Is dòcha nach bi e comasach do leughadair-sgrìn cuid de na PDFan air an duilleag seo a leughadh. Ma tha gin de na sgrìobhainnean seo a dhìth oirbh ann an cruth eile, nach cuir sibh post-d gu oifis@gaidhlig.scot.
Tha dàta air foghlam àraich is sgoile Gàidhlig, an dà chuid Foghlam tron Ghàidhlig (FtG) agus Foghlam Luchd-ionnsachaidh (FLi), air a bhith ga thogail bho bhliadhna sgoile 2001-02. Chaidh seo a dhèanamh an toiseach le Oilthigh Srath Chluaidh gus an deach an tional is giullachd is taisbeanadh a ghabhail os làimh le Bòrd na Gàidhlig ann an 2009-10. Bha agus tha na figrichean mionaideach seo dìomhair air sgàth feumalachdan dìon dàta,* ach bho 2011-12 tha aithisg bhliadhnail a bharrachd, le dàta poblach aig ìre comhairle is nàiseanta, air a bhith ri fhaighinn bhon Bhòrd.**
Bho 2019-20 tha an aithisg phoblach air a bhith air fhoillseachadh fo Òrdugh na Staitistigs Oifigeil (Alba) 2008.
Bho 2021-22 tha an dàta fhèin air a bhith air a thional le Riaghaltas na h-Alba tron chunntas bhliadhnail aige air lìbhrigeadh foghlaim, le comhairle bho Bhòrd na Gàidhlig. Gheibhear fios mun dàta iomlan aig www.gov.scot/collections/early-learning-and-childcare-statistics/ agus https://www.gov.scot/collections/school-education-statistics/.
*(Airson iarrtas co-roinn dàta fo chumha, bu chòir do bhuidhnean poblach no do luchd-rannsachaidh fios a leigeil gu oifis@gaidhlig.scot.)
**(Mura faigh an t-inneal agaibh air PDF bhon duilleag seo a leughadh, leigibh fios gu oifis@gaidhlig.scot airson fhaighinn ann am fòrmat eile.)
Tha Dàta Foghlaim againn airson 2023-24 agus 2024-25 cuideachd. Ma tha sibh ag iarraidh sùil fhaighinn air an dàta seo, cuir fios gu oifis@gaidhlig.scot.