LUCHD NA GÀIDHLIG A’ TIGHINN CÒMHLA GUS COLMCILLE 1500 A CHUMAIL

Tha Diluain 7 Dùbhlachd 2020 a’ comharrachadh toiseach Cholmcille 1500, cuimhneachan fad-bliadhna air 1500 bliadhna bho rugadh Naomh Calum Cille agus a dhìleab. Tòisichidh agus crìochnaichidh a’ bhliadhna air 7 Dùbhlachd, co-latha-breith traidiseanta an naoimh.

Graphic: Colmcille 1500 logo, a gold and blue graphic of a bird and reads "Colmcille 1500"

Tha Colmcille 1500 a’ faighinn taic agus cuideachadh bhon phrògram com-pàirteachais ‘Colmcille’ air a ruith le Bòrd na Gàidhlig agus Foras na Gaeilge, a tha a’ ceangal coimhearsnachdan Gàidhlig na h-Èireann agus na h-Alba.

Bha na coimhearsnachdan manachail a stèidhich Calum Cille a’ ceangal thar linntean ri raon farsaing de dhaoine ann an Èirinn, Alba agus ceann a tuath Shasainn, agus nas fhaide air falbh, a’ sìneadh do mhòr-thìr na Roinn Eòrpa. Thèid a’ bhliadhna a chomharrachadh ann an iomadh dòigh eadar-dhealaichte le coimhearsnachdan agus buidhnean eadar-mheasgte. Bidh cuid a’ coimhead ri dìleab spioradail is creideimh an naoimh; bidh ùidh aig cuid ann an cùisean eachdraidheil agus àrsaidheachd; agus bidh cuid eile a’ comharrachadh nan ceanglaichean cànanach agus cultarail eadar na Gàidheil air feadh na cruinne.

Bidh Bòrd na Gàidhlig agus Foras na Gaeilge a’ cuimseachadh air na ceanglaichean cànanach is cultarach eadar dùthchannan, le raon de thachartasan air an dealbhadh airson na seachdain cur air bhog, nam measg:

• Thèid sreath de theachdaireachdan bhidio bho dhaoine fa leth agus buidhnean a’ comharrachadh Colmcille 1500 a sgaoileadh air duilleag Facebook Colmcille agus air www.colmcille.net
• Thèid cèilidh air-loidhne a chumail air duilleag Facebook Colmcille gus an dà chànan, an ceòl agus an cultar a chomharrachadh agus a thaisbeanadh.
• Cuiridh Bòrd na Gàidhlig maoin Cholmcille air bhog. Is e maoin bhliadhnail a tha seo a tha fosgailte don h-uile duine, a’ toirt taic do phròiseactan a tha a’ feuchainn ri ceanglaichean eadar luchd-labhairt na Gàidhlig ann an Alba agus Èirinn a neartachadh.

Thuirt Shona NicIllinnein, Ceannard Bòrd na Gàidhlig, “Tha an Naomh Calum Cille agus a dhìleab air cumadh a thoirt air cànan, cultar agus eachdraidh na h-Alba agus na h-Èireann, agus mar sin, tha a’ bhliadhna na cothrom gus ceanglaichean eadar an dà dhùthaich a neartachadh. Tha sinn a’ coimhead air adhart ri barrachd thachartasan tron bhliadhna, le prìomh thachartas air a phlanadh timcheall air Fèill Chaluim Chille air 9 Ògmhios 2021. Mholainn dhan a h-uile duine pàirt a ghabhail annta agus a bhith a’ comharrachadh na bliadhna ann an dòigh sam bith as urrainn dhaibh.”

Am measg cuid de na tachartasan a tha san amharc airson bliadhna Cholmcille 1500 tha:
• Bhidio sanasachd goirid bho Showcase Scotland mu Ghàidhlig na h-Alba, le maoineachadh bho Bhòrd na Gàidhlig. Bidh seo ag amas air luchd-adhartachaidh fhèisean agus tachartasan cultarach bho thall thairis. Bidh cuirm/taisbeanadh air-loidhne ann cuideachd (coltach ris an Gaelic Showcase beò sna bliadhnaichean a dh’fhalbh).
• Brosnaichidh Bòrd na Gàidhlig agus Foras na Gaeilge sgoiltean meadhain-Ghàidhlig a bhith a’ ceangal ri chèile tro phròiseactan bho gach taobh de Chuan na h-Èireann.
• Tha Bòrd na Gàidhlig ann an còmhraidhean le com-pàirtichean lìbhrigidh gus goireas air-loidhne ùr a chruthachadh airson sgoiltean a bhios a’ teagasg abairtean bunaiteach ann an Gàidhlig agus Gaeilge gus am faigh clann (agus inbhich) conaltradh sa chànan.
• Feadh na bliadhna, bidh CHARTS, a’ bhuidheann cultair & dualchais Albannach stèidhichte ann an Earra-Ghàidheal, ag ainmeachadh luchd-buannachaidh an sgeama duais ealain mìosail agus taisbeanadh air-loidhne aca gus ìomhaigh agus taic a thoirt do obair luchd-ealain Gàidhlig, air cuspairean a bhuineas ri Colmcille: https://www.chartsargyllandisles.org/.

Thuirt Seán Ó Coinn, Príomhfheidhmeannach (Àrd-oifigear) Fhoras na Gaeilge, “Le uiread aire air feadh na cruinne air na tha gar sgaradh, tha comharrachadh dìleab Cholmcille ann an 2021 a’ toirt cothrom math dhuinn ceanglaichean làidir cànanach is cultarach a neartachadh eadar Èirinn agus Alba, agus eadar ceann a tuath agus ceann a deas na h-Èireann. Leigidh an cuimhneachan a chaidh a dhealbhadh airson 2021 leinn leantainn an cas-cheum Cholmcille agus a dhìleab cànanach is cultarach a chomharrachadh taobh a-muigh nan eileanan seo.

“Tha mi a’ coimhead air adhart ri com-pàirteachasan ùra eadar sgoiltean, ri ceanglaichean ùra eadar na ginealaichean, ri fiosrachadh ùr a’ tighinn am bàrr mu dhìleab Cholmille, agus ri bhith a’ cleachdadh na dìleib sin gus ath-bheothachadh a dhèanamh air coimhearsnachdan ionadail.”

A bharrachd air na sgeamaichean bliadhnail a bhrosnaicheas ceanglaichean eadar Gàidhlig na h-Èireann agus na h-Alba, tha Foras na Gaeilge an dòchas prògram maoineachadh coimhearsnachd a bharrachd ainmeachadh a dh’aithghearr gus aire a thogail mu Cholmille agus na chuir e ris na ceanglaichean cànanach is cultarach eadar Èirinn agus Alba.

Tadhail air www.colmcille.net airson fiosrachadh mu thachartasan.

Thig còmhla rinn air na meadhanan sòisealta tro na tagaichean #Colmcille1500 agus #Colmcille gus ceangal a dhèanamh ri coimhearsnachd eadar-mheasgte Cholmcille air-loidhne. Lean sinn air Instagram @Colmcille agus dèan like air @Colmcille1500 air Facebook gus am fiosrachadh as ùire bhuainn fhaighinn