Aithris air Spòrs Gàidhlig
Thuirt neach-labhairt airson Bòrd na Gàidhlig: “Tha am pròiseact Spòrs Gàidhlig, a tha air a ruith le Comunn na Gàidhlig, air taic fhaighinn bho thòisich e bho chionn 18 mìosan oir tha sinn ag aithneachadh mar a tha spòrs a’ cur ri cleachdadh na Gàidhlig agus air an luach a thig an cois sin. Chaidh am maoineachadh tùsail againn a thoirt seachad gus am pròiseact a stèidheachadh agus bha ar maoineachadh às dèidh sinn airson uidheam a-mhàin. Gu ruige seo, tha Bòrd na Gàidhlig air còrr is £60k a thoirt dhan phròiseact.
“Tha Bòrd na Gàidhlig agus Comunn na Gàidhlig air a bhith ann an còmhraidhean mu mhaoineachadh a bharrachd airson a’ phròiseict. Tha am bòrd taiceil a thaobh a bhith a’ toirt seachad maoineachadh a bharrachd agus bha feum air barrachd mion-fhiosrachadh a thaobh ionmhais agus air ro-mheasaidhean a bharrachd gus seo a thoirt air adhart. Tha Bòrd na Gàidhlig fhathast deònach leantainn air adhart le còmhraidhean ann an co-obrachadh le Comunn na Gàidhlig agus com-pàirtichean maoineachaidh eile mu na tha an dàn dhan phròiseact Spòrs Gàidhlig.”