Taic Freumhan Coimhearsnachd
Tha cuairt 2027-29 den sgeama fosgailte gus 3f air Dimàirt 15 Dùbhlachd 2026.
Gheibhear fiosrachadh air pròiseactan a fhuair taic tron sgeama bho 2014/15 air adhart tro GrantNav.
’S e Taic Freumhan Coimhearsnachd a’ phrìomh mhaoin aig Bòrd na Gàidhlig airson taic a chur ri pròiseactan a bhios a’ cur air adhart cleachdadh is ionnsachadh na Gàidhlig aig ìre na coimhearsnachd ann an Alba. Tha an sgeama fosgailte ris an dà chuid buidhnean coimhearsnachd agus daoine fa-leth.
Tha an sgeama a’ tabhann shuas ri 2 bhliadhna de thaic-airgid airson phròiseactan a tha gan ruith eadar Màrt 2027 is Lùnastal 2029, a’ gabhail a-steach phròiseactan fad-ùineach agus pròiseactan a tha a’ ruith gach bliadhna. ’S e £200,000 am buidseat ris a bheil dùil airson an sgeama, ach tha seo ri dhearbhadh a-rèir buidseat Bòrd na Gàidhlig 2027/28.
Faodaidh buidhnean shuas ri £6,000 iarraidh airson phròiseactan a mhaireas shuas ri 12 mìosan, no shuas ri £12,000 airson phròiseactan a mhaireas barrachd na 12 is nas lugha na 24 mìosan. Faodaidh daoine fa-leth shuas ri £6,000 iarraidh airson phròiseactan a mhaireas shuas ri 24 mìosan.
Tha co-fharpais air a bhith ann tro chuairtean eile den sgeama seo (2026-28: 54/67 maoinichte, 2025-27: 48/68 maoinichte, 2024-26: 39/100 maoinichte), agus mar sin tha sinn an dùil nach gabh againn ri taic-airgid a thabhann do gach iarrtas a dh’fhaodadh a bhith air am meas freagarrach.
Bidh sùbailteachd san sgeama airson taic a chumail ri iomadh seòrsa pròiseict a tha ag amas air daoine a thoirt còmhla gus Gàidhlig a chleachdadh, ach tha sinn gu sònraichte airson taic a chumail ri:
- Tachartasan Gàidhlig sa choimhearsnachd agaibh is air-loidhne
- Pròiseactan is cothroman a tha a’ brosnachadh dhaoine òga a’ Ghàidhlig a chleachdadh còmhla taobh a-muigh na sgoile
- Pròiseactan a tha brosnachadh cleachdadh na Gàidhlig am measg theaghlaichean is eadar ghinealaichean
- Ionnsachadh inbhich Gàidhlig sa choimhearsnachd
- Colmcille – Togail cheanglaichean eadar luchd-labhairt na Gàidhlig is Gaeilge
Anns an iarrtas agaibh, tha sinn airson ’s gum mìnich sibh mar a bhios am pròiseact agaibh a’ freagairt air aon no barrachd air aon de na h-amasan seo. Bu chòir dhuibh cuideachd a bhith mothachail air mar a bhios am pròiseact agaibh a’ cur ri Plana Corporra Bòrd na Gàidhlig 2023-28 agus ri Plana Nàiseanta na Gàidhlig 2023-28.
Gheibhear ceangal gu stiùireadh do thagraichean agus foirm-iarrtais gu h-ìosal. Ma tha ceistean sam bith agaibh, cuiribh post-dealain gu tabhartas@gaidhlig.scot.
Ceann-latha airson Iarrtasan
Bu chòir iarrtas a chur a-steach gu Bòrd na Gàidhlig cho luath ’s as urrainn agus gun a bhith nas anmoiche na 3f air Dimàirt 15 Dùbhlachd 2026. Cha bhi e comasach iarrtas a chur a-steach an dèidh sin ach ma fhuaras sibh cead bho oifigearan Bhòrd na Gàidhlig.
Stiùireadh 2027-29 (Duilleag làrach-lìn) / (PDF)
Foirm-iarrtais (air Portal iarrtasan maoineachaidh Bhòrd na Gàidhlig)
Taic le bhith lìonadh am foirm-iarrtais
Fiosrachadh mu Phrìobhaideachd
Is dòcha nach bi e comasach do leughadair-sgrìn cuid de na PDFan air an duilleag seo a leughadh. Ma tha gin de na sgrìobhainnean seo a dhìth oirbh ann an cruth eile, nach cuir sibh post-d gu oifis@gaidhlig.scot.
