Foghlam tro Ghàidhlig ann an Alba Nuadh

Tha Bòrd na Gàidhlig fìor thoilichte fàilte a chur air fosgladh na ciad Bun-sgoil tro Mheadhan na Gàidhlig ann am Mabou, Alba Nuadh. Is e seo a’ chiad sgoil tro mheadhan na Gàidhlig ann an Ameireaga a Tuath agus a’ chiad tè taobh a-muigh na h-Alba.

Chaidh a’ Bhun-sgoil Ghàidhlig, air a bheil Taigh-sgoile na Drochaide, a chruthachadh mar phròiseact coimhearsnachd neo-phrothaid le taic bho air feadh na coimhearsnachd agus chaidh tidsear làn-ùine fhastadh bho chionn ghoirid. Lìbhrigidh an sgoil prògram bogaidh do chloinn bun-sgoile le fòcas air a bhith a’ togail sgilean Gàidhlig.

Bidh a’ Bhun-sgoil Ghàidhlig ùr a’ cur ri ath-nuadhachadh na h-àrainneachd cultaraich Ghàidhlig a tha beothail is soirbheachail ann an Alba Nuadh mar-thà, agus ann an sgìre Cheap Bhreatainn gu sònraichte.

Thuirt Coinneach MacCoinnich, Cathraiche a’ Bhùird, Taigh Sgoile na Drochaide: “Is e clach-mhìle chudromach a tha seo airson ath-bheothachadh cultarail Gàidhlig Alba Nuaidh agus tha an taic bho ar caraidean ann an Alba air a bhith ro chudromach ann a bhith ga toirt gu buil. Tha sinn a’ dèanamh fiughair ris na ceanglaichean sin a neartachadh sna bliadhnaichean ri teachd.”

Tha Bòrd na Gàidhlig air a bhith ag obair le com-pàirtichean gus pasgan taic a cho-òrdanachadh dhan sgoil. Bu toil leinn taic a thoirt do na buidhnean a leanas a tha a’ planadh taic dhan sgoil aig an àm seo:

Stòrlann Nàiseanta
Foghlam Alba
Fèisean nan Gàidheal
e-Sgoil
Urras Leabhraichean na h-Alba
Comann nam Pàrant Nàiseanta
Giglets

Tha sinn a’ dèanamh fiughair ri bhith a’ togail cheanglaichean – a bhios a’ sìor fhàs nas treasa – leis an sgioba ann an Alba Nuadh an dà chuid aig ìre bhuidhnean ach cuideachd tro bhith a’ ceangal clann agus teaghlaichean air am bi a’ Ghàidhlig agus a cultar a’ toirt deagh bhuaidh san dà dhùthaich. Tha àite nas fhollaisiche aig a’ Ghàidhlig air an àrd-ùrlar eadar-nàiseanta a-nis mar as còir agus i ga faicinn mar stòras luachmhor do dh’Alba agus do dh’Alba Nuadh.

Picture: The classroom inside the school house, with desks, bookshelves and learning materials inside.

Thuirt Shona NicIllInnein, Ceannard, Bòrd na Gàidhlig: “Tha sinn fìor thoilichte an leasachadh seo fhaicinn ann an Alba Nuadh agus tha sinn a’ guidhe gach soirbheachas do Sgoil na Drochaide. Tha ceanglaichean eadar-nàiseanta cudromach dhan choimhearsnachd Ghàidhlig, gu sònraichte an fheadhainn eadar Alba agus Canada a tha air a bhith ann fad linntean. ’S e prìomh amas Plana Nàiseanta na Gàidhlig gun cleachd barrachd dhaoine a’ Ghàidhlig nas trice agus ann am barrachd shuidheachaidhean, agus is cinnteach gun dèan an sgoil ùr sin.”

Tha Riaghaltas na h-Alba a’ cur fàilte mhòr air fosgladh Sgoil na Drochaide an t-seachdain seo agus tha iad a’ dèanamh fiughair ri bhith a’ neartachadh cheanglaichean cànanach is cultarach eadar Alba agus Alba Nuadh.

Thuirt Rùnaire a’ Chaibineit airson Cànain na h-Alba, Shirley-Anne Somerville: “Tha fios againn gu bheil an t-uamhas cheanglaichean làidir cultarail is teaghlaich eadar Alba is Alba Nuadh agus leasaichidh iad sin tro fhosgladh na ciad sgoile Gàidhlig seo.

“Bu mhath leam taing a thoirt do Bhòrd na Gàidhlig is na buidhnean Gàidhlig gu lèir an sàs son na taice a tha iad air toirt agus tha mi a’ dèanamh fiughair cluinntinn mu adhartas is fàs na sgoile seo anns an ùine ri thighinn.”