Lìonra Oifigearan Coimhearsnachd Gàidhlig

Lìonra Oifigearan Coimhearsnachd Gàidhlig

Tha Bòrd na Gàidhlig air leth toilichte gu bheil lìonra taice proifeasanta airson oifigearan coimhearsnachd Gàidhlig gu bhith a’ tòiseachadh.  Thèid a chur an gnìomh tro chom-pàirticheas eadar Sabhal Mòr Ostaig, Oilthigh Obar Dheathain is Comunn na Gàidhlig.

Tha barrachd is barrachd bhuidhnean san treas roinn a’ fastadh oifigearan Gàidhlig a tha ag obair le diofar choimhearsnachdan ann an Alba. Tha mòran de na dreuchdan sin air am maoineachadh le Bòrd na Gàidhlig agus le buidhnean poblach eile. ’S e an aon oifigear Gàidhlig ann am buidheann nas fharsainge a th’ ann an tòrr de na h-oifigearan seo.

Tha na h-oifigearan ag obair ann an grunn diofar roinnean –  obair òigridh, gnìomhachas, an àrainneachd, na h-ealainean –  agus tha a’ mhòr-chuid dhiubh ag obair anns na h-Eileanan an Iar agus air a’ Ghàidhealtachd, le cuid dhiubh stèidhichte ann an Earra-Ghàidheal is Bòd, Glaschu agus Dùn Èideann. Tha timcheall 40 obraichean làn-ùine no pàirt-ùine ann.

Lìbhrigidh an lìonra leasachadh is ionnsachadh proifeasanta agus cothroman airson a bhith a’ co-roinn fiosrachaidh a bharrachd air a bhith a’ cur ri co-obrachadh agus ri bhith a’ cumail taic ri càch a chèile.  Às dèidh a’ chiad bhliadhna, