Co-chomhairle Bile Carthannais

Chur Bòrd na Gàidhlig freagairt a-steach dhan Cho-chomhairle Bile Carthannais (Riaghladh is Rianachd) (Alba) le Pàrliamaid na h-Alba sa Ghearran 2023.  San fhreagairt, thuirt sinn:

Tha obair Bòrd na Gàidhlig a’ gabhail a-steach airgead a sgaoileadh do bhuidhnean gus taic a thoirt do leasachadh na Gàidhlig. Tha an ùidh a th’ againn anns a’ Bhile seo a’ nochdadh prìomh àite charthannasan mar chom-pàirtichean lìbhrigidh. Tha iad deatamach do obair Bhòrd na Gàidhlig, leis na nì iad a’ cur ri lìbhrigeadh soirbheachail de ghnìomhan PCNG agus a’ meudachadh ar ruigsinneachd air feadh na h-Alba.

Bho 2018/19, tha sinn air 522 tabhartasan a bhuileachadh air 181 carthannas eadar-dhealaichte. Tha sin faisg air dàrna leth (48%) na h-àireimh iomlain de thabhartasan a thug sinn seachad.

Bha luach ar tabhartasan do charthannasan aig an àm sin faisg air £13m. Tha sin còrr air dà thrian (c70%) de luach nan tabhartasan uile a thug sinn seachad.

Faodar am freagairt slàn a leughadh an seo.