Naidheachdan

Freagairt Bhòrd na Gàidhlig ri aithisg Earrann 22 aig Sgrùdadh Alba

Tha aithisg Earrann 22 seo mu Bhòrd na Gàidhlig stèidhichte air Aithisg Ceannardas is Riaghladh, a chaidh a thoirt dhan Chomataidh Sgrùdaidh is Rianachd Chunnartan na bu thràithe am-bliadhna. Is e seo an sgrùdadh as mionaidiche a rinneadh air a’ bhuidhinn riamh. Tha an aithisg seo a’ tighinn às dèidh trì bliadhna air leth trang […]

13/12/2019

Barrachd >

Tha Bòrd na Gàidhlig ag iarraidh air buidhnean ann an Alba a tha a’ toirt taic agus brosnachadh dhan Ghàidhlig tagradh a dhèanamh airson tabhartasan suas ri £5,000, às dèidh dhaibh an sgeama maoineachaidh coimhearsnachd aige airson 2020/21 a chur air bhog.

Chaidh buidseat de £125,000 a chur an dàrna taobh airson sgeama tabhartasan coimhearsnachd Taic Freumhan Coimhearsnachd agus thathar ag iarraidh air buidhnean a tha airson pròiseact ionadail a lìbhrigeadh a bhios a’ brosnachadh na Gàidhlig tagradh a dhèanamh. An-uiridh, thug Bòrd na Gàidhlig maoineachadh do 74 pròiseactan – a’ gabhail a-steach buidhnean saor-thoileach, iomairtean sòisealta, […]

12/12/2019

Barrachd >

Tha Bòrd na Gàidhlig a’ maoineachadh pròiseact foghlaim Gàidhlig didseatach gun samhail a bhios na ‘Netflix airson Leughadh’

Tha a’ bhuidheann gu bhith a’ toirt maoineachadh de £147,000 seachad thairis air trì bliadhna do Giglets Gàidhlig, a bhios a’ toirt seachad ionnsachadh do chloinn ann an sgoiltean Gàidhlig air feadh na h-Alba, a’ cleachdadh siostam stèidhichte san neul.   Tha còrr is 90% de sgoiltean le Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig (FtG) a’ […]

09/12/2019

Barrachd >
x  Powerful Protection for WordPress, from Shield Security
This Site Is Protected By
Shield Security