Co-chomhairleachadh Poblach: Dreachd de Stiùireadh nam Planaichean

Dh’fhoillsich Bòrd na Gàidhlig co-chomhairleachadh poblach an t-seachdain seo air an dreachd de Stiùireadh nam Planaichean.

Chaidh an dreachd den stiùireadh ullachadh fo Achd na Gàidhlig (Alba) 2005 agus ’s e an t-amas a th’ ann gum bi e a’ gabhail àite a’ chiad stiùiridh a chaidh fhoillseachadh ann an 2007.

Fo Achd na Gàidhlig, feumar co-chomhairleachadh a chumail airson co-dhiù 3 mìosan air an dreachd den stiùireadh, agus mar sin thèid an co-chomhairleachadh a ruith gu Dimàirt 17 Sultain 2019.

Aon uair ’s gun tèid na beachdan a chruinneachadh, ullaichidh Bòrd na Gàidhlig dreachd ùr den stiùireadh a thèid a chur gu Ministearan na h-Alba gus am beachdaich iad air.

Thuirt Daibhidh Boag, Stiùiriche Planadh Cànain is Leasachaidhean Coimhearsnachd aig Bòrd na Gàidhlig,

“’S iad na planaichean Gàidhlig reachdail aon de na goireasan as cudromaiche a th’ againn gus cleachdadh na Gàidhlig a thoirt air adhart ann an Alba. Tha Bòrd na Gàidhlig ag obair le ùghdarrasan poblach air feadh Alba agus tha an sgrìobhainn seo deatamach mar bhunait airson na h-obrach seo. Tha an co-chomhairleachadh poblach seo a’ toirt a’ chothruim do dhaoine na beachdan aca a thoirt seachad, gus am bi an stiùireadh aig an ìre as goireasaiche as urrainn dha a bhith.”

Fiosrachadh as ùire: Tha an co-chomhairleachadh poblach seo air tighinn gu crìoch.