Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig ann an Siorrachd Rinn Friù

Tha Bòrd na Gàidhlig (BnG) a’ cur fàilte air an naidheachd gun tèid Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig (FtG) a thabhann do sgoilearan bun-sgoile ann an Siorrachd Rinn Friù bhon Lùnastal 2022.

Thèid Foghlam tron Ghàidhlig a stèidheachadh ann an Bun-sgoil an Taobh Siar agus anns a’ chiad dol a-mach, thèid cuireadh a thoirt do sgoilearan ann an clasaichean 1-3.  Bidh aon chlas ann nuair a thoisicheas a’ bhliadhna-sgoile ùr san Lùnastal agus mar a dh’fhàsas an àireamh de sgoilearan a bhios a’ dol tro FhtG, thèid barrachd chlasaichean a chruthachadh.

Chaidh Bun-sgoil an Taobh Siar a thaghadh leis gu bheil e faisg air meadhan siorrachd Rinn Friù agus a’ Chomhairle airson ’s gum biodh cothrom aig gach sgoilear san sgìre air FtG.

Tha Bòrd na Gàidhlig, ann am com-pàirteachas leis an Ùghdarras Ionadail agus Comann nam Pàrant air iomairt shanasachd a lìbhrigeadh airson Foghlam tron Ghàidhlig thairis air sgìre Rinn Friù le tachartasan fiosrachaidh air-loidhne, sanasachd is agallamhan air Stèiseanan Radio ionadail is fiosrachadh tro na meadhanan sòisealta. Tha sinn air leth toilichte gu bheil an iomairt shanasachd seo air leantainn ris an t-seirbheis Foghlam Gàidhlig ùr seo a stèidheachadh.

Thuirt Màiri NicAonghais, Cathraiche Bhòrd na Gàidhlig:

“Tha e na thogail mòr dhuinn gu bheil Siorrachd Rinn Friù air an co-dhùnadh seo a ruighinn.  Tha e na amas dhuinn sa Phlana Nàiseanta gun tèid leudachadh air cothroman Foghlaim tro Mheadhan na Gàidhlig do sgoilearan air feadh na dùthcha agus tha sinn a’ cur fàilte mhòr air Ùghdarras eile a’ libhrigeadh FtG.”

Thuirt Shirley-Anne Somerville, Rùnaire a’ Chaibineit airson Foghlam:

“Tha gealltanas aig Riaghaltas na h-Alba gus cothroman Foghlam tro mheadhan na Gàidhlig a leudachadh agus tha mi ag aithneachadh na h-obrach a tha Comhairle Siorrachd Rinn Friù air dèanamh gus an cothrom seo a thoirt don òigridh.  Tha mi a’ guidhe gach soirbheachas do na sgoilearan seo agus iad a tòiseachadh air t-slighe leis a’ Ghàidhlig.”