Comataidh DCMS a’ Dèanamh Sgrùdadh air Mion-chànanan

Air 1 Màrt 2023, chur Bòrd na Gàidhlig freagairt a-steach don cho-chomhairle aig a’ Chomataidh Didseatach, Cultar, Meadhanan is Spòrs aig Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte a tha a’ dèanamh sgrùdadh air slàinte is àm ri teachd mhion-chànain.

Am measg na bha san fhreagairt:

Atharraichean air am Moladh do Dhreuchd Riaghaltas na RA

1. Bi na soidhniche do Chùmhnant UNESCO airson Dìon Dualchas Cultarach Neo-bheanailteach. Bheireadh seo seachad frèam cruinneil a bheir taic do gach mion-chànan dùthchasach na RA agus a bheireadh slatan-tomhais inbhe, aithne agus taic eadar-nàiseanta seachad.

2. Gach Roinn de Riaghaltas na RA aig a bheil raon-ùghdarrais na h-Alba beachdachadh air dè dh’fhaodadh iad a dhèanamh gus taic a thoirt do Phlana Cànain Nàiseanta na Gàidhlig, ri linn a’ phoileasaidh a th’ ann an-dràsta gus seo a chur an sàs sa Chuimris a-mhàin. Bhiodh sin a’ gabhail a-steach na Roinnean:

• Aig a bheil làraich ann an Alba. Mar eisimpleir, Oifis Rùnaire na Stàite airson Alba, Roinn Leasachaidh Eadar-nàiseanta.
• Suidhichte ann an àiteachan eile san RA.Tha feum air reachdas air feadh na RA airson mion-chànanan gus am bi seirbhisean aig Roinnean agus seirbheisean iomchaidh aig Riaghaltas na RA (m.e. DVLA) rim faighinn ann an Cuimris, Gàidhlig na h-Alba agus Gàidhlig na h-Èirinn. Cuidichidh sin ann an dèanamh cinnteach gum bi spèis cho-ionann aig gach aon de na trì mion-chànanan ris a’ Bheurla.

3. Ath-sgrùdadh a dhèanamh air poileasaidh maoineachaidh Riaghaltas na RA airson MG ALBA agus ga ath-sgrùdadh gus am bi e cothromach a rèir nam modalan a tha ag obair airson craoladh Cuimris is Gàidhlig na h-Èirinn.

4. Tha Maoin Levelling Up Riaghaltas na RA air a cho-stiùireadh le Roinn Ionmhais na Banrigh, an Roinn Levelling Up, Taigheadas is Coimhearsnachdan agus Roinn na Còmhdhalach. Bu chòir ath-sgrùdadh a dhèanamh air slatan-tomhais na Maoin gus dèanamh cinnteach gun tèid dèiligeadh gu cothromach ri pròiseactan cultarail agus eile a tha a’ toirt taic dhìreach do mhion-chànanan dùthchasach na RA.

5. Leis gu bheil an RA a’ cur ainm ris a’ Chairt Eòrpach airson Mion-chànanan is Cànanan nas Lugha air an Cleachdadh, bu chòir do Riaghaltas na RA mothachadh a thogail mu mhion-chànanan na RA a tha air an gabhail a-steach sa Chairt agus taic a thoirt do bharrachd chothroman airson an ionnsachadh.

Faodar am freagairt slàn a leughadh an seo.