Bòrd na Gàidhlig a’ toirt seachad £500,000 airson Oifigearan Gàidhlig

Tha Bòrd na Gàidhlig air còrr is £500,000 a thoirt do 21 pròiseact Gàidhlig mar phàirt de Sgeama nan Oifigearan Gàidhlig – maoin ùr a chaidh a dhealbhadh gus cothrom a thoirt do bhuidhnean gus neach-obrach fhastadh le fòcas air leasachadh a’ chànain.

Fhuair am Bòrd tòrr mòr iarrtasan airson a’ phrògraim, agus mar thoradh air sin chaidh am buidseat a dhùblachadh gus an t-iarrtas a choileanadh.

Chaidh fàilte a chur air iarrtasan bho bhuidhnean san treas roinn a bha ag iarraidh dreuchd ùr a chruthachadh, no dreuchd leasachaidh Gàidhlig a leudachadh. Tha gach duais ag amas air taic a thoirt do dhreuchdan oifigearan ann an coimhearsnachdan no roinnean far a bheil gainnead solar Gàidhlig aig an àm seo.

Tha Comann nam Pàrant Phort Rìgh, buidheann do phàrantan Gàidhlig air aon de ghrunn bhuidhnean a tha gu bhith a’ faighinn buannachd bhon t-sruth maoineachadh ùr, agus iad air an tabhartas as motha de £39,500 fhaighinn. Thèid am maoineachadh a chur a dh’ionnsaigh a bhith a’ cruthachadh dreuchd ùr mar Mhanaidsear Leasachaidh Gàidhlig taobh a-staigh na sgoile, a bheir còmhla an obair leasachaidh Gàidhlig leantainneach air feadh an Eilean Sgitheanaich.

Am measg buidhnean eile a fhuair maoineachadh, tha Coimhearsnachd Bharraigh agus Bhatarsaidh a fhuair maoineachadh £25,000 airson oifgear leasachaidh ùr.

Fhuair Young Scot tabhartas bhon mhaoineachadh, le duais de còrr is £13,000 a dh’ionnsaigh a bhith a’ cumail obair mar Neach-taic Didseatach Gàidhlig a’ dol.

Chaidh obair fhor-ghnìomhach aig Culture, Heritage and Arts Assembly Argyll and Isles (CHARTS) ann an leasachadh nan ealan air feadh Earra-Ghàidheal aithneachadh le duais de £25,000 airson Oifigear Cultar Gàidhlig, agus tha Comann na Camanachd air £16,000 fhaighinn gus Oifigear Leasachaidh Gàidhlig fhastadh.

Bidh Ionad Ghàidhlig Dhùn Èideann cuideachd a’ fastadh Oifigear Leasachaidh gus na ciad ìrean de chruthachadh ionad Gàidhlig ann an Dùn Èideann a thoirt air adhart às dèidh duais de £13,600 fhaighinn mar phàirt de Mhaoineachadh nan Oifigearan Gàidhlig.

Thuirt Màiri NicAonghais, Cathraiche Bhòrd na Gàidhlig: “Tha Bòrd na Gàidhlig a’ cumail air a’ toirt seachad fhuasglaidhean ùr-ghnàthach dhan iarrtas a tha a’ sìor fhàs airson solar Gàidhlig air feadh na h-Alba agus cha robh seo riamh cho follaiseach ’s a bha e san iarrtas airson ar Maoineachadh Oifigear Gàidhlig as ùire.

“Bha sinn air leth toilichte le inbhe nan tagraidhean, agus mar thoradh air sin chaidh a’ chiad phoit a dhùblachadh gu còrr is £500,000. Tha a h-uile buidheann fìor airidh air a’ mhaoineachadh agus bidh am pàirt aca uile ann a bhith a’ gleidheadh agus a’ toirt fàs air a’ Ghàidhlig, a’ dèanamh cinnteach gum faigh daoine anns gach ceàrnaidh den dùthaich buannachd airson nam bliadhnaichean ri teachd.”

Thuirt Rùnaire an Fhoghlaim Shirley-Anne Somerville: “Tha mi a’ cur meal-a-naidheachd air a h-uile buidheann a fhuair taic agus tha mi a’ cur fàilte air sàr obair nam buidhnean sin a tha ag obair air feadh na h-Alba. Tha a’ Ghàidhlig na pàirt ro-chudromach de dhearbh-aithne chultarach na h-Alba agus tha sinn gu mòr airson cur ris a’ chothrom aig daoine gus an cànan ionnsachadh agus a chleachdadh.

Tha tòrr de na buidhnean seo a’ cumail taic ri sgìrean far a bheil a’ Ghàidhlig laidir sa choimhearsnachd agus tha e cudromach gum faigh iad cothrom soirbeachadh.

“Tha farsaingeachd de ghealltanasan àrd-amasach aig Riaghaltas na h-Alba airson a’ chànain. Bidh obair nam buidhnean sin agus na pròiseactan a lìbhrigeas iad deatamach gus taic a chumail ris na geallaidhean sin agus ri soirbheas a’ chànain.”

Bidh Bòrd na Gàidhlig a’ ruith diofar sgeamaichean maoineachaidh aig diofar amannan tron bhliadhna. Ma tha moladh agad airson pròiseact, cuir post-d gu: tabhartas@gaidhlig.scot, no fòn gu 01463 225 454.