Tha Bòrd na Gàidhlig ag iarraidh air buidhnean ann an Alba a tha a’ toirt taic agus brosnachadh dhan Ghàidhlig tagradh a dhèanamh airson tabhartasan suas ri £5,000, às dèidh dhaibh an sgeama maoineachaidh coimhearsnachd aige airson 2020/21 a chur air bhog.

Chaidh buidseat de £125,000 a chur an dàrna taobh airson sgeama tabhartasan coimhearsnachd Taic Freumhan Coimhearsnachd agus thathar ag iarraidh air buidhnean a tha airson pròiseact ionadail a lìbhrigeadh a bhios a’ brosnachadh na Gàidhlig tagradh a dhèanamh.

An-uiridh, thug Bòrd na Gàidhlig maoineachadh do 74 pròiseactan – a’ gabhail a-steach buidhnean saor-thoileach, iomairtean sòisealta, buidhnean spòrs, creideimh, sgoile agus ealan.

Am measg na fhuair airgead an-uiridh bha Eaglais Shaor Gharraboist a chleachd £3,200 bho Bhòrd na Gàidhlig agus maoineachadh eile, gus cuideachadh le bhith a’ gleidheadh ​​seata de chlàran de Leòdhasaich a’ leughadh an Tiomnaidh Nuaidh ann an cruth didseatach.

Rinneadh na clàraidhean seo de choithional Eaglais Shaor a’ Chnuic anns na 1980an. Tha i a-nis air a h-aonachadh le Eaglais Shaor Gharraboist, agus thathar an dòchas gum bi na clàraidhean seo nan goireasan luachmhor dhaibhsan uile a tha ag ionnsachadh na Gàidhlig.

Cuideachd chaidh tabhartas de £3,400 a thoirt do dh’Urras an Taobh Sear (Urras Coimhearsnachd Stafainn) gus leantainn orra leis a’ chùrsa shònraichte a tha e air a bhith a’ ruith bho 2013, leis an ainm Àrainneachd, Cànan is Dualchas ann an Stafainn san Eilean Sgitheanach, fear de na h-àiteachan as brèagha san dùthaich.

Fhuair Urras Taigh-dhealbh Birks, a bhios a’ ruith Taigh-dhealbh Birks ann an Obar Pheallaidh a tha fo shealbh na coimhearsnachd, ann am Peairt is Ceann Rois, £1,300 gus cuideachadh le bhith a’ cumail cafaidh agus tachartasan Gàidhlig.

Thuirt Màiri NicAonghais, Cathraiche Eadar-amail Bhòrd na Gàidhlig, gur e prìomh amas sgeama na bliadhna seo taic a thoirt do phròiseactan a tha a’ brosnachadh cleachdadh na Gàidhlig taobh a-muigh na sgoile airson sgoilearan FtG, a’ brosnachadh cleachdadh na Gàidhlig san dachaigh, a’ cur air adhart Gàidhlig ann an coimhearsnachdan agus a’ cuideachadh barrachd inbhich le bhith ag ionnsachadh agus a’ cleachdadh na Gàidhlig, agus ag amas air ruigsinneachd agus mothachadh nas fheàrr air dualchas Gàidhlig na h-Alba.

Thuirt i:

“Tha na 74 pròiseactan dhan tug sinn maoineachadh air obair ionmholta a dhèanamh gus a’ Ghàidhlig a bhrosnachadh agus a chur air adhart.

“Tha clàraidhean Eaglais Shaor a’ Chnuic nan goireas iongantach, agus tha fèill mhòr air cùrsa Àrainneachd Urras an Taobh Sear agus air cafaidh agus tachartasan Urras Taigh-dhealbh Birks.

“Tha sinne aig Bòrd na Gàidhlig air leth toilichte taic a thoirt dhaibh agus tha sinn a’ cur ìmpidh air buidhnean eile a tha dealasach a bhith a’ brosnachadh agus a’ fàs na Gàidhlig gus tagradh a dhèanamh airson na cuairt maoineachaidh ùire seo.”

