Naidheachdan

Foghlam tron Ghàidhlig ri fhaighinn ann an Siorrachd Àir a Tuath

Tha Bòrd na Gàidhlig a’ cur fàilte air an naidheachd gum bi Foghlam tron Ghàidhlig ri fhaighinn ann an Siorrachd Àir a Tuath airson a’ chiad uair bhon Lùnastal 2020. Thèid a stèidheachadh aig Bun-sgoil Phàirc Whitehirst ann an Cill D’Fhinnein agus chaidh sanas-obrach a-mach an t-seachdain-sa airson Prìomh-thidsear Ghàidhlig. Seo a’ chiad iarrtas soirbheachail […]

27/01/2020

Barrachd >

Tha aithisg bhliadhnail Bhòrd na Gàidhlig a’ sealltainn nan ceumannan mòra a rinneadh gus taic is brosnachadh a thoirt dhan Ghàidhlig agus a cultar ann an Alba

Tha Bòrd na Gàidhlig air ceuman nach bu bheag a ghabhail gus Gàidhlig agus a cultar a bhrosnachadh agus gus taic a chumail riutha ann an Alba a rèir aithisg bhliadhnail na buidhne airson 2018-19. Tha i a’ sealltainn cuideachd gum bi leasachadh na Gàidhlig a’ cur gu mòr ri Frèam-obrach Coileanaidh Nàiseanta Riaghaltas na […]

19/12/2019

Barrachd >

Freagairt Bhòrd na Gàidhlig ri aithisg Earrann 22 aig Sgrùdadh Alba

Tha aithisg Earrann 22 seo mu Bhòrd na Gàidhlig stèidhichte air Aithisg Ceannardas is Riaghladh, a chaidh a thoirt dhan Chomataidh Sgrùdaidh is Rianachd Chunnartan na bu thràithe am-bliadhna. Is e seo an sgrùdadh as mionaidiche a rinneadh air a’ bhuidhinn riamh. Tha an aithisg seo a’ tighinn às dèidh trì bliadhna air leth trang […]

13/12/2019

Barrachd >
x  Powerful Protection for WordPress, from Shield Security
This Site Is Protected By
Shield Security