Comataidh Ath-shlànachaidh COVID-19 – Sgrùdadh ron Bhuidseat

Tha dùil gum foillsich Riaghaltas na h-Alba am Buidseat 2023-24 aca san Dùbhlachd 2022. Ron àm seo, tha Comataidh Ath-shlànachaidh COVID-19 a’ dèanamh sgrùdadh ro-bhuidseit leis an amas buaidh a thoirt air beachdan Riaghaltas na h-Alba nuair a bhios iad ag ullachadh a’ bhuidseit a tha ri thighinn.

Tha Bòrd na Gàidhlig air freagairt a chur a-steach anns a bheil na puingean:

“Chan eil an Lèirmheas Caiteachas Stòrais agus na sgrìobhainnean co-cheangailte ris a’ dèanamh iomradh sam bith air a’ Ghàidhlig, an dreuchd a tha i a’ cluiche mar stòras eaconamach agus mar a dh’fhaodas i cur ris an ath-shlànachadh.

’S e dearmad cudromach a tha seo. Mar thoradh air sin, tha dìth soilleireachd is trìd-shoilleireachd ann air an ìre de phrìomhachas – agus de mhaoineachadh – a bhios ann airson na Gàidhlig san àm ri teachd.

Chan eil cùis sam bith ann airson maoineachadh na Gàidhlig a lùghdachadh. Gu dearbh, tha cùis ann airson barrachd maoineachaidh a thoirt seachad, a’ co-fhreagairt ri poileasaidh Riaghaltas na h-Alba, ris an iarrtas a tha a’ sìor-fhàs airson cànan is cultar na Gàidhlig agus ri na tha a’ Ghàidhlig a’ cur ri eaconamaidh na h-Alba.”

Faodar am freagairt slàn a leughadh an seo.