Com-pàirteachas ùr eadar Bòrd na Gàidhlig agus Fearann ​​Coimhearsnachd Alba

Tha com-pàirteachas ùr eadar Bòrd na Gàidhlig agus Fearann ​​Coimhearsnachd Alba ag ainmeachadh maoineachadh airson leasachadh na Gàidhlig le uachdarain coimhearsnachd eileanach, urrasan dualchais agus urrasan eile.

Le mu 75% de na daoine sna h-Eileanan an Iar a’ fuireach air fearann ​​a tha fo shealbh coimhearsnachd, agus ceanglaichean làidir ann eadar fearann, coimhearsnachd agus a’ Ghàidhlig agus a cultar, tha gealltanas ann am Plana Nàiseanta na Gàidhlig gus maoin a stèidheachadh, ann an co-bhonn ri Fearann ​​Coimhearsnachd Alba (Community Land Scotland – CLS), a tha a’ cumail taic ri bhith a’ neartachadh cleachdadh na Gàidhlig.  Tha a’ mhaoin seo a’ cur ri trì ro-innleachdan aig Riaghaltas na h-Alba – a’ meudachadh cleachdadh na Gàidhlig, seilbh fearainn coimhearsnachd agus cumhachdachadh coimhearsnachd.

Bheir am pìleat seo, a chaidh aontachadh le Bòrd na Gàidhlig, maoineachadh seachad aig trì ìrean – suas ri £5,000, suas ri £15,000 agus suas ri £30,000, le maoineachadh iomlan de £125,000 uile gu lèir.  Bidh an sgeama fosgailte do dh’urrasan coimhearsnachd, chan ann a-mhàin do dh’urrasan fearainn, anns na h-Eileanan an Iar agus sna h-eileanan ann an sgìrean Comhairle na Gàidhealtachd agus Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid.   Feumaidh gach urras plana sìmplidh a chruthachadh a sheallas mar a mheudaicheas an obair aca cleachdadh, ionnsachadh agus adhartachadh na Gàidhlig anns na sgìrean aca.

Thèid co-dhùnaidhean mu mhaoineachadh a dhèanamh le pannal de riochdairean bho dhiofar roinnean is sgìrean.  San dòigh seo, nì an sgeama cinnteach gum bi co-dhùnaidhean stèidhichte sa choimhearsnachd.

Is e a’ chiad cheum den phìleat a bhith a’ fastadh oifigear a bhios ag obair le CLS gus gach cuid Gàidhlig a neartachadh ann an obair CLS fhèin agus am measg a bhallrachd agus gus taic a thoirt do thagraichean gus pròiseactan leasachaidh Gàidhlig ullachadh agus a lìbhrigeadh.

Thuirt Màiri NicAonghais, Cathraiche Bhòrd na Gàidhlig:

“Tha an sgeama seo a’ dearbhadh dealas maireannach Bhòrd na Gàidhlig do choimhearsnachdan Gàidhlig nan eilean agus do na neartan a tha buidhnean coimhearsnachd a’ sealltainn gu follaiseach.

Tha sinn toilichte a bhith ag obair ann an com-pàirteachas le buidheann cho cliùiteach ri Fearann ​​Coimhearsnachd Alba agus leis na h-urrasan coimhearsnachd a tha cho cudromach ann a bhith a’ ceangal fearann, cànan agus cultar.”

Thuirt an Leas-phrìomh Mhinistear Iain Swinney:

“Tha a’ Ghàidhlig agus a cultar aig cridhe mòran de na sgìrean dùthchail againn agus tha e riatanach gum faigh sinn dòighean ùra air dìon agus taic a thoirt dhaibhsan a tha a’ fuireach anns na coimhearsnachdan sin.

“Tha mi a’ cur fàilte air an iomairt ùr seo le Bord na Gàidhlig agus Fearainn Coimhearsnachd Alba agus tha mi cinnteach gu bi i buannachdail dhaibhsan a tha a’ fuireach agus ag obair anns na coimhearsnachdan Gàidhlig againn.”

Thuirt Ailsa Raeburn, Cathraiche, Fearann Coimhearsnachd Alba:

“Aig Fearann ​​Coimhearsnachd Alba, tha sinn gu mòr airson a bhith ag obair ann an com-pàirteachas le buidhnean eile gus an roinn coimhearsnachd a neartachadh air feadh na h-Alba. Cuidichidh an com-pàirteachas ùr inntinneach seo le Bòrd na Gàidhlig uachdarain coimhearsnachd agus urrasan dualchais air feadh nan eilean, a’ neartachadh agus a’ comharrachadh na Gàidhlig agus a cultar sna h-eileanan agus tha sinn a’ coimhead air adhart gu mòr ri bhith a’ faicinn farsaingeachd de bheachdan ùr-ghnàthach a’ tighinn air adhart.”