Taic ùr do Phlanaichean Coimhearsnachd Gàidhlig

Tha Bòrd na Gàidhlig air £60,000 a thoirt do Phlana Ghàidhlig Iar-Thuath Leòdhais agus Plana Gàidhlig agus Coimhearsnachd Uibhist, gus taic a chumail ri lìbhrigeadh nam planaichean seo agus gus maoinean choimhearsnachd ùra fhosgladh a chùmas taic ri iomairtean is pròiseactan sna sgìrean.

Thèid duaisean a thoirt seachad tro na maoinean seo gus buannachdan cultarach, sòisealta, foghlaim agus eaconamach na Gàidhlig a leudachadh agus a mheudachadh. Cuiridh na h-iomairtean is pròiseactan a gheibh taic ris an amas barrachd cleachdaidh làitheil den chànan a bhrosnachadh, a’ cumail taic ri tar-chur eadar ginealaichean, agus àbhaisteachadh na Gàidhlig ann am beatha làitheil nan coimhearsnachdan. Tha cuireadh ga thoirt do dhaoine agus do bhuidhnean a tha stèidhichte sna sgìrean sin iarrtasan a chur a-steach airson iomairtean agus pròiseactan a dhìonas, a neartaicheas agus a bhrosnaicheas fàs na Gàidhlig, a rèir slatan-tomhais nam maoinean.

Thuirt Ealasaid Dhòmhnallach, Ceannard Bhòrd na Gàidhlig:

“Tha Bòrd na Gàidhlig airson cumhachd a thoirt do choimhearsnachdan le planaichean Gàidhlig gus na prìomhachasan sna sgìrean aca fhèin a thoirt air adhart. Mar a tha fios againn, bidh sin diofraichte anns gach coimhearsnachd agus tha am maoineachadh seo ann airson cuideachadh a thoirt dhaibh leis an obair chudromach seo.”

Thuirt Alison Campbell Clark, Oifigear Plana Gàidhlig Iar Thuath Leòdhais:

“Tha sinn air leth toilichte gu bheil am maoineachadh seo bho Bhòrd na Gàidhlig a’ toirt taic do Phlana Gàidhlig Iar-Thuath Leòdhais. Tro mhaoin na coimhearsnachd, bidh cothrom do dhaoine agus do bhuidhnean ionadail pàirt dhìreach a ghabhail ann a bhith a’ co-dhùnadh mar a thèid an t-airgead a chleachdadh agus mar a ghabhas a’ Ghàidhlig a neartachadh san sgìre againn.”

Thuirt Ceiteag NicDhòmhnaill, Oifigear Plana Gàidhlig agus Coimhearsnachd Uibhist:

“Tha sgioba Plana Gàidhlig agus Coimhearsnachd Uibhist a’ cur fàilte bhlàth air an naidheachd seo agus a’ coimhead air adhart ri bhith ag obair còmhla ri buidhnean agus daoine air feadh Uibhist gus beachdan ùra agus pròiseactan làidir a thoirt gu buil a chuireas ri cleachdadh nàdarra na Gàidhlig bho Bheàrnaraigh gu Èirisgeigh.”

 

DEIREADH

Ceistean bho na meadhanan: fios@gaidhlig.scot