Freagairt air Co-chomhairleachadh: Stiùireadh air Compàirteachadh Èifeachdach le Coimhearsnachdan ann am Planadh Leasachaidh Ionadail

Chur Bòrd na Gàidhlig freagairt a-steach dhan cho-chomhairle Stiùireadh air compàirteachadh èifeachdach le coimhearsnachdan ann am planadh leasachaidh ionadail le Riaghaltas na h-Alba.  Am measg na puingean a chaidh a thogail, thuirt sinn:

Tha Bòrd na Gàidhlig a’ freagairt ris a’ cho-chomhairleachadh a chionn ’s gu bheil sinn ag iarraidh gum bi a’ Ghàidhlig ga h-aithneachadh gu leòr agus gu h-iomchaidh san Stiùireadh air Compàirteachadh le Coimhearsnachdan ann am Planadh Leasachaidh Ionadail.

Tha sinn a’ cur fàilte air far a bheil an ICIA ag ràdh gu bheil Nota Comhairle Planaidh 3/2010: Compàirteachadh Choimhearsnachdan” stèidhichte mu thràth agus gu bheil e a’ gabhail a-steach stiùireadh a thaobh feumalachdan mhion-bhuidhnean agus solarachadh fiosrachaidh ann an cànanan eile, a dh’fhaodadh a bhith a’ gabhail a-steach Gàidhlig”.

Tha sinn cuideachd a’ cur fàilte air a’ phuing nach bi an ECEG ag òrdachadh altan-obrach sònraichte airson compàirteachadh, nì a tha ga fhàgail airson suidheachadh na sgìre ionadail”. A bharrachd air sin, tha sinn a’ cur fàilte air: “Tha seo cuideachd a’ fàgail fosgailte am bu chòir cànanan leithid Gàidhlig/Albais a chleachdadh mar a bhiodh freagarrach ann an suidheachaidhean ionadail”. 

Gheibhear am freagairt slàn an seo.