Làrach-lìn Ùr – cleachdi.scot

Tha Bòrd na Gàidhlig (BnG) glè thoilichte innse gu bheil iad air làrach-lìn ùr a chruthachadh mar ghoireas dhan a h-uile duine aig a bheil Gàidhlig. 

Tha cleachdi.scot a-nis beò agus ’s e goireas ùr a th’ ann far am faighear lorg air barrachd fiosrachaidh mu thachartasan air feadh an t-saoghail a tha air an lìbhrigeadh tro mheadhan na Gàidhlig a-mhàin.

’S e goireas ùr a tha seo a bhios air leth feumail an dà chuid do bhuidhnean agus do dhaoine.  Thèid aig buidhnean air na tachartasan Gàidhlig aca a shanasachd cruinn còmhla ann an aon àite air-loidhne agus aig a’ cheart àm, thèid aig duine sam bith air na tachartasan ud a lorg air aon làrach-lìn.

A bharrachd air a sin, gheibhear lorg air fiosrachadh air mar a thoisicheas sibh fhèin buidheann no tachartas le bhidiothan taiceil a tha ag amas air daoine a bhrosnachadh gus buidhnean a chruthachadh mu chuspairean a chòrdas riutha.

Thairis air an dà bhliadhna a dh’fhalbh, tha sinn uile air a bhith taingeil gu bheil cothroman gus tighinn còmhla air-loidhne air a bhith ann agus cuideachd, gu bheil iad sin air coimhearsnachdan air-loidhne a chruthachadh agus a neartachadh.  Leis gu bheil cothrom ann do dhaoine coinneachadh aghaidh ri aghaidh a-rithist, tha e cudromach gun cùm sinn oirnn leis na cothroman air-loidhne cuideachd.

Tha sinn a’ cur fàilte air beachdan agus molaidhean bho dhaoine gus dèanamh cinnteach gu bheil an goireas ùr seo a’ freagradh oirbh cho math ’s as urrainn.  Ma tha sibh airson beachd a thoirt seachad, faodar post-d a chur gu fios@cleachdi.scot no greim fhaighinn oirnn air na meadhanan sòisealta no tron làrach-lìn fhèin. 

Thuirt Brian Ó hEadhra, Manaidsear Chom-pàirteachasan is Maoineachaidh aig Bòrd na Gàidhlig:

“Bha e follaiseach dhuinn gun robh feum air àite sònraichte air-loidhne far am faigheadh daoine fios mu na tachartasan a bha a gabhail àite tro mheadhan na Gàidhlig – an dà chuid air-loidhne agus aghaidh ri aghaidh.  Tha sinn air leth toilichte leis an làraich-lìn agus sinn an dòchas gum bi i na goireas feumail do dhaoine san àm ri teachd. Tha sinn a’ faireachdainn gun tig buannachd mhòr às agus daoine a’ faighinn a-mach mu thachartasan ’s dòcha air nach robh iad eòlach. Gheibh daoine beachd air an uimhir de thachartasan a tha a’ gabhail àite air feadh na dùthcha.  Cuideachd, bidh fiosrachadh ann mu thachartasan thall-thairis a thèid a chumail air-loidhne – leithid ann an Alba Nuadh agus san Roinn Eòrpa.”