Sgeama Oifigearan Gàidhlig air Fhosgladh do dh’Iarrtasan

Tha Bòrd na Gàidhlig air maoin Sgeama nan Oifigearan Gàidhlig fhosgladh do dh’iarrtasan gus taic a chumail ri buidhnean stèidhichte sa choimhearsnachd gus oifigear fhastadh gus gnìomhan is leasachadh Gàidhlig a dhèanamh.

Tha a’ chuairt seo den sgeama a’ cur fòcas air buaidhean nas làidire is nas fhaicsinniche fhaighinn bho dhreuchdan gus taic a chumail ri cleachdadh na Gàidhlig ann an coimhearsnachdan. Tha sinn gu sònraichte airson taic a chumail ri tuilleadh obair ann an com-pàirteachas, measadh nas fheàrr air toraidhean cànain agus barrachd trèanaidh is taic proifeasanta do dh’oifigearan.

Tha fàilte air iarrtasan bho charthannasan Albannach clàraichte no companaidhean leas coimhearsnachd clàraichte ann an Alba gus dreuchd ùr a chruthachadh, no gus leudachadh air dreuchd leasachadh Gàidhlig a th’ ann mar-thà.

Bidh an sgeama seo freagarrach airson dreuchdan a tha:

  • A’ cumail taic ri cleachdadh làitheil den Ghàidhlig ann an coimhearsnachdan
  • Leasachadh air cur air dòigh is cur an gnìomh planaichean Gàidhlig coimhearsnachd
  • Cumail taic ri ionadan Gàidhlig is tachartasan annta
  • A’ dol an sàs ann an obair ann an com-pàirt eadar buidhnean a tha lìbhrigeadh seirbheisean Gàidhlig

Thèid ceithir seisean-fiosrachaidh a lìbhrigeadh gus cothrom a thoirt do dhaoine ceistean fhaighneachd agus bruidhin rinn mun sgeama. Thèid dhà dhiubh a lìbhrigeadh sa Ghàidhlig agus dhà dhiubh sa Bheurla;

  • Dimàirt, 13 Cèitean aig 2f (Gàidhlig)
  • Dimàirt, 13 Cèitean aig 7f (Beurla)
  • Diluain, 19 Cèitean aig 11m (Beurla)
  • Diluain, 19 Cèitean aig 7f (Gàidhlig)

Faodar clàradh airson na seiseanan air Eventbrite an seo.

Dùnaidh an sgeama aig 3f air Diardaoin, 5mh an t-Ògmhios 2025. Ma tha sibh airson bruidhinn rinn mun sgeama neo mun iarrtas agaibh, leig fios gu tabhartas@gaidhlig.scot.

Lorgar barrachd fiosrachaidh mun sgeama agus mar a thèid iarrtas a chur a-steach air a shon an seo.

x  Powerful Protection for WordPress, from Shield Security
This Site Is Protected By
Shield Security