Am Bòrd-stiùiridh

Air a’ Bhòrd-stiùiridh tha an Cathraiche agus sianar Bhall agus bidh iad a’ coinneachadh gu cunbhalach tron bhliadhna.

Thèid Buill a’ Bhùird-stiùiridh a chur an dreuchd le Ministearan na h-Alba. Mar as trice bidh buill neo-dhreuchdail a’ Bhùird-stiùiridh air a’ Bhòrd-stiùiridh airson ceithir bliadhna, ach dh’fhaoidte nach bithear a’ cumail ri seo gus dèanamh cinnteach gum bi leantalachd ann am ballrachd a’ Bhùird-stiùiridh.

Tha uallach air a’ Bhòrd-stiùiridh airson àrd-stiùireadh, iùl ro-innleachdail, rian air cunnartan agus siostaman in-smachd, planadh co-arbais, agus coileanadh na buidhne. Bidh am Bòrd-stiùiridh a’ coileanadh an dleastanasan le coinneamhan cunbhalach agus coinneamhan sònraichte, ma bhios feum orra. Tha am Bòrd-stiùiridh air cuid a chùisean a ghleidheadh fo an ùghdarras fhèin airson beachdachadh orra agus an aontachadh. Nam measg tha cùisean ro-innleachdail, cunnartan don bhuidhinn, aontachadh ris a’ bhuidseat bhliadhnail, aontachadh ri cùmhnantan tàbhachdach agus planadh airson leantalachd luchd-dreuchd an sgioba stiùiridh.

Buill a’ Bhùird-stiùiridh

Màiri NicAonghais (Cathraiche)

Tha Màiri NicAonghais an sàs ann an grunn dhreuchdan is cùisean co-cheangailte ris a’ Ghàidhlig agus foghlam na Gàidhlig sa choimhearsnachd aice: a’ gabhail a-steach na tràth-bhliadhnaichean, foghlam bun-sgoile agus ionnsachadh do dh’inbhich. Tha Màiri na ceannard air Sgoil an Ìochdair, cuideachd tha i na ball de Bhuidheann nan Eilean Siar airson na Dòigh-ionnsachaidh 1+2 Chànan. Tha Màiri na Cathraiche air Ceòlas Uibhist Earranta, buidheann ealain Ghàidhlig chliùiteach. Tha i cuideachd air a bhith na ball de ghrunn bhùird roimhe airson buidhnean nàiseanta, leithid Comhairle Ealain na h-Alba agus Comataidh Craoladh Gàidhlig. B’ i aon de na buill a stèidhich Cothrom agus bha i am measg nan daoine a stèidhich Fèis Tìr a’ Mhurain agus bha i na h-oifigear-leasachaidh airson na fèise.

Dòmhnall MacLeòid

‘S ann à Càrlabhagh, Eilean Leòdhais a tha Dòmhnall MacLeòid agus tha e fileanta ann an Gàidhlig. Rinn e Gàidhlig agus Poilitigs aig Oilthigh Obar Dheathain agus an uair sin chaidh e na thidsear àrd-sgoile. An-diugh tha e a’ teagasg Chuspairean Sòisealta agus Creideamh & Moraltachd aig Àrd-sgoil MhicNeacail ann an Steòrnabhagh. Tha e air a bhith an sàs ann an iomadh buidheann eadar-dhealaichte, nam measg buidhnean proifeiseanta, urrasan, còisirean, comainn eachdraidh, buidhnean coimhearsnachd agus eaglaisean.  Is e Dòmhnall an cathraiche a th’ air Comataidh Poileasaidh agus Ghoireasan Bhòrd na Gàidhlig.

Johan Nic a’ Ghobhainn

Tha  Johan Nic a’ Ghobhainn à Barbhas ann an Leòdhas, tha  Gàidhlig aice bhon ghlùin agus rinn i Gàidhlig agus Sòiseòlas ann an Oilthigh Obar Dheathain. Nuair a bha i an sàs ann an turasachd chultarach, agus nuair a bha i ag obair mar Oifigear Leasachaidh Foghlaim, thadhail i air iomadh coimhearsnachd air feadh na h-Alba, a’ cumail taic ri iomairtean ionadail. Tha i air cur gu mòr ri tòrr de na goireasan a rinneadh le roinn foillseachaidh na Gàidhlig thairis air na 25 bliadhna mu dheireadh agus i ag obair mar dheasaiche agus ath-leughadair.  Tha Johan a’ toirt eòlas pearsanta dhan bhòrd de bhith ag obair taobh a-staigh coimhearsnachd na Gàidhlig agus a’ cur aghaidh air na dùbhlain a tha ann a bhith a’ togail taic dhan Ghàidhlig ann an sgìrean far nach eil luach a’ chànain cho aithnichte fhathast.

