Freagairt air Co-chomhairleachadh: Cùram-slàinte ann an Sgìrean Iomallach is Dùthchail

Chuir Bòrd na Gàidhlig freagairt a-steach dhan cho-chomhairle le Pàrlamaid na h-Alba Cùram-slàinte ann an Sgìrean Iomallach is Dùthchail. Am measg na puingean a chaidh a thogail, thuirt sinn:

Bu chòir don Ro-innleachd cuideachd mìneachadh mar a chuireas na gnìomhan aice ri cumail suas agus leasachadh na Gàidhlig. Chan eil an Ro-innleachd Sgioba-obrach Nàiseanta airson Slàinte is Cùram Sòisealta na h-Alba a’ toirt iomradh sam bith air a’ Ghàidhlig. Tha sin a dh’aindeoin gu bheil Planaichean Gàidhlig aig dà Bhòrd Slàinte – NHS nan Eilean Siar agus NHS na Gàidhealtachd.

Cuidichidh deagh sholar cùram slàinte ann an sgìrean iomallach agus dùthchail gus luchd-labhairt na Gàidhlig a thàladh agus a chumail. Agus cuidichidh sin ri seasmhachd a’ chànain.

Tha seo ann an co-theacs far a bheil àireamhan-sluaigh a’ crìonadh mar-thà ann am mòran sgìrean iomallach agus dùthchail. Dh’fhaodadh call sluaigh ann an sgìrean far a bheil àireamhan luchd-cleachdaidh na Gàidhlig àrd droch bhuaidh a thoirt air a’ chànan.

Ma nì luchd-cleachdaidh na Gàidhlig imrich gus obair fhaighinn ann an àiteachan eile, bhiodh dà bhuaidh aig seo. Sa chiad àite, bhiodh lùghdachadh san àireimh de luchdlabhairt na Gàidhlig anns an sgìre air a bheil buaidh. San dàrna àite, faodaidh teaghlaichean air a bheil buaidh gluasad gu sgìre far nach eil a’ Ghàidhlig air a cleachdadh mòran agus thar ùine, is dòcha nach bi iad a’ cleachdadh a’ chànain gu cunbhalach tuilleadh – no dh’fhaodadh iad a call gu tur.

Is e a’ bhuil lùghdachadh ann an cleachdadh na Gàidhlig san fharsaingeachd. Bhiodh sin a’ dol an aghaidh amas Phlana Nàiseanta na Gàidhlig “gun tèid an cànan a chleachdadh nas trice, le barrachd dhaoine”.

Gheibhear am freagairt slàn an seo.