A’ chiad Phreantas Cheumnach ann an Alba

Ann an gluasad cruth-atharrachail, tha Bòrd na Gàidhlig air Orla, a tha na h-oileanach, fhastadh ann an obair làn-ùine le tuarastal. Anns an dreuchd ùr seo, bidh i a’ cur seachad an ath cheithir bliadhna a’ measgachadh ionnsachadh stèidhichte air obair ann an àrainneachd làn Ghàidhlig le a h-obair a dh’ionnsaigh BA (le Urram) ann an Stiùireadh Gnìomhachais.

 

An obair air preantas Bhòrd na Gàidhlig

 

Tha seo mar phàirt de cheangal ùr eadar Bòrd na Gàidhlig agus Sgoil Gnìomhachais Obar Dheathain ann an Oilthigh Raibeart Ghòrdain, far a bheil Orla air cùrsa ùr ‘ionnsachadh measgaichte’ a thòiseachadh.

 

Tha seo a’ ciallachadh gun tèid Orla a làn bhogadh ann an àrainneachd gnìomhachais Bhòrd na Gàidhlig thairis air a’ cheum ceithir-bliadhna aice, agus gum fàs i eòlach air obair na buidhne tro shreath de phròiseactan gach seamaistear.

 

Ged a tha i na h-oileanach ann an Oilthigh Raibeart Ghòrdain, tha Orla air gluasad a dh’Inbhir Nis agus cumaidh i fios ri luchd-teagaisg ann an Sgoil Gnìomhachais Obar Dheathain air a cuid adhartais tro fhoghlam air-astar. Bidh i a’ leantainn plana ionnsachaidh – anns a bheil ceithir modalan gach bliadhna – agus a bhios a’ coileanadh builean ionnsachaidh.

 

Orla NicDhòmhnaill

 

Mus tàinig Orla a dh’obair aig Bòrd na Gàidhlig, cheumnaich i bho Oilthigh Dhùn Èideann anns an Iuchar, far an d’ fhuair i MA (le Urram) ann an Ceiltis.

 

Thuirt i: “Tha toiseach na beatha obrach ùire agam aig Bòrd na Gàidhlig air còrdadh rium gu mòr. Aig an àm seo, tha mi a’ fàs eòlach air an àrainneachd gnìomhachais, air mar a tha a’ bhuidheann ag obrachadh, mar eisimpleir, a h-adhbhar, a structaran, a foincseanan agus a prìomh luachan.

 

“Agus mar as fhaide a leanas an cùrsa air adhart, ’s ann nas doimhne agus nas spèisealaiche a bhios m’ obair a’ fàs. Tha seo na fhìor dheagh chothrom gus ionnsachadh mun obair mhòr a nì Bòrd na Gàidhlig leis a’ choimhearsnachd Ghàidhlig agus le coimhearsnachdan na h-Alba san fharsaingeachd.”

 

Taic meantorachd aig Bòrd na Gàidhlig

 

Tha Orla a’ faighinn taic meantorachd bho àrd-sgioba Bhòrd na Gàidhlig, a’ gabhail a-steach manaidsear na h-oifis Carol NicIain, a tha ag ràdh gum bi pròiseactan Orla, tro na ceithir bliadhna den chùrsa aice, a’ fàs nas doimhne agus nas fheumaile dhan bhuidhinn mar a bhios na sgilean agus a cuid eòlais a’ leudachadh.

 

Thuirt Shona NicIllInnein, Àrd-oifigear Bhòrd na Gàidhlig: “Tha sinn aig Bòrd na Gàidhlig air ar dòigh glan gu bheil Orla an seo còmhla ruinn, tha e a’ còrdadh ruinn mar-thà gu bheil i mar phàirt den sgioba againn. Tro na ceithir bliadhna ionnsachaidh aice bidh Orla a’ leantainn plana ionnsachaidh gach seamaistear a bhios a rèir nan diofar phàirtean den chùrsa a leanas i gus a ceum a choileanadh.

 

“Tha e a’ ciallachadh gum fàs Orla gu bhith na pàirt den bhuidhinn agus gum fàs i eòlach air Bòrd na Gàidhlig gu luath cho math ri bhith a’ com-pàirteachadh le prìomh luchd-ùidh agus a’ cumail taic riutha. Aig a’ cheann thall, tha sinn an dòchas gum fuirich i còmhla ruinn agus gun dèan i barrachd adhartais taobh a-staigh na buidhne.”