Cuairt-litir Foghlaim, An t-Ògmhìos 2023

Fàilte dhan chiad chuairt-litir aig Sgioba an Fhoghlaim aig Bòrd na Gàidhlig. Tha sinn airson fiosrachadh a chumail ribh mu chuid de na nithean anns an robh sinn an sàs agus mu thachartasan a tha ri thighinn. Ma tha thu airson na cuairt-litrichean seo fhaighinn ann am post-d nuair a thig iad a-mach, lìon am foirm aig bonn na duilleige!

Tadhal air sgoiltean

Picture: Two mid to late high school aged pupils in school uniform using a laptop in a classroom.

Tha an t-Oifigear Leasachaidh (Tidsearan) Angela NicLeòid air a bhith a’ tadhal air àrd-sgoiltean air feadh na dùthcha ag amas air òigridh a bhrosnachadh gus beachdachadh air dreuchd ann an teagasg sa Ghàidhlig. Bu mhath leatha taing mhòr a thoirt do gach sgoil a chuir fàilte orra, gu h-àraid dha na tidsearan Gàidhlig a tha a’ dèanamh obair ionmholta gach latha, agus dha na sgoilearan dealasach a ghabh pàirt.

Mura d’fhuair Angela cothrom tadhal air an sgoil agaibh fhathast bidh i an dòchas sin a dhèanamh aig toiseach na h-ath bhliadhna sgoile. Tha sibh làn di-beathte fios a chur thuice nam biodh seisean den leithid feumail dhan sgoil, colaiste no oilthigh agaibh le bhith cur post-d gu angela@gaidhlig.scot.

Fèilltean Dhreuchd agus Tachartasan Eile

Tha Angela air a bhith a’ frithealadh Fhèilltean Dhreuchd agus Tachartasan DYW gus daoine òga a bhrosnachadh gu dreuchd ann an teagasg sa Ghàidhlig. Ghabh i cuideachd pàirt ann an co-labhairt ceannardais airson sgoilearan ÀS5 agus ÀS6 ann an Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu air Dihaoine 2 Ògmhios.

Ma tha tachartas den leithid a’ gabhail àite san sgoil, colaiste, oilthigh no coimhearsnachd agaibh, leigibh fios ma tha cothrom ann dhan Oifigear Leasachaidh (Tidsearan) a bhith an làthair ann am post-d gu angela@gaidhlig.scot.

Duaisean Foghlaim na h-Alba

Picture: James Gillespie's High School Staff, winners of the Gaelic Award at the Scottish Education Awards, standing with Jennifer McHarrie, Bòrd na Gàidhlig's Director of Education, holding their award after collecting it at the awards ceremony. Text reads 'Education Newsletter June 2023'

Ghabh Duaisean Foghlaim na h-Alba àite ann an Glaschu air Diciadain 7 Ògmhios agus bha Bòrd na Gàidhlig air leth toilichte taic a chur ri Duais Foghlaim na Gàidhlig a-rithist am-bliadhna. Mealaibh ur naidheachd air na trì sgoiltean a bh’ air a’ gheàrr-liosta – Àrd-sgoil Sheumais Ghilleasbuig, Bun-sgoil Goodlyburn agus Sgoil Ghràmair Dhùn Omhain – agus gu sònraichte air Àrd-sgoil Sheumais Ghilleasbuig a ghlèidh Duais Foghlaim na Gàidhlig air an latha.

Young Scot Awards

Picture: Mark Smith holding his finalist's certificate at the 2023 Young Scot Awards.

Bha Jennifer McHarrie, Stiùiriche Foghlaim Bhòrd na Gàidhlig, an làthair aig Duaisean Young Scot ann an Glaschu agus bha i air a brosnachadh gu mòr luchd-labhairt na Gàidhlig fhaicinn air a’ gheàrr-liosta! Mealaibh ur naidheachd dhan a h-uile duine a chaidh ainmeachadh air na geàrr-liostaichean agus a ghlèidh duais air an oidhche.

COSLA

Choinnich Shona NicIllInnein, Ceannard Bhòrd na Gàidhlig agus Jennifer McHarrie, Stiùiriche Foghlaim Bhòrd na Gàidhlig, ri riochdairean COSLA air Diluain 12 Ògmhios gus bruidhinn air co-obrachadh a thaobh leasachaidhean ann am foghlam Gàidhlig.

Tabhartasan nan Tràth-bhliadhnaichean

Tha sgeama taic-airgid Tabhartasan nan Tràth-bhliadhnaichean fosgailte gu Diardaoin 13 Iuchar. Bidh an sgeama seo a’ cumail taic ri buidhnean tràth-bhliadhnaichean air feadh na dùthcha gus na seiseanan Gàidhlig aca a ruith.

