Bòrd na Gàidhlig a’ cur fàilte air taic bho Phàrlamaid na h‐Alba airson na Gàidhlig

Tha Bòrd na Gàidhlig, a’ phrìomh bhuidheann ann an Alba air a bheil dleastanas gus leasachaidhean Gàidhlig a chur air adhart, a’ cur fàilte mhòr air an taic thar-phartaidh ann am Pàrlamaid na h‐Alba a chaidh a nochdadh aig deasbad sa Phàrlamaid an‐diugh (24 Giblean).

Tha am Bòrd cuideachd a’ cur fàilte air an naidheachd a chaidh fhoillseachadh sa Phàrlamaid an‐diugh le John Swinney BPA, Leas Phrìomh Mhinistear na h‐Alba, gu bheil an treas sgoil Ghàidhlig ann an Glaschu a’ faighinn taic luach £1.9m agus gu bheil Faclair na Gàidhlig air £2.5m fhaighinn.

Chaidh an taic fhoillseachadh le deasbad a’ dol air adhart sa Phàrlamaid air a’ Phlana Cànain Nàiseanta Ghàidhlig 2018‐2023 a chaidh a chur air bhog sa Mhàrt. ’S e prìomh amas a’ Phlana gum bi barrachd dhaoine a’ cleachdadh na Gàidhlig nas trice agus ann am barrachd shuidheachaidhean.

Thuirt Ailean Dòmhnallach, Cathraiche Bòrd na Gàidhlig: “Tha e math na partaidhean poilitigeach air fad fhaicinn a’ gabhail pàirt ann an deasbad air a’ Ghàidhlig sa Phàrlamaid. Tha seo a’ leantainn air na chaidh a ràdh mun Ghàidhlig agus a chualas ann an cànain na Gàidhlig aig deasbad UNESCO a chaidh a chumail sa Phàrlamaid sa Mhàrt. Tha seo a’ cur ris an iomairt airson Gàidhlig àbhaisteachadh ann an Alba.”

A’ bruidhinn mun sgoil Ghàidhlig ùir ann an Glaschu, thuirt Mgr Dòmhnallach: “Tha e a’ toirt toileachas mòr dhuinn an naidheachd a chluinntinn mun treas sgoil Ghàidhlig ann an Glaschu. Tha seo agus an sgoil ùr ann am Port Rìgh a tha dìreach air ùr fhosgladh a’ comharrachadh strì a tha pàrantan air a bhith a’ dèanamh fad bhliadhnaichean agus iad a’ faicinn nam buannachdan a th’ ann leis a’ chlann aca a bhith dà‐chànanach. Tha sinn a’ cur meal‐a‐naidheachd orra agus air Comhairle Baile Ghlaschu airson na tha iad a’ dèanamh airson leasachadh na Gàidhlig sa bhaile.”

Dh’fhoillsich Riaghaltas na h‐Alba taic cuideachd airson Faclair na Gàidhlig agus bha Bòrd na Gàidhlig toilichte seo a chluinntinn. A’ bruidhinn air seo, thuirt Ailean Dòmhnallach: “’S e pròiseact gu math cudromach airson na Gàidhlig mar chànain a tha ann am Faclair na Gàidhlig a bheir stòras mòr prìseil gu bith agus rud a bhios gu math feumail ann a bhith a’ cuideachadh dhaoine a’ chànain a leasachadh agus ionnsachadh.”

Tha dùil ann gun tèid sgoil ùr Ghlaschu, a bhios stèidhichte ann an sgìre Cartvale air taobh a deas a’ bhaile, fhosgladh ann an 2019 leis a’ Mhòd Nàiseanta Rìoghail cuideachd gu bhith ann an Glaschu an ath bhliadhna.