£142k ga chur gu pròiseactan coimhearsnachd air feadh na h-Alba

Tha Bòrd na Gàidhlig (BnG) toilichte a ràdh gu bheil iad a’ cur £142,000 gu 54 pròiseact stèidhichte ann an coimhearsnachdan air feadh na h-Alba tro sgeama Taic Freumhan Coimhearsnachd (TFC).

 

Chaidh an sgeama TFC a stèidheachadh gus taic a thoirt do bhuidhnean coimhearsnachd gus pròiseactan a chur an gnìomh a bhios a’ cur ri prìomhachasan a’ Phlana Cànain Nàiseanta Ghàidhlig.

 

Tha 54 pròiseact gu bhith a’ faighinn taic-airgid bho sgeama TFC airson na bliadhna 2022-23.

 

Am measg nam pròiseactan soirbheachail, tha clasaichean Gàidhlig, taic do bhuidhnean Mòid is Chomann nam Pàrant agus pròiseactan sònraichte a chuireas taic don Ghàidhlig.  Tha na pròiseactan gan ruith air feadh na dùthcha, a’ gabhail a-steach sgìrean leithid Inbhir Chluaidh, Dùn Èideann, Sruighlea, Muile agus a’ Ghàidhealtachd is na h-Eileanan.

 

Thuirt Shona NicIllinnein, Ceannard Bhòrd na Gàidhlig:

 

“Tha sgeama Taic Freumhan Coimhearsnachd gu mòr a’ cur ri amas a’ Phlana Nàiseanta gun tèid Gàidhlig a chleachdadh nas trice, le barrachd dhaoine agus ann am barrachd shuidheachaidhean.  Tha e a’ toirt toileachas mòr dhuinn gu bheil farsaingeachd de sgìrean is phròiseactan air feadh na dùthcha gu bhith a’ faighinn taic agus a’ toirt fàs air a’ Ghàidhlig ann an coimhearsnachdan.

 

“Tha sinn toilichte fhaicinn gun robh barrachd iarrtasan ann am-bliadhna agus le sin, teachdaireachd gu bheil coimhearsnachdan a’ faireachdainn deiseil airson a bhith a’ cur pròiseactan ùra airson na Gàidhlig an gnìomh.  Thug suidheachadh Covid-19 buaidh mhòr air an obair a tha buidhnean a’ dèanamh anns na coimhearsnachdan aca fhèin agus bha tòrr aca air a bhith ag obair air-loidhne.  Tha sinn a’ dèanamh fiughair ri tachartasan agus pròiseactan aghaidh ri aghaidh fhaicinn a-rithist tron bhliadhna a tha romhainn, agus cothroman pròiseactan air-loidhne a bhith ann cuideachd.

 

“Bu mhath leinn taing mhòr a thoirt dhan a h-uile duine a tha ag obair gu math cruaidh anns na coimhearsnachdan aca fhèin gus cleachdadh na Gàidhlig a thoirt air adhart aig an àm dùbhlanach a tha seo agus tha sinn cinnteach gum bi an taic-airgid seo gu math cuideachail ann an sgìrean air feadh na h-Alba.”

 

 

Bha an sgeama fosgailte airson 9 seachdainean eadar 11 Samhain 2021 agus 18 Faoilleach 2022.

 

Tha liosta iomlan de na pròiseactan soirbheachail ri faighinn an-seo.