£88k ga chur gu pròiseactan Colmcille

Tha Bòrd na Gàidhlig (BnG) toilichte a ràdh gu bheil iad a’ cur £88,880 gu 10 pròiseact agus gu 3 luchd-ionnsachaidh na Gaeilge tro sgeama taic-airgid Colmcille.

’S e com-pàirteachas eadar Foras na Gaeilge ann an Èirinn agus Bòrd na Gàidhlig ann an Alba a th’ ann an sgeama Colmcille. Bidh e a’ brosnachadh conaltradh agus co-obrachadh eadar coimhearsnachdan cànain na Gàidhlig agus na Gaeilge.

Ann an 2022 bidh sinn a’ comharrachadh dìleab Bliadhna Cholmcille 1500 le tachartasan is pròiseactan sònraichte.

Tha taic-airgid ri fhaighinn gus taic a chumail ri pròiseactan a bheir luchd-labhairt na Gàidhlig is Gaeilge còmhla, agus cuideachd airson taic a chumail ri luchd-labhairt na Gàidhlig a tha airson cùrsa Gaeilge a dhèanamh.

Am-bliadhna, tha sinn a’ cur taic ri triùr a tha airson cùrsaichean cànain a dhèanamh ann an Gaeilge agus sinn cuideachd air taic a chur ri 10 diofar phròiseact a tha ag amas air ceanglaichean a neartachadh eadar Alba agus Èirinn.  Nam measg, tha Urras Coimhearsnachd Bhràdhagair agus Àrnoil (UCBA) ann an Leòdhas agus an iomairt acasan, Ceangal2022.  Mar phàirt den iomairt aca, tha iad an dùil turas iomlaid a chur air dòigh le muinntir Chiarraí gus eòlas a thogail air cleachdaidhean an dà choimhearsnachd.

Thuirt Murchadh Moireasdan, Oifigear Coimhearsnachd UCBA:

“Tha sinne gu math toilichte agus taingeil an taic seo fhaighinn airson ceanglaichean eadar-nàiseanta a thogail eadar ar coimhearsnachd fhìn air Taobh Siar Leòdhas agus muinntir Conntaidh Chiarraí. Leis an iomairt seo tha sinn gu bhith a’ coimhead air ceanglaichean coimhearsnachd, cànan, cultar, foghlam, na h-ealain is eile a stèidheachadh.”

Thèid taic a thoirt do phròiseactan air feadh na dùthcha agus pròiseactan ann an iomadach diofar roinn leithid Taigh-tasgaidh Ceilteach Eco san Eilean Sgitheanach,  pròiseact bàrdachd stèidhichte ann an Dùn Èideann, iomain do dh’oigridh ann an Alba agus Èirinn agus pròiseact timcheall air ceanglaichean turasachd air a’ Ghaidhealtachd nam measg.

Thuirt Brian Ó hEadhra, Manaidsear nan Com-pàirteachasan is Maoineachaidh aig Bòrd na Gàidhlig:

“Tha e a toirt toileachas mhòr dhuinn an taic seo a chur do bhuidhnean a tha a’ togail cheanglaichean le ar caraidean ann an Èirinn.  Tha Sgeama Colmcille air a bhith a’ ruith fad bhliadhnaichean agus e a’ sealltainn cho cudromach ’s a tha na ceanglaichean seo.  Tha e brosnachail cuideachd iarrtasan fhaicinn gach bliadhna bho dhaoine aig a bheil a’ Ghàidhlig a tha airson Gaeilge ionnsachadh agus na ceanglaichean cànain ud a neartachadh.”

Bha an sgeama fosgailte airson 13 seachdainean eadar 10 Samhain 2021 agus 10 Gearran 2022.  Tha an sgeama bho thaobh Foras na Gaeilge fosgailte gu 20 Giblean agus gheibhear barrachd fiosrachaidh an seo.

Tha liosta iomlan de na pròiseactan soirbheachail ri faighinn an-seo.