Taic Freumhan Coimhearsnachd
Tha an cuairt 2026-28 den sgeama fosgailte an-dràst gus 3f air Diciadain 10 Dùbhlachd 2025.
Gheibhear fiosrachadh air pròiseactan a fhuair taic tron sgeama bho 2014/15 air adhart tro GrantNav.
’S e Taic Freumhan Coimhearsnachd a’ phrìomh mhaoin aig Bòrd na Gàidhlig airson taic a chur ri phròiseactan a bhios a’ cur air adhart cleachdadh is ionnsachadh na Gàidhlig aig ìre na coimhearsnachd ann an Alba. Tha sgeama fosgailte ris an dà chuid buidhnean coimhearsnachd agus daoine fa-leth.
Bidh an sgeama a’ toirt cothrom seachad cur a-steach airson suas ri 2 bhliadhna de thaic-airgid, eadar Màrt 2026 is Lùnastal 2028, airson phròiseactan nas fhaide no feadhainn a tha a’ ruith gach bliadhna. ’S e £200,000 am buidseat ris a bheil dùil airson an sgeama, ach tha seo ri dhearbhadh a rèir buidseat Bòrd na Gàidhlig 2026/27, is faodaidh sibh suas ri £5,000 iarraidh airson pròiseactan suas ri 1 bliadhna, no suas ri £10,000 airson pròiseactan suas ri 2 bliadhna.
Tha co-fharpais air a bhith ann tro chuairtean eile den sgeama seo, agus mar sin tha sinn an dùil nach gabh againn taic-airgid a thabhann do gach iarrtas a tha air am meas freagarrach.
Bidh sùbailteachd san sgeama airson taic a chumail ri iomadh seòrsa pròiseict a tha ag amas air daoine a thoirt còmhla gus Gàidhlig a chleachdadh, ach tha sinn gu sònraichte airson taic a chumail ri:
- Tachartasan Gàidhlig sa choimhearsnachd agaibh is air-loidhne
- Pròiseactan is cothroman a tha a’ brosnachadh dhaoine òga a’ Ghàidhlig a chleachdadh còmhla taobh a-muigh na sgoile
- Pròiseactan a tha brosnachadh cleachdadh na Gàidhlig am measg theaghlaichean is eadar ginealaichean
- Ionnsachadh inbhich Gàidhlig sa choimhearsnachd
- Colmcille – Togail cheanglaichean eadar luchd-labhairt na Gàidhlig is Gaeilge
Anns an iarrtas agaibh, tha sinn airson ’s gum mìnich sibh mar a bhios am pròiseact agaibh a’ freagairt air aon no barrachd air aon de na h-amasan seo. Bu chòir dhuibh cuideachd a bhith mothachail air mar a bhios am pròiseact agaibh a’ cur ri Plana Corporra Bòrd na Gàidhlig 2023-28 agus ri Plana Nàiseanta na Gàidhlig 2023-28.
Gheibhear ceangal gu stiùireadh do thagraichean agus foirm-iarrtais gu h-ìosal. Ma tha ceistean sam bith agaibh, cuiribh post-dealain gu tabhartas@gaidhlig.scot.
Ceann-latha airson Iarrtasan
Bu chòir iarrtas a chur a-steach gu Bòrd na Gàidhlig cho luath ’s as urrainn agus gun a bhith nas anmoiche na 3f air Diciadain 10 Dùbhlachd 2025. Cha bhi e comasach iarrtas a chur a-steach an dèidh sin ach ma fhuaras sibh cead ro-làimh bho oifigearan Bhòrd na Gàidhlig.
Stiùireadh 2026-28 (Duilleag làrach-lìn) / (PDF)
Foirm-iarrtais (air Portal iarrtasan maoineachaidh Bhòrd na Gàidhlig)
Taic le bhith lìonadh am foirm-iarrtais
Fiosrachadh mu Phrìobhaideachd
Is dòcha nach bi e comasach do leughadair-sgrìn cuid de na PDFan air an duilleag seo a leughadh. Ma tha gin de na sgrìobhainnean seo a dhìth oirbh ann an cruth eile, nach cuir sibh post-d gu oifis@gaidhlig.scot.