Ailean Caimbeul

Tha Ailean air a bhith gu mòr an sàs ann an saoghal na Gàidhlig agus ath-bheothachadh na Gàidhlig fad còrr is 40 bliadhna agus bha e na chomhairliche shònraichte aig Buidheann Chomhairleachaidh an Riaghaltais air a’ Ghàidhlig. Chaidh Ailean fhastadh mar Cheannard air Bòrd na Gàidhlig (Alba), a’ bhuidheann a bha ann ro Bhòrd na Gàidhlig agus lean e air mar Cheannard nuair a chaidh a’ bhuidheann a th’ againn an-diugh a stèidheachadh ann an 2005.  Fhuair e Dotaireachd Urramach bho Oilthigh Obar Dheathain ann an 2008 airson na chuir e ri leasachadh na Gàidhlig agus ann an 2010, chaidh ainmeachadh mar thosgaire Gàidhlig na bliadhna le Riaghaltas na h-Alba.  A bharrachd air a chuid eòlais air leasachadh na Gàidhlig, tha Ailean a’ toirt leis sgilean a thaobh margaidheachd, leasachadh eaconamach is coimhearsnachd agus craoladh dhan Bhòrd.   Thar nam bliadhnaichean bha Ailean na bhall air bùird mhòran bhuidhnean Gàidhlig.  Tha e na Cheann-cinnidh Urramach aig Comann Gàidhlig Inbhir Nis agus chaidh a thaghadh mar Cheann-suidhe a’ Chomuinn Ghàidhealaich ann an 2017.

Jennifer Gilmour

Tha Jennifer na stiùiriche-cluiche aig Cròileagan Dhùn Èideann.  Dh’ionnsaich Jennifer Gàidhlig, agus cheumnaich i o chionn ghoirid le BA ann an Gàidhlig agus Leasachadh bho Shabhal Mòr Ostaig.  Tha Jennifer na ball air comataidh Chomann nam Pàrant Dhùn Èideann agus bha i na neach-tionail na buidhne airson dà bhliadhna rè na h-iomairt soirbheachail gus sgoil Ghàidhlig a stèidheachadh an Dùn Èideann.  Tha Jennifer ag obair aig Riaghaltas na h-Alba mar Oifigear Phoileasaidh agus tha i air comataidh Mòd Ionadail Dhùn Èideann.

Stewart MacLeòid

’S ann à Leòdhas a tha an Dr Stewart MacLeòid agus chaidh e gu Sgoil a’ Bhac agus gu Àrd-sgoil MhicNeacail ann an Steòrnabhagh. Rinn e Ceum ann an Cànan agus Litreachas na Beurla ann an Oilthigh Obar Dheathain agus fhuair e PhD stèidhichte air rannsachadh mu mhion-chànanan na h-Alba – a’ Ghàidhlig agus a’ Bheurla-Ghallta. Tha e teisteanaichte mar chunntasair agus tha e na bhall den Institiud Cairte airson Ionmhas Poblach agus Cunntasachd (Chartered Institute of Public Finance and Accountancy – CIPFA).  Tha a chùrsa-obrach air a bhith co-cheangailte ri ionmhas poblach: tha e air obrachadh ann an riaghaltas ionadail ann an Alba, tha dreuchdan àrd-ìre air a bhith aige le CIPFA agus sna beagan bhliadhnaichean mu dheireadh, tha e air obrachadh air pròiseactan leasachaidh eadar-nàiseanta air am maoineachadh le DFID, Banca na Cruinne agus an t-AE, a’ toirt taic theignigeach agus trèanadh ionmhasail do riaghaltasan agus buidhnean poblach eile ann an còrr is 25 dùthchannan fo leasachadh. Tha e air a bhith a’ seinn ann an Còisir Ghàidhlig Lodainn bho 1998 agus tha e air a bhith na Oide Gàidhlig dhan chòisir bho 2018. Tha e na Chathraiche air a’ Chomataidh Sgrùdadh agus Dearbhaidh.

Dòmhnall MacAoidh

Rugadh agus thogadh Dòmhnall MacAoidh ann a sgìre na Pàirce ann an Leòdhais leis a’ Gàidhlig aige bhon ghlùn. Às dèidh dha Einnseanaireachd  Mheacanaigeach a dhèanamh sa cholaiste, ghluais e a dh’Obar Dheathain gus dreuchd a leantainn ann an gnìomhachas na h-ola. Às dèidh sin, chuir e seachad 16 bliadhna ag obair ann an Àisia, Afraga, an Ruis agus Nirribhidh, mus do thill e a dh’Alba. Tha e a-nis a’ fuireach ann an Siorrachd Obar Dheathain agus bidh e gu tric a’ dol air ais agus air adhart a Leòdhas.

Thug an ùine aige ann an dùthchannan cèin, far an do dh’ionnsaich e cànanan agus cultaran ùra, fìor thuigse dha mun luach a th’ ann a bhith dà-chànanach. Bu mhath leis gum biodh barrachd tuigse ri fhaicinn air feadh na dùthcha de luach ar cànain, chan ann a-mhàin taobh a-staigh ar coimhearsnachdan, ach mar dhòigh air cothroman fhosgladh dhuinn air feadh an t-saoghail.

Tha e a’ toirt leis 20 bliadhna de dh’eòlas air stiùiridh aig àrd-ìre bho ghnìomhachas na h-ola gu a dhreuchd mar bhall aig Bord na Ghàidhlig.

Còd-giùlain

Com-pairtean nam Ball, Damhair 2021

Gnàth-riaghailtean, Sultain 2021

Aithisg Riochdachadh Gnè, An Giblean 2021

Fiosrachadh air tuarastalan

Bithear a’ foillseachadh fiosrachadh air tuarastalan Buill Bhòrd na Gàidhlig ann an Aithisg is Cunntasan Bliadhnail a’ Bhùird.