgaisean ruith leantainneach aig buidhnean
  • Cosgaisean calpa

Bu chòir dhuibh dèanamh cinnteach tron àm mhaoinichte nach eil pàirt sam bith eile de thuarastal, NICs no peinsein na dreuchd air am maoineachadh tro sgeamaichean maoineachaidh eile aig Bòrd na Gàidhlig, Maoin nan Ealan Gàidhlig air a ruith le Fèisean nan Gàidheal no taic bho Bhuidhnean Com-pàirteach Lìbhrigidh aig Bhòrd na Gàidhlig.

Nòtaichean eile air teachd-a-steach/cosgaisean

Bu chòir prògram-obrach an oifigeir a bhith ag amas air ìre de theachd-a-steach a thogail far a bheil seo comasach (m.e. cìsean airson chlasaichean Gàidhlig, airgead bho phàrantan airson tachartasan, tiocaidean airson chuirmean/tachartasan), agus is mathaid gun cuir sinn cumha air an taic-airgid againn gum bi sibh a’ togail ìre de dh’airgead bhon leithid ma bhios an t-iarrtas agaibh soirbheachail.

Còmhla ris a’ bhuidseat agaibh, bu chòir dhuibh cosgaisean neo-ionmhasail/saor-thoileach sam bith a chlàradh mar phàirt de na cosgaisean iomlan. Faodar taic neo-ionmhasail airson ùine air a thoirt seachad gu saor-thoileach a thuairmse le luach de cho-dhiù am Fìor Tuarastal Bith-beò no tuarastal gnìomhachais iomchaidh, ma tha sin ri fhaighinn is iomchaidh.


Riatanasan oirbh mar bhuidheann

Feumaidh sibh ainmeachadh san iarrtas cò am manaidsear-sreatha a bhois aig an dreuchd, is fios a thoirt seachad air mar a bhios am manaidsear-sreatha a’ cumail sùil air, is taic ris, an oifigear.

Tha e an urra ribhse co-dhùnadh dè an tuarastal a thèid a phàigheadh dhan oifigear a rèir nan rèiteachaidhean pàighidh làithreach agaibh, an obair a tha sibh an dùil a nì iad is an t-eòlas/na teisteanasan a tha sibh an dùil a bhios aig an oifigear. Sa h-uile suidheachadh, ge-tà, feumaidh an ìre tuarastal a phàigheas a’ bhuidheann agaibh a bhith aig ìre an Fhìor Thuarastail Bith-beò no nas àirde gus a bheil sibh a’ coileanadh poileasaidh Obair Chothromach an Toiseach aig Riaghaltas na h-Alba. Tha ìre an Fhìor Thuarastail Bith-beò (£12.60 san uair an-dràsta) air ùrachadh gach bliadhna san Dàmhair, agus thèid seo a chur an sàs sa Ghiblean an ath bhliadhna, is leigidh sinn fios air atharrachaidhean sam bith.

Sgrùdadh is measadh

Ma tha an t-iarrtas agaibh soirbheachail, bidh agaibh ri sgrùdadh is measadh a dhèanamh air mar a tha an dreuchd a’ coileanadh buaidh ann a bhith a’ brosnachadh tuilleadh cleachdaidh, ionnsachaidh agus/no mothachas air a’ Ghàidhlig sa choimhearsnachd agaibh.

Thèid faighneachd oirbh san fhoirm-iarrtais mar a bhios sibh an dùil sgrùdadh a dhèanamh air obair an oifigeir, na builean a tha sibh an dùil coileanadh, na Prìomh Chomharran Coileanaidh (PCCan) a tha sibh a’ moladh airson measadh a bheil na builean air an coileanadh, is mar a bhios sibh a’ trusadh fiosrachaidh bho chom-pàirtichean. Bu chòir na builean is PCCan seo a bhith sealltainn adhartais bliadhna-air-bliadhna ann am buaidh na dhreuchd.