 

Thuirt Daibhidh Moireach, Clèireach Seisean Eaglais Shaor Gharraboist;

“Thug maoineachadh Bhòrd na Gàidhlig bhon mhaoin Taic Freumhan Coimhearsnachd aige cothrom dhuinn faidhleachan fuaim de thionndadh claisneachd den Tiomnadh Nuadh Gàidhlig a rinneadh le buill a’ choithionail anns na 1980an a dhidseatachadh. Fhuair sinn taic airgid bho Urras an Rubha agus Shanndabhaig gus am pròiseact seo a chrìochnachadh.

“Às aonais maoineachadh Taic Freumhan Coimhearsnachd tha e coltach gum biodh na clàraidhean claisneachd seo air an call, leis gu robh na teipichean sean agus gun robh glè bheag de sheataichean de na clàraidhean claisneachd air mairsinn. Thug a’ mhaoin cothrom dhuinn eòlaiche TF ionadail fhastadh gus an obair a dhèanamh gus na clàran a dhidseatachadh agus a ghlanadh.

“Tha an Clàradh Fuaim den Tiomnadh Nuadh na thasglann luachmhor de luchd-labhairt Gàidhlig na sgìre agus tha sinn air leth toilichte gun deach a ghleidheadh. Tha sinn an dùil làrach-lìn a dhèanamh airson nam faidhleachan fuaime ann an ùine nach bi ro fhada.

“Tha maoin Taic Freumhan Coimhearsnachd na cuideachadh mòr airson obair leasachaidh Gàidhlig aig ìre na coimhearsnachd.”

 

Thuirt Sìne Gillespie, aig Urras an Taobh Sear:

“Tha Àrainneachd, Cànan is Dualchas na chùrsa a chruthaich Ruaraidh MacIlleathain dhaibhsan a tha fileanta no cha mhòr fileanta sa Ghàidhlig. Tha an cùrsa a’ toirt innealan teagaisg do dh’oileanaich a tha riatanach chan ann a-mhàin do luchd-foghlaim ach do dhuine sam bith a tha dealasach mu Alba na Gàidhlig. Ionnsaichidh oileanaich gu bheil 130 facal Gàidhlig ann airson iomradh a thoirt air beinn. Rud a tha gu sònraichte tlachdmhor feumail, ’s e na liostaichean aig Ruairidh de dh’ainmean Gàidhlig air eòin-mara, fiadh-bheatha agus craobhan Albannach.

“Gheibh oileanaich a nì an cùrsa seo cothrom air beartas de stuthan a tha a’ ceangal cànan, cultar agus àrainneachd Gàidhlig na h-Alba ri chèile. Gu dearbha, ’s e a th’ ann an Àrainneachd, Cànan is Dualchas ach an obair beatha aig tosgaire na Gàidhlig aig àird a chumhachdan. Agus tha Àrainneachd, Cànan is Dualchas air a neartachadh barrachd le bhith freumhaichte ann an coimhearsnachd far a bheilear a’ bruidhinn na Gàidhlig gu siùbhlach.

“Cha bhiodh e comasach do dh’Urras Coimhearsnachd Stafainn an cùrsa mìorbhaileach seo a chumail mura robh taic ionmhasail againn. Tha sinn air a bhith fìor fhortanach tabhartas fhaighinn thairis air seachd samhraidhean bho Bhòrd na Gàidhlig.

“Tha sinne agus na com-pàirtichean againn taingeil dha-rìribh do Bhòrd na Gàidhlig a tha – tron ​​sgeama Taic Freumhan Coimhearsnachd aca – air ar cuideachadh ann an coimhearsnachd Stafainn gus togail gu mòr air a’ chliù againn mar àite fìor mhath airson cùrsaichean Gàidhlig air a’ bhlàr a-muigh.

“Mar urras coimhearsnachd, tha Urras an Taobh Sear mothachail air na buannachdan eaconamach co-cheangailte ri seo cho math ris an fheadhainn a thig bho bhith a’ tasgadh ann an leasachadh for-ghnìomhach a’ chànain shònraichte agus luachmhor againn. ”

 

Fiosrachadh as ùire: Tha an t-àm airson iarrtasan a chur a-steach airson an sgeama seo air a dhol seachad. Faodar barrachd fiosrachaidh a lorg mu na sgeamaichean maoineachaidh againn an seo.