For-cheum ùr gus sgilean leasachadh coimhearnsachd a leasachadh
Tha for-cheum ùr air a leasachadh le UHI a Tuath, an Iar is Innse Gall ann an com-pàirteachas le Bòrd na Gàidhlig a’ toirt taic do dh’ oifigearan leasachaidh na Gàidhlig gus sgilean sònraichte ionnsachadh ann an leasachadh coimhearnsachd, ath-bheòthachadh cànain agus ath-bheòthachadh seasmhach.
Chaidh am PG Cert Seasmhachd agus Ath-bheòthachadh: Coimhearsnachdan Gàidhlig a dhealbh gus feumalachdan leasachadh proifeiseanta an fheadhainn a tha ag obrachadh gus Gàidhlig a neartachadh anns na coimhearsnachdan a choinneachadh.
Tha an cùrsa a’ gabhail a-steach modal, ‘Ag Ath-bheòthachadh Gàidhlig: Ro-innleachdan airson Neartachadh Choimhearsnachdan agus Misneachd Cànain’, air a leasachadh gu sònraichte airson a’ phrògram ùr. Ionnsaichidh oileanaich mu mar a ’s urrainn cànain a bhith air an neartachadh agus air an toirt air ais gu cleachdadh làitheil, mar a ’s urrainn taic a thoirt do choimhearsnachdan a bhith a’ gabhail stiùir agus a bhith a’ cur air adhart iomairtean seasmhach tro mheadhan na Gàidhlig. Còmhla ri modal a’ coimhead ris a’ Ghàidhlig fhèin, tha oileanaich gu bhith a’ sgrùdadh teachd a-steach a thogail do choimhearsnachdan, cleachdaidhean math ann a bhith ag obrachadh cuide ri coimhearsnachdan, agus na factaran sòisealta, cultarach agus eaconamach nas fharsainge a tha a’ toirt buaidh air cleachdadh agus leasachadh na Gàidhlig.
Tòisichidh a’ chiad bhuidheann de shia oifigearan leasachaidh Gàidhlig anns an t-Sultain 2026, leis a’ chiad phrògram an dùil a bhith crìochnaichte nas fhaisg air deireadh 2027. Bidh an cùrsa air-loidhne air a dhealbh airson gum faigh na h-oileanaich for-cheum a dhèanamh fhad ’s a tha iad ag obair nan dreuchdan proifeiseanta agus tha e a’ toirt cothrom dhaibh a dhol air adhart gus an cùrsa MSc ann an Seasmhachd agus Ath-bheòthachadh Dùthchail a dhèanamh.
Tha am prògram a’ dearbhadh dealas Bhòrd na Gàidhlig agus UHI a thaobh leasachadh chothroman ionnsachaidh sùbailte ann an suidheachadhaidhean obrach, a fhreagras gu dìreach air sgilean a tha a dhìth ann an coimhearsnachdan agus ann an roinn na Gàidhlig san fharsaingeachd.
Thuirt an t-Oll. Mìcheal Mac a’ Ghobhainn, Manaidsear a’ Churraicealaim airson Saidheansan Seasmhachd, Cumhachd Ath-nuadhachail agus Gàidhlig aig UHI a Tuath, an Iar is Innse Gall:
“Tha am for-cheum ùr seo na dheagh eisimpleir air mar as urrainn do UHI obrachadh ann an com-pàirteachas le buidhnean eile gus freagairt dhìreach a thoirt do sgilean sònraichte a tha a dhìth.
Ged a chaidh an cùrsa a dhealbh le oifigearan leasachaidh Gàidhlig san amharc, tha e cuideachd freagarrach do sgiobaidhean leasachaidh coimhearsnachd a tha ag obair gus cultar, fèin-aithneachadh agus leasachadh seasmhach a neartachadh tro chom-pàirteachadh cànain.
Tro ionnsachadh sùbailte air-loidhne agus stuthan air an dealbh do chom-pàirtichean san àite-obrach, tha UHI a’ toirt taic do phroifeiseantaich an t-eòlas agus na sgilean aca a leasachadh agus iad aig an aon àm a’ leantainn orra a’ cur ri an coimhearsnachdan.”
Thuirt Iain Mac a’ Mhaoilein, Stiùiriche Leasachaidh aig Bòrd na Gàidhlig:
“Tha sinn toilichte a bhith a’ co-obrachadh le UHI a Tuath, an Iar is Innse Gall air a’ chùrsa seo agus a bhith a’ neartachadh leasachadh proifeiseanta Oifigearan Gàidhlig. ’S e aon de na prìomh amasan den Sgeama Oifigearan Gàidhlig, agus am modh obrach thar iomadh bliadhna a tha sinn air a chur romhainn fhìn, a bhith a’ dèanamh cinnteach gu bheil an cothrom aig oifigearan a bhith a’ togail sgilean agus a bhith nas uidheamaichte airson an coimhearsnachdan fhèin a fhrithealadh. Tha sinn an dòchas gun còrd e ri na tha a’ dol an sàs ann agus gum bi e na dhòigh airson leasachadh san àm ri teachd.”
Thuirt Alison Caimbeul Clark, Oifigear Plana Gàidhlig Iar Thuath Leòdhais agus a tha na h-oileanach air a’ chùrsa:,
“Tha mi cho taingeil do Bhòrd na Gàidhlig agus UHI airson an taic agus airson a’ chothroim seo a chruthachadh dhuinn gus ar sgilean proifeiseanta agus eòlas a leasachadh. Airson an fheadhainn againn a tha ag obair còmhla ri na coimhearsnachdan againn, tha cothroman mar seo uabhasach cudromach ann a bhith a’ neartachadh na h-obrach a tha a’ tachairt mu thràth sna sgìrean agus cuideachd tha e gar cuideachadh a bhith a’ leasachadh dòighean-obrach nas èifeachdaich far a bheil sinn fhìn a’ faireachdainn nas fiosraichte.
“’S e aon de na h-amasan aig Plana Gàidhlig Iar Thuath Leòdhais a bhith ag àrdachadh chothroman airson trèanadh agus leasachadh proifeiseanta tro mheadhan na Gàidhlig. Tha sinn uabhasach taingeil do Bhòrd na Gàidhlig agus UHI a bhith a’ toirt taic don ghnìomh seo agus gar cuideachadh le bhith a’ cruthachadh chothroman do ionnsachadh agus leasachadh taobh a-staigh ar coimhearsnachdan.”
Tha an cùrsa a’ sealltainn an dòigh-obrach nas fharsainge a th’ aig Bòrd na Gàidhlig taic a thoirt do chothroman leasachaidh airson Oifigearan Gàidhlig agus tha e a’ cur ri Sgeama nan Oifigearan Gàidhlig. Tha barrachd air £1.6 millean air a thoirt seachad tron sgeama gus taic a thoirt do dh’ Oifigearan Gàidhlig air feadh Alba air bun-stèidh iomadh bliadhna eadar 2025 agus 2028. Airson UHI a Tuath, an Iar is Innse Gall, tha am prògram a’ sealltainn an àite a th’ aig an oilthigh ann a bhith a’ toirt seachad foghlam ruigsinneach for-cheumnach a tha ceangailte ri feumalachdan nan coimhearsnachdan, an luchd-fastaidh agus nan sgìrean air a bheil e a’ frithealadh.