Bidh Bòrd na Gàidhlig ag obair tro ìre mheasaidh na sgeama airson PCCan a’ cho-òrdanachadh tarsainn diofar buidhnean gus a bheil cunbhalachd ann eadar dhreuchdan air a mhaoineachadh is dòigh soilleir ann airson buaidh na sgeama a thomhais is air a thaisbeanadh san fharsaingeachd.

Bidh aig gach buidheann a tha a’ faighinn taic ri aithisg a chur a-steach do Bhòrd na Gàidhlig gach sia mìosan (aig deireadh an Fhaoillich is deireadh an Iuchair). Bu chòir na h-aithisgean seo iomradh a thoirt air gnìomhan a chaidh a dhèanamh, air adhartas a dh’ionnsaigh PCCan a chaidh aontachadh agus a bhith a’ gabhail a-steach geàrr-chunntas air teachd-a-steach is cosgaisean ri linn na dreuchd is fiosrachadh eile. Faodaidh gun iarr sinn fianais oirbh mar phàirt de na h-aithisgean no mar thoradh air an aithisg, a’ gabhail a-steach ach gun a bhith air cuingeachadh gu P60s/bileagan-pàighidh, cuidhteasan is fàirdealan.

Bidh sinn cuideachd ag iarraidh oirbh fiosrachadh àireamhachdail is càileachdail a thoirt seachad ri linn nan gnìomhan agaibh is fios bho bhuill na coimhearsnachd airson buaidh na dreuchd air Gàidhlig sa choimhearsnachd a shealltainn.

Bidh e comasach dhuibh na h-aithisgean a chur a-steach tro phortal iarrtasan Fluxx aig https://bng.fluxx.io, agus bidh e comasach teamplaid airson seo fhaicinn ma bhios an t-iarrtas agaibh soirbheachail.

Bidh sinn ag amas tro fhaid na Sgeama coinneamhan a chumail leis an neach san dreuchd is oifigear iomchaidh sam bith eile às dèidh dhuibh na h-aithisgean seo a chur a-steach gus bruidhinn air an adhartas agaibh is gus beachdan eile a thrusadh.

Ag aithneachadh taic

Mar bhuidheann phoblach, tha e cudromach dhuinn gu bheil fios aig a’ phoball air mar a tha sinn a’ cleachdadh ar cuid airgid, is mar sin tha e cudromach gu bheil sibh ag aithneachadh gun tug Bòrd na Gàidhlig taic-airgid dhan phròiseact agaibh far a bheil sin iomchaidh.

Ma tha an t-iarrtas agaibh soirbheachail, thèid iarraidh oirbh a bhith ag aithneachadh taic-airgid Bòrd na Gàidhlig ann an sanasachd sam bith de dhreuchdan air am maoineachadh leis an Sgeama, agus mar as iomchaidh tro bhrathan naidheachd no meadhanan sòisealta air obair an oifigeir.

Bidh sinn a’ faighneachd san fhoirm-iarrtais mar a bhios sibh an dùil an taic againn aithneachadh tro ùine an tabhartais ma tha an t-iarrtas agaibh soirbheachail agus feumaidh sibh fianais a chur thugainn san aithisg dheireannaich air mar a tha sibh air an taic-airgid againn aithneachadh.

Airson tuilleadh fiosrachaidh, nach toir sibh sùil air an Stiùireadh Aithneachaidh is Stiùireadh Brannd air an làraich-lìn againn.


