Co-chomhairleachadh: Craoladh Gàidhlig

Tha Comataidh Chùisean na h-Alba aig Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte air co-chomhairle phoblach fhosgladh gus fianais a chruinneachadh mu chraoladh Gàidhlig.

Coimheadaidh an rannsachadh air an luach aig craoladh na Gàidhlig airson ath-bheothachadh na Gàidhlig agus a cultair. Nì a’ Chomataidh rannsachadh air na cùisean reachdail is maoineachaidh a tha mu choinneamh a’ ghnìomhachais agus coimheadaidh iad air mar as urrainn dhan BhBC taic nas fheàrr a thoirt do chraoladh ann am mion-chànanan, leithid Gàidhlig na h-Alba.

Thathar a’ sireadh bheachdan bho dhaoine agus bhuidhnean air feadh Alba agus gabhar ri freagairtean gu 12/08/26.

Faodar beachdan a chur a-steach an seo.