Naidheachdan

Picture: A girl in a high school class smiling. Text reads 'Statement on Scottish Government's Report'

Aithris air Aithisg Riaghaltas na h-Alba air Co-chomhairle Bile nan Cànan Albannach

Thuirt Màiri NicAonghais, Cathraiche Bhòrd na Gàidhlig: “Tha sinn a’ cur fàilte air a’ cheum as ùire seo le Riaghaltas na h-Alba agus iad a’ toirt air adhart Bile nan Cànan Albannach ùr.  Tha tòrr san aithisg a tha co-cheangailte ri leasachaidhean a tha an gnìomh mar-thà agus a dh’fheumar a neartachadh agus a leudachadh.” […]

07/06/2023

Barrachd >
Picture: Gaelic meet-up in a cafe in Glasow where people of all ages are sitting round the tables, chatting and smiling. Text reads 'Research on Gaelic and Wellbeing'

Bòrd na Gàidhlig air rannsachadh a choimiseanadh air ceanglaichean eadar sunnd agus a’ Ghàidhlig

Tha a bhith a’ tuigsinn agus a’ cur ri sunnd a’ fàs nas cudromaiche nar beatha uile, agus air an adhbhar sin tha Bòrd na Gàidhlig air coimisean a thoirt do DC Research gus sgrùdadh a dhèanamh air mar a tha a’ Ghàidhlig a’ cur ri sunnd dhaoine, choimhearsnachdan agus na dùthcha san fharsaingeachd. Tha […]

02/06/2023

Barrachd >
Picture: College/university gratuates in their graduation robes and hats. Text reads 'Rural and Islands College Merger Proposal'

Cho-chomhairle: Tairgse Co-Aonadh nan Colaistean Dùthchail is Eileanach

Tha Bòrd na Gàidhlig air freagairt a chur a-steach don cho-chomhairle: Tairgse Co-Aonadh nan Colaistean Dùthchail is Eileanach. Am measg nam puingean a chaidh a thogail: Mholamaid gun tèid planaichean a dheasachadh ann am pàirt dhen tairgse co-aonaidh gus am bithear comasach air raon de chuspairean a lìbhrigeadh tron Ghàidhlig, gu h-àraidh mar chulaidh-taice do […]

23/05/2023

Barrachd >