Riatanasan airson daoine sna dreuchdan

Tha sinn an dùil gum bi daoine sna dreuchdan a tha a’ faighinn taic bhon Sgeama Oifigearan Gàidhlig a’ coileanadh nan slatan-tomhais riatanach gu h-ìosal, is gu bheil sanasan-obrach sam bith a’ cleachdadh nan slatan-tomhais riatanach is buannachdail a leanas:

Riatanach

  • Fileanta sa Ghàidhlig le deagh chomas labhairteach, leughaidh is sgrìobhaidh sa Ghàidhlig is sa Bheurla
  • Còir a bhith ag obair san Rìoghachd Aonaichte
  • Nam ball den sgeama Dìon Bhuidhnean So-leònte (PVG) (nam biodh an neach san dreuchd an sàs ann an gnìomhan a bhiodh ciallachadh gu bheil an dreuchd na “dhreuchd riaghlaichte”, m.e ag obair le no a’ cur tachartasan air dòigh do chloinn no inbhich so-leònte)

Na bhuannachd

  • Eòlas a-cheana air dreuchd oifigear Gàidhlig/leasachadh coimhearsnachd
  • Ceum no teisteanasan iomchaidh ann an Gàidhlig, leasachadh coimhearsnachd, no cuspair iomchaidh eile
San dreuchd

Thathar an dùil gum bi daoine sna dreuchdan a’ gabhail pàirt ann an coinneamhan Lìonra nan Oifigearan Gàidhlig air an cur air dòigh le Bòrd na Gàidhlig no buidhnean iomchaidh. Bidh iad seo air an cumail air-loidhne no aghaidh-ri-aghaidh mar as iomchaidh.

Thathar cuideachd an dùil gum bi daoine san dreuchd a’ gabhail cothroman leasachaidh proifeasanta a tha a’ nochdadh. Bidh Bòrd na Gàidhlig, ann an co-bhonn le buidhnean eile, a’ cur chothroman den leithid air dòigh tro chuairt an sgeama is bithear an dùil gum bi sibh, mar bhuidheann a’ toirt cead do, is a’ cumail taic ri daoine sna dreuchdan na cothroman sin a ghabhail. Thèid tuilleadh fiosrachaidh air seo fhoillseachadh mun àm a nithear co-dhùnaidhean air iarrtasan taic-airgid.


A’ cur iarrtas a-steach

Bu chòir dhuibh iarrtas a chur a-steach tro phortal iarrtasan Fluxx aig bng.fluxx.io. Faodaidh sibh cunntas a chruthachadh saor ’s an-asgaidh air an làraich-lìn sin is tha e comasach an t-adhartas agaibh leis an iarrtas a shàbhaladh fhad ‘s a tha sibh ag obair air. Faodaidh sibh gach faidhle-taic a chur a-steach tron phortal.

Dùnaidh portal nan iarrtasan aig 3f air Diardaoin 5 Ògmhios 2025 agus cha bhi e comasach iarrtas a chur a-steach às dèidh a’ chinn-uidhe sin ach a-mhàin ma fhuaras cead ro-làimh bho oifigearan Bhòrd na Gàidhlig.

Bu chòir dhan iarrtas a bhith air a chur a-steach le cuideigin le ùghdarras sa bhuidhinn agaibh gus seo a dhèanamh, mar as trice manaidsear, stiùiriche no urrasair.

Tha taic mionaideach ri fhaighinn air an fhiosrachadh a tha sinn a’ sireadh bho gach ceist.

Tha sinn a’ moladh gun tòisich sibh an t-iarrtas co-dhiù seachdain ro cheann-latha nan iarrtasan gus an urrainn dhuibh fios a chur thugainn ma tha duilgheadasan sam bith agaibh leis a’ phortal no ma tha ceistean sam bith agaibh a thaobh an iarrtais. Faodaidh sibh post-d a chur thugainn aig tabhartas@gaidhlig.scot.

