Sgeama nan Oifigearan Gàidhlig a’ tasgadh ann an Coimhearsnachdan

Tha Bòrd na Gàidhlig air mìneachadh mar a bhios iad a’ riarachadh mhaoineachadh airson oifigearan Gàidhlig tro chuairt ùr de sgeama nan Oifigearan Gàidhlig. Tha an sgeama air a mhaoineachadh le Riaghaltas na h-Alba agus Bòrd na Gàidhlig ann an com-pàirteachas agus cumaidh e taic ri 27 obraichean stèidhichte ann am farsaingeachd de bhuidhnean agus iad ag obair gus Gàidhlig a leasachadh ann an coimhearsnachdan air feadh na h-Alba. Gheibh grunn bhuidhnean taic ioma-bliadhna airson a’ chiad uair.
Chaidh a’ chuairt maoineachaidh as ùire fhosgladh sa Chèitean agus dhùn i do thagraidhean ùra san Ògmhios. Rinneadh grunn atharrachaidhean ris an sgeama a bh’ ann roimhe, a’ gabhail a-steach taic a bharrachd agus leasachadh proifeiseanta do dh’oifigearan Gàidhlig. Fhuair Bòrd na Gàidhlig 44 tagraidhean bho raon farsaing de charthannasan, le measgachadh de bhuidhnean a fhuair taic roimhe agus buidhnean a bha ag iarraidh taic airson a’ chiad uair.
Bha aig tagraichean dhan sgeama ri farsaingeachd de shlatan-tomhais a choileanadh agus a bhith a’ mìneachadh mar a lìbhrigeadh iad a thaobh nam prìomhachasan aig Bòrd na Gàidhlig, a’ gabhail a-steach a bhith a’ cumail taic ri cleachdadh làitheil na Gàidhlig, a’ cruthachadh phlanaichean Gàidhlig coimhearsnachd agus a’ cumail taic ri obair com-pàirteachais eadar buidhnean a tha a’ lìbhrigeadh sheirbheisean Gàidhlig.
Thuirt Iain Mac a’ Mhaoilein, Stiùiriche Leasachaidh Bòrd na Gàidhlig:
“Tha Bòrd na Gàidhlig ro thoilichte gum bi oifigearan a fhuair maoineachadh tron sgeama seo a-nis ag obair gus deagh bhuaidh a thoirt air a’ Ghàidhlig sna coimhearsnachdan aca. Nì na h-oifigearan seo eadar-dhealachadh soilleir agus follaiseach tron obair agus tron chom-pàirteachadh aca. Tha sinn a’ dèanamh fiughair ri fàs ann an obair com-pàirteachais agus sinn a’ toirt comas do bhuidhnean gus ceanglaichean a thogail gus lìbhrigeadh air feadh nan coimhearsnachdan againn.”
Thuirt an Leas-phrìomh Mhinistear Ceit Fhoirbeis:
“Tha an tasgadh seo de £600,000 ann an iomairt nan Oifigearan Gàidhlig ag amas air taic a thoirt do shoirbheachas na Gàidhlig ann an sgìrean traidiseanta leithid nan Eilean Siar agus an Eilein Sgitheanaich. Tha Oifigearan Gàidhlig a’ cur beairteas ri coimhearsnachdan agus taic ri gnìomhan a bheir buannachdan eaconamach do dh’Alba.
“Gus taic a chumail ri fàs na Gàidhlig, bidh Bile nan Cànan Albannach againn a’ neartachadh còraichean nam pàrantan a bhith ag iarraidh gun tèid sgoil Ghàidhlig a stèidheachadh anns na sgìrean aca, agus bheir e a-steach targaidean a thaobh àireamh nan daoine a tha a’ bruidhinn na Gàidhlig.”
Gheibhear barrachd fiosrachaidh mu Sgeama nan Oifigearan Gàidhlig aig Bòrd na Gàidhlig an seo.
Bidh Bòrd na Gàidhlig a’ ruith grunn sgeamaichean maoineachaidh aig diofar amannan tron bhliadhna. Ma tha sibh airson bruidhinn ri Bòrd na Gàidhlig mu chothroman maoineachaidh do bhuidhnean agus do phròiseactan, cuiribh post-d gu: tabhartas@gaidhlig.scot.