Chùm Bòrd na Gàidhlig seiseanan fiosrachaidh mun sgeama air-loidhne gus taic a thoirt seachad a thaobh iarrtasan a lìonadh, ach ma tha ceist sam bith fhathast agaibh cuiribh fios thugainn aig tabhartas@gaidhlig.scot.

Lorgar barrachd fiosrachaidh mun sgeama an seo.

Tabhartasan Foghlaim

Tha an sgeama Tabhartasan Foghlaim fosgailte gu Diardaoin 5 Sultain, is taic ri fhaighinn do dh’oileanaich air cùrsa teagaisg/cùram-cloinne, tidsearan Gàidhlig a tha airson cuspair eile a theagasg no na sgilean aca a leasachadh, no tidsearan gun Ghàidhlig a tha airson Gàidhlig ionnsachadh is gluasad gu FtG.

Tha taic ri fhaighinn airson cìsean a’ chùrsa agus cuideachd tabhartas bith-beò, is tha suimeannan a bharrachd ri fhaighinn do dhaoine a tha no a bha ann an cùram no a tha ag amas air teagasg àrd-sgoile.

Lorgar barrachd fiosrachaidh mun sgeama an seo.

Rannsachadh 0-3

Tha Wilson MacLeòid a’ dèanamh rannsachadh às leth Bhòrd na Gàidhlig air roinn 0-3. Chaidh fios a sgaoileadh gu buidhnean tràth-bhliadhnaichean ach ma tha fiosrachadh a bharrachd a dhìth oirbh cuiribh fios thugainn ann am post-d gu foghlam@gaidhlig.scot.

Acadamaidh Greenfaulds

Bòrd na Gàidhlig staff at Greenfaulds high school. From left to right; Angela NicLeòid - Development Officer (Teachers), Jennifer McHarrie - Director of Education, Mary Morrison - Education Development Officer, Ruairidh Hamilton - Communications Officer.

Bha Stiùiriche Foghlaim, Oifigearan Leasachaidh airson Tràth-bhliadhnaichean agus Tidsearan agus Oifigear Conaltraidh BnG an làthair aig tachartas Gàidhlig aig Àrd-sgoil Greenfaulds sa Chèitean. Thàinig sgoilearan ÀS1-3 à àrd-sgoiltean air feadh Meadhan na h-Alba còmhla airson barrachd fhaighinn a-mach mu na buannachdan aig dreuchdan Gàidhlig. ’S e tachartas air leth soirbheachail a bha seo agus tha sinn a’ coimhead air adhart ri taic a chumail ris san àm ri teachd.

Seiseanan Trèanaidh airson Tidsearan Ùra

Chuir Bòrd na Gàidhlig air dòigh ceithir seiseanan trèanaidh air-loidhne dha tidsearan-pròbhaidh anns an t-seisean 2022/23 le riochdairean bho Fhoghlam Alba, Stòrlann, buidhnean Gàidhlig (leithid Fèisean nan Gàidheal, CnaG agus Astar Media às leth FilmG), agus Sabhal Mòr Ostaig.

Ma tha sibh nur tidsear ùr ann an 2023/24 agus ùidh agaibh anns na seiseanan trèanaidh, cuiribh fios thugainn ann am post-d gu angela@gaidhlig.scot.

Co-labhairt foghlaim Sabhal Mòr Ostaig

Picture: Sabhal Mòr Ostaig's Àrainn Chaluim Chille and Tower buildings as well as the outdoor amphitheater at the front of the buildings.

Bha Sgioba Foghlaim Bhòrd na Gàidhlig an làthair aig a’ cho-labhairt Foghlam Gàidhlig: An-dè, An-diugh, agus A-màireach air 15 agus 16 Ògmhios aig Sabhal Mòr Ostaig, a fhuair taic-airgid bho Bòrd na Gàidhlig. Bhruidhinn Stiùiriche Foghlaim Bhòrd na Gàidhlig air a’ chuspair ‘Ag obair air Ro-innleachd Nàiseanta ùr airson Foghlam Gàidhlig’.

cleachdi.scot

Picture: Three young girls sitting on the edge of the stage in Sabhal Mòr Ostaig's Talla Mhòr (Big Hall)

Tha sinn an dòchas gu mòr gum bi fìor dheagh shaor-làithean agaibh uile, gu h-àraid na tidsearan, sgoilearan agus pàrantan a tha làn airidh orra! Tha sinn airson cur nur cuimhne gu bheil tachartasan Gàidhlig air an làraich-lìn cleachdi an dà chuid ann an sgìrean ionadail air feadh na dùthcha agus air-loidhne. Tha sinn an dòchas gum bi cothroman ann dhuibh ur cuid Gàidhlig a chleachdadh thairis air na saor-làithean.

Nach toir sibh sùil air an làraich-lìn, agus carson nach clàraich sibh tachartasan sam bith air a bheil sibh pèin eòlach?

Gabh sùil air làrach-lìn Cleachdi!