Nuair a tha sibh a’ cur an iarrtais a-steach, feumaidh sibh lethbhreacan as ùr de na faidhlichean-taic riatanach a leanas a chur còmhla ris:

Riatanach

  • (Dreach) tuairisgeul-obrach airson na(n) dreuchd(an)
  • Bonn-stèidh no Meòrachan agus Artaigilean Companaidh
  • Na Cunntasan Bliadhnail mu dheireadh agus/no aithisg bhliadhnail gu OSCR
  • Poileasaidh Barantachaidh no Dìon Chloinne
  • Liosta de Bhuill a’ Bhùird no Chomataidh
  • Lethbhreac de dh’àrachas fèicheanas fastaiche na buidhne agaibh (ach mur eil luchd-obrach aig a’ bhuidhinn agaibh an-dràsta)

Air am moladh (ma tha iad rim faighinn)

  • Poileasaidh Gàidhlig
  • An Aithisg Bhliadhnail mu dheireadh
  • Poileasaidh co-ionannachd chothroman no Poileasaidh co-ionnanachd, iomadachd is in-ghabhaltachd
  • Poileasaidh no aithris àrainneachd
  • Litrichean-taic bho bhuidhnean eile stèidhichte sa choimhearsnachd

Mur eil na sgrìobhainnean a bharrachd a tha a dhìth air an cur a-steach còmhla ri iarrtas, bidh an t-iarrtas neo-cheadaichte agus cha tèid a mheasadh.

Feumaidh cunntas-banca san RA a bhith aig a’ bhuidhinn agaibh cuideachd, fo ainm na buidhne, nuair a tha sibh a’ cur an iarrtais a-steach. Ma tha a’ bhuidheann agaibh an sàs ann am pròiseas gus cunntas banca fhosgladh, chan urrainn dhan bhuidhinn agaibh iarrtas a chur a-steach.


Dleastanasan sòisealta

Tha dleastanasan aig Bòrd na Gàidhlig gus deagh chleachdadh a chur air adhart ann a bhith:

  • A’ lùghdachadh buaidh air an àrainneachd
  • A’ brosnachadh co-ionannachd chothroman do dhaoine le feart dìonte a rèir Achd Co-Ionannachd 2010
  • A’ brosnachadh chothroman do dhaoine òga a tha, no a tha air a bhith, fo chùram a rèir Achd na Cloinne is nan Daoine Òga (Alba) 2014

Bu mhath leinn gum bi na buidhnean is pròiseactan a tha a’ faighinn maoineachadh bhuainn cuideachd a’ cur ris na h-amasan seo, is bidh sinn a’ faighneachd dhibh san fhoirm-iarrtais mar a tha sibh an dùil gum bi am pròiseact agaibh a’ dèanamh seo.

Airson tuilleadh fiosrachaidh, nach leugh sibh fiosrachadh tro na ceanglaichean gu h-ìosal:

Obair Chothromach

Feumaidh buidhnean a tha a’ faighinn maoineachadh poblach ann an Alba cumail ri poileasaidh Obair Chothromach an Tòiseach aig Riaghaltas na h-Alba, agus mar sin feumaidh iad:

  • Co-dhiù am fìor Thuarastal Bith-beò a phàigheadh ri luchd-obrach is cùmhnantairean uile thairis air an aois 16; agus
  • Dòighean iomchaidh airson guth luchd-obrach èifeachdach, leithid aithneachadh aonaidhean-ciùird, a bhith ann

Thèid iarraidh oirbh mar phàirt den tagradh agus den aithris agaibh dearbhadh gu bheil sibh a’ cumail ris a’ phoileasaidh agus fianais a thoirt seachad gun do rinn sibh sin.

Tha tuilleadh stiùireadh air mar a tha sinne aig Bòrd na Gàidhlig a’ cur an gnìomh poileasaidh Obair Chothromach an Toiseach ri fhaighinn an seo, is tha stiùireadh bho Riaghaltas na h-Alba air a’ phoileasaidh ri fhaighinn an seo


Mar a làimhsicheas sinn is nì sin co-dhùnadh air ur n-iarrtas

Gheibh sibh post-d fèin-obrachail bhon phortal Fluxx a’ dearbhadh gun d’ fhuair sinn an t-iarrtas agaibh. Mur eil sibh air seo fhaighinn, dèanaibh cinnteach gu bheil sibh air an t-iarrtas agaibh a chur a-steach is nach eil sibh dìreach air a shàbhaladh.

