Bòrd na Gàidhlig a’ foillseachadh Colmcille 1500

Ann an 2021, bidh 1,500 bliadhna ann bho rugadh an Naomh Calum Cille. Tha an dìleab aig Calum Cille fhathast a’ leantainn chun an latha an-diugh ann an Alba, agus tha e air aon de na trì pàtranan-naomha ann an Èirinn.

Gus seo a chomharrachadh, bidh Bòrd na Gàidhlig a’ foillseachadh phlanaichean airson breith Chaluim Chille ann an 521AD a chomharrachadh –  leis an tiotal Colmcille 1500. Thèid seo ainmeachadh aig Mhòd Nàiseanta Rìoghail Ghlaschu 2019.

Ruithidh “Colmcille 1500” bho 7 Dùbhlachd 2020 gu 7 Dùbhlachd 2021. Ged a tha 14 mìosan gu bhith ann gus an tòisich bliadhna a’ chomharrachaidh, tha Bòrd na Gàidhlig, ann an co-obrachadh le Foras na Gaeilge ann an Èirinn – an dòchas gum faigh coimhearsnachdan agus buidhnean tìde gu leòr gus an obair aca a phlanadh agus a cho-òrdanachadh.

Tha buidhnean poblach ann an Alba, Èirinn, Alba Nuadh agus Eilean Mhanainn air ùidh a nochdadh ann a bhith a’ comharrachadh dìleab Chaluim Chille mar-thà.

Tha Shona NicIllInnein, Ceannard Bhòrd na Gàidhlig, an dòchas gun urrainn barrachd choimhearsnachdan air feadh an t-saoghail tighinn còmhla gus comharrachadh ceart a dhèanamh air ceannard cruinneil a chuidich le bhith ag aonachadh dhaoine agus dhùthchannan tron stiùireadh spioradail aige agus tro chultar na Gàidhlig.

Thuirt i: “Chan urrainnear cuideam gu leòr a chur air cho cudromach ’s a tha Calum Cille ann an eachdraidh na h-Alba. Thàinig e a dh’Alba aig àm nuair a bha còmhstri fhuilteach a’ dol air adhart eadar treubhan de laoich. Aig a’ cheann thall, dh’aonaich e chan e a-mhàin na Gàidheil, ach cuideachd na Cruithnich, a bha air luchd-ionnsaigh a chumail air ais fad linntean, a’ gabhail a-steach fiù ’s neart ìmpireachd na Ròimhe.”

Tha còmhraidhean a’ dol air adhart aig an àm seo eadar buidhnean ann an Èirinn, Alba, Alba Nuadh ann an Canada agus ann am Manainn air an dòigh as fheàrr gus dìleab Chaluim Chille a chomharrachadh. A bharrachd air Bòrd na Gàidhlig agus Foras na Gaeilge, tha Riaghaltas na h-Alba, Iomairt na Gàidhealtachd agus nan Eilean, Ealain na Gaeltachta ann an Èirinn, Iomairtean na Gàidhlig ann an Alba Nuadh agus Riaghaltas Mhanainn an sàs sa chùis.

Thuirt Ms NicIllInnein cuideachd: “’S e prìomh chuspair Colmcille 1500 còmhlachas, a’ brosnachadh dhaoine a bhith a’ com-pàirteachadh aig ìre ionadail, nàiseanta agus eadar-nàiseanta.  Bu chòir dha aire a thogail mu dhìleab Chaluim Chille agus mun bhuaidh a bh’ aige gus an latha seo fhèin air na cànanan agus cultaran Gàidhlig co-roinnte againn.

“Le bhith a’ comharrachadh a bhreith an ath-bhliadhna, togaidh e dàimhean, agus cruthaichidh e càirdeasan ùra, ag aonachadh daoine le spiorad còmhlachais is co-obrachaidh”.