Bòrd na Gàidhlig a’ sireadh Ceann an Ionmhais is Chùisean Corporra

Tha Bòrd na Gàidhlig, a’ phrìomh bhuidheann phoblach ann an Alba aig a bheil dleastanasan airson Gàidhlig a chur air adhart, a’ sireadh Ceann an Ionmhais is Chùisean Corporra. Bidh an dreuchd seo cudromach do dheagh riaghladh agus cleachdadh ionmhas poblach gu h-èifeachdach.

Bidh an neach soirbheachail a’ stiùireadh sgioba corporra aig Bòrd na Gàidhlig, a’ leasachadh agus a’ cumail smachd air poileasaidhean is siostaman airson ionmhas poblach agus deagh riaghladh sa bhuidhinn. Bidh iad cuideachd os cionn a’ phlana leasachaidh aig BnG, an dòigh a tha sinn a’ cur an gnìomh leasachadh leantainneach.

Thuirt Mairi T NicAonghais, Cathraiche Bhòrd na Gàidhlig: “Bidh iomadh cothrom aig an neach a bhios soirbheachail air buaidh mhòr a thoirt gus buidseat na buidhne a stiùireadh chun nam prìomhachasan as èifeachdaich agus a chumail a’ dol le leasachadh na buidhne, a’ leantainn air an adhartas a chaidh a dhèanamh thairis air an dà bhliadhna a chaidh seachad.

“Tha sinn ag obair gu dlùth leis an Riaghaltas agus buidhnean poblach, lìbhrigidh is coimhearsnachd, cuide ri luchd-sgrùdaidh taobh a-staigh is taobh a-muigh na buidhne. Bidh an obair seo glè tharraingeach is inntinneach dhan neach aig a bheil na sgilean, comasan is eòlas gus an obair seo a thoirt air adhart.”

Feumar tagraidhean airson na h-obrach a chur gu corporra@gaidhlig.scot ro 5.00f, Diluain 29mh den Mhàrt 2021 is thèid agallamhan a chumail air Dimàirt 13mh den Giblean 2021 air-loidhne. Tha an tuarastal air sgèile C1, a tha a’ tòiseachadh aig £48,930.

Gheibhear tuairisgeul obrach agus foirm-iarrtais an-seo.

Ma tha sibh airson barrachd ionnsachadh mun dreuchd agus bruidhinn mu deidhinn gu neo-fhoirmeil, cuiribh fios chun a’ Cheannaird, Shona NicIllinnein corporra@gaidhlig.scot.