Às dèidh a’ chinn-latha airson iarrtasan a chur a-steach, thèid sgrùdadh a dhèanamh air iarrtasan le oifigearan Bhòrd na Gàidhlig gus dearbhadh gu bheil iad a’ leantainn riaghailtean na maoine agus gu bheil iad a’ toirt seachad an fhiosrachaidh a tha a dhìth. Ma thathar den bheachd nach eil an t-iarrtas agaibh ceadaichte, thèid iarraidh oirbh seo a chur ceart. Mur eil an t-iarrtas agaibh gu tur a’ leantainn riaghailtean na maoine air Diardaoin 12 Ògmhios 2025 dh’fhaodadh gun tèid an t-iarrtas agaibh a dhiùltadh gun mheasadh.

Dh’fhaodte gun iarr Bòrd na Gàidhlig tuilleadh fiosrachaidh no mìneachaidh air fiosrachadh mu dheidhinn a’ phròiseict mar phàirt den phròiseas measaidh. Mur an tèid am fiosrachadh seo a thoirt seachad taobh a-staigh 5 làithean-obrach, tha sinn a’ glèidheadh na còrach an t-iarrtas agaibh a dhiùltadh.

Thèid gach iarrtas ceadaichte a mheasadh le pannal de dh’oifigearan aig Bòrd na Gàidhlig

Bidh iarrtasan air am measadh fa leth sa chiad dol a-mach airson dearbhadh mar a tha iad a’ freagairt air na slatan-tomhais a leanas:

  • Freagarrachd na dreuchd a rèir slatan-tomhais air t.d. 1
  • Buaidh air cleachdadh na Gàidhlig sa choimhearsnachd ri a bheilear an dùil bho thoraidhean obair an oifigeir
  • Cho soilleir is a tha an t-iarrtas a thaobh mar a bhios obair ann an com-pàirt ann eadar an t-oifigear is buidhnean coimhearsnachd eile
  • Luach an airgid air a thoirt seachad airson an tabhartas air iarraidh (a’ gabhail a-steach taic-airgid bho thùsan eile)
  • Comas na buidhne/an oifigeir gus na gnìomhan air mìneachadh a lìbhrigeadh
  • Comasan a bhith a’ sgrùdadh is ag aithris air adhartas (a’ gabhail a-steach eachdraidh sam bith de bhith a’ toirt seachad aithisgean a-cheana)
  • Coileanadh slatan-tomhais air Dleastanasan Sòisealta

Gheibhear stiùireadh nas mionaidiche air mar a thèid iarrtasan a mheasadh air làrach-lìn Bòrd na Gàidhlig

Stèidhichte air seo, coinnichidh am pannal is cuiridh iad molaidhean do Sgioba-stiùiridh Bòrd na Gàidhlig. Bidh an Sgioba-stiùiridh an uair sin ag amas gum bi solar iomchaidh de dhreuchdan oifigearan gu nàiseanta a thaobh cruinn-eòlas, le beachd air an àireamh is an dùmhlachd de luchd-labhairt na Gàidhlig a rèir cunntas-sluaigh na h-Alba 2022, mus tèid na molaidhean deireannaich a dhèanamh.

Thèid na molaidhean acasan an uair sin a chur dhan Bhòrd-stiùiridh (no comataidh air ainmeachadh) airson co-dhùnadh dheireannaich.

Thèid innse dhuibh mu cho-dhùnaidhean air an iarrtas agaibh tro phost-d anmoch san Ògmhios no tràth san Iuchar 2025.

Mur eil sibh riaraichte leis a’ cho-dhùnadh air an iarrtas agaibh, ged nach eil pròiseas ath-thagradh againn faodaidh sibh gearan a chur a-steach ma tha sibh den bheach nach deach dèiligeadh ris an iarrtas agaibh a rèir an stiùiridh agus an stiùireadh-measaidh. Airson tuilleadh fiosrachaidh, tha ar modhan gus dèiligeadh ri gearanan ri fhaighinn an seo


Iarrtasan soirbheachail

Ma tha an t-iarrtas agaibh soirbheachail, gheibh sibh brath bho Bhòrd na Gàidhlig sa chiad dol-a-mach tro phost-dealain mun t-sùim a chaidh a thabhann dhuibh is dearbhadh ma tha taic air aontachadh airson 1-bliadhna, 2-bliadhnan no suas ri Màrt 2028.

