Naidheachdan

Picture: Calum Munro's headshot on a purple background. The Bòrd na Gàidhlig logo is in the top left of the image and there is text at the bottom left that reads "New Head of Education and Plans".

Ceannard Foghlaim is Phlanaichean Ùr

Tha Bòrd na Gàidhlig air leth toilichte a ràdh gun deach Calum Rothach fhastadh mar Ceannard Foghlaim is Phlanaichean ùr Bhòrd na Gàidhlig agus gum bidh e a’ tòiseachadh na dhreuchd ùr san t-Samhain. San dreuchd seo, bidh Calum a’ stiùireadh obair Bhòrd na Gàidhlig airson nan riatanasan reachdail a thaobh foghlaim is ionnsachaidh a […]

21/10/2025

Barrachd >

Seiseanan Trèanaidh Tràth-bhliadhnaichean

Tha Bòrd na Gàidhlig a’ cur air dòigh chothroman trèanaidh do chomataidhean agus luchd-taic tràth-bhliadhnaichean airson 2025/2026. Tha seiseanan Òrain is Sgeulachdan a’ ruith aghaidh ri aghaidh ann a com-phàirteachas le Kirsteen Mhoireach, Manaidsear agus Oifigear Leasachaidh nan tràth-ìrean aig Comann nam Pàrant. Anns an t-seisean seo, ionnsachaidh sibh sgilean airson diofar òrain is sgeulachdan […]

09/10/2025

Barrachd >

Sgeama nan Oifigearan Gàidhlig a’ tasgadh ann an Coimhearsnachdan

Tha Bòrd na Gàidhlig air mìneachadh mar a bhios iad a’ riarachadh mhaoineachadh airson oifigearan Gàidhlig tro chuairt ùr de sgeama nan Oifigearan Gàidhlig. Tha an sgeama air a mhaoineachadh le Riaghaltas na h-Alba agus Bòrd na Gàidhlig ann an com-pàirteachas agus cumaidh e taic ri 27 obraichean stèidhichte ann am farsaingeachd de bhuidhnean agus […]

04/07/2025

Barrachd >