Seiseanan Fosgailte TFC
Tha Sgeama Taic Freumhan Coimhearsnachd fosgailte do dh’iarrtasan an-dràsta ach cò dha a tha e, dè an taic a tha ri fhaighinn, agus ciamar a thèid iarrtas a chur a-steach?
Tha Manaidsear Maoineachadh is Phròiseactan Bhòrd na Gàidhlig, Steven Kellow, air dà sheisean fosgailte a chur air dòigh gus cothrom a thoirt dhuibh ur ceistean fhaighneachd. Thèid a’ chiad seisean a lìbhirgeadh sa Ghàidhlig a-mhàin agus thèid an dàrna fear a lìbhrigeadh gu dà-chànanach.
Cinn-là na sheisenaan:
- Seisean Gàidhlig – 10.11.25 aig 10m
- Seisean dà-chànanach – 13.11.25 aig 2f
Lorgar barrachd fiosrachaidh mu na seiseanan seo agus faodar clàradh air an son tro Eventbrite an seo.