Thèid aonta taic-airgid airson bliadhna 1 a chur thugaibh an uair sin tro Docusign do na soidhnichean ainmichte agaibh airson gabhail ris is airson an Dearbhadh a thaobh Obair Chothromach a lìonadh. Bidh suas ri 30 latha agaibh gus an t-aonta taic-airgid a shoidhneadh is a thilleadh no thèid an tairgse taic-airgid a thoirt air ais.

Thèid a’ chiad phàigheadh den taic-airgid a thoirt dhuibh as t-samhradh 2025 às dèidh dhuibh an t-aonta a shoidhneadh agus aithisgean airson aontaidhean Sgeama Oifigearan Gàidhlig 2024/25 a chur a-steach (ma tha sin iomchaidh) no dearbhadh gun deach cuideigin fhastadh dhan dreuchd (mas e dreuchd ùr a th’ ann), is an uair sin thèid pàighidhean a chur thugaibh às dèidh dhuibh aithisgean adhartais a chur a-steach is iad air aontachadh, le ùmhlachd do choileanadh PCCan is coileanadh cumhaichean is riatanasan eile air a tha air an cur an cèill san aonta taic-airgid agaibh.

Thèid litrichean taic-airgid airson bliadhnaichean 2 is 3 air a thabhann dhuibh nas anmoiche (ma tha sin iomchaidh), a-rèir ur adhartais soirbheachail le bhith lìbhrigeadh a’ phrògram agaibh is PCCan iomchaidh a choileanadh.

Ma tha taic air a thabhann a-mhàin airson 1-bliadhna no 2-bliadhna, bidh cothrom agaibh cur a-steach airson tuilleadh taic tràth ann an 2026/tràth ann an 2027.


Iarrtasan nach eil soirbheachail

Mur eil an t-iarrtas agaibh soirbheachail, sgrìobhaidh sinn thugaibh le adhbharan airson a’ cho-dhùnaidh, agus bhitheamaid deònach bruidhinn ribh a thaobh cothroman taic eadar-dhealaichte fhaighinn.

Ma fhuair sibh taic tron Sgeama Oifigearan Gàidhlig ann an 2024/25, is ma tha neach san dreuchd aig àm a’ cho-dhùnaidh, bheir sinn sìneadh pro-rata air an aonta taic-airgid mu dheireadh agaibh gus 31 Lùnastal 2025 is bidh sinn ag obair còmhla ribh gus taic iomchaidh a thoirt seachad.


Tuilleadh fiosrachaidh

Airson tuilleadh fiosrachaidh mun mhaoin seo, tadhail air làrach-lìn Bhòrd na Gàidhlig no cuiribh fios gu tabhartas@gaidhlig.scot.

Tha freagairtean do cheistean cumanta ri linn mar a tha an sgeama ag obair rim faighinn an seo, is freagairtean coitcheann ri cheistean cumanta mu dheidhinn a’ mhaoineachaidh againn air an làraich-lìn againn.

Gheibhear fiosrachadh mu phrìobhaideachd a thaobh ar sgeamaichean maoineachaidh air an làraich-lìn againn.

Gheibhear cruthan eadar-dhealaichte den stiùireadh seo is de dh’fhoirmichean-iarrtas ma tha sibh ag iarraidh agus dh’ fhaodadh gun tèid iad air fhoillseachadh aig: https://www.gaidhlig.scot/gd/maoineachaidh/cothroman-maoineachaidh/sgeama-oifigearan-gaidhlig/

x  Powerful Protection for WordPress, from Shield Security
This Site Is Protected By
Shield Security