Bòrd na Gàidhlig a’ cur fàilte air Stiùiriche Leasachaidh Ùr

Tha Bòrd na Gàidhlig (BnG) toilichte innse gu bheil iad air Stiùriche Leasachaidh ùr fhastadh. 

Tha Iain Mac a Mhaoilein air a bhith ag obair aig BnG thar na sia mìosan a dh’fhalbh san dreuchd ‘eadar-amail’ gus taic a chur ris an adhartas a tha BnG a’ dèanamh.  Às dèidh dha pròiseas fastaidh shoirbheachail, bidh Iain a-nis a leantainn air san dreuchd seo.    

Rugadh agus thogadh Iain ann an Uibhist a Deas ach tha e a-nis stèidhichte ann an Steòrnabhagh.  Tha e air a bhith ag obair san roinn phoblach airson dà fhichead bliadhna agus aig ìre àrd oifigeir airson deich thar fhichead bliadhna. Bha Iain na Phrionnsapal agus Ceannard aig Colaisde a’ Chaisteil aig Oilthigh na Gàidhealtachd ‘s nan Eilean airson beagan a bharrachd air 8 bliadhna gun Lunasdal 2020.

Bhon Ghiblean 2017 chun t-Samhain 2019, bha e cuideachd ann an dreuchd pàirt-ùine mar Iar-Phrionnsapal (Co-sheirm Ro-innleachdail agus Èifeachdas Obrachaidh) aig Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean.

Bho 2004, bha e air a bhith na Stiùiriche Ionmhais is Seirbheisean Corporra aig a’ Cholaiste.  Gu ruige sin, bha e air a bhith ann an àrd-dhreuchdan ann an Comhairlean Ionadail agus Seirbheisean Poileis ann an Roinnein Ionmhais agus Corporra.

Thuirt Shona NicIllinnein, Ceannard Bhòrd na Gàidhlig:

“Tha sinn uamhasach toilichte gu bheil Iain ag obair còmhla rinn aig Bòrd na Gàidhlig.  Tha an t-uamhas de dh’eòlais aige a bhios air leth feumail thar na mìosan agus dha-rìreabh, na bliadhnaichean a tha romhainn agus sinn ag obair air an ath Phlana Nàiseanta. Tha tuigse mhath aige air dòighean-obrach, coimhearsnachdan agus cothroman ann an leasachadh agus sinn cinnteach gun tig feum mhòr às na sgilean aige.”