Sgeama Taic Freumhan Coimhearsnachd 2026-28
Tha Bòrd na Gàidhlig air ath-fhosgladh sgeama Taic Freumhan Coimhearsnachd, a’ tabhann chothroman maoineachaidh do phròiseactan Gàidhlig ann an coimhearsnachdan. Tha taic ri fhaighinn do phròiseactan airson suas ri dà bhliadhna, is airson a’ chiad uair thathar cumail taic ri daoine fath leth a bharrachd air buidhnean coimhearsnachd.
Gheibhear suas ri £10,000 (£5,000 sa bhliadhna) airson taic a chumail ri phròiseactan a tha cumail taic ri:
- Tachartasan Gàidhlig sa choimhearsnachd agaibh is air-loidhne
- Pròiseactan is cothroman a tha a’ brosnachadh dhaoine òga a’ Ghàidhlig a chleachdadh còmhla taobh a-muigh na sgoile
- Pròiseactan a tha brosnachadh cleachdadh na Gàidhlig am measg theaghlaichean is eadar ginealaichean
- Ionnsachadh inbhich Gàidhlig sa choimhearsnachd
- Colmcille – Togail cheanglaichean eadar luchd-labhairt na Gàidhlig is Gaeilge
Thathar an dùil gum bi farpais ann airson na sgeama, le buidseat iomlan aig ìre £100,000 sa bhliadhna (a-rèir dearbhadh air buidseat BnG airson 2026/27).
Thèid dà sheisean fosgailte air-loidhne a lìbhrigeadh airson cothrom a thoirt dhuibh ceistean sam bith a th’ agaibh mun sgema neo mu bhith a’ cur iarrtas a-steach fhaighneachd. Lorgar barrachd fiosrachaidh mu iad seo air Eventbrite.
Airson barrachd ionnsachadh mu sgeama thabhartasan Taic Freumhan Coimhearsnachd agus na cothroman maoineachaidh leudaichte a th’ ann, tadhailibh air duilleag fiosrachaidh an sgeama neo cuir fios thugainn aig tabhartas@gaidhlig.scot.
Lorgar fiosrachadh mu na sgeamaichean maoineachaidh eile againn air ar làrach-lìn cuideachd.
