Sgrùdadh air ionnsachadh is cùram-chloinne tràth-bhliadhnaichean agus seirbheisean cùram-chloinne aois sgoile ann an Alba

Tha Bòrd na Gàidhlig air freagairt a chuir a-steach don cho-chomhairle le Riaghaltas na h-Alba air: Sgrùdadh air tràth-ionnsachadh agus cùram-chloinne agus seirbheisean cùram-chloinne aois sgoile ann an Alba.

Anns an fhreagairt bha na puingean a leanas:

Tha sinn gu math iomagaineach nach eil an lèirsinn a thathar a’ moladh ag aithneachadh taobh bhunaiteach de dh’fhoghlam na h-Alba – gum bi lìbhrigeadh foghlaim ann an Alba a’ tachairt tro mheadhan na Beurla no tro mheadhan na Gàidhlig. Tha an dearmad bunaiteach seo a’ toirt buaidh air gach taobh den cho-chomhairle seo agus mar thoradh air seo, tha grunn bheàrnan anns na molaidhean.

Tha sinn a’ toirt fa-near do na h-iomraidhean air Putting Children at the Centre, rud air a bheil sinn a’ cur fàilte mhòr, ach tha sinn diombach nach eil na beachdan agus na molaidhean a thaobh Gàidhlig agus FtG ann an aithisg an Àrd-ollaimh Muir, a rèir coltais, air buaidh a thoirt air na dreachd mholaidhean airson sgrùdadh air Tràth-ionnsachadh agus Cùram-chloinne.

Tha e soilleir gu bheil barrachd obrach a dhìth gus dèanamh cinnteach gu bheil na molaidhean air a bheilear a’ beachdachadh sa cho-chomhairle seo a’ coinneachadh gu h-iomlan ri feumalachdan roinn ELC na h-Alba a tha a’ toirt seachad foghlam ann an dà chànan, an dàrna cuid Gàidhlig no Beurla. Ged a bhios dùbhlan fhathast ann le bhith ag ath-sgrìobhadh cuid de na raointean, tha sinn làn chinnteach gun gabh seo a dhèanamh le taic bho Bhòrd na Gàidhlig agus buidhnean nàiseanta eile.

Gheibhear am freagairt slàn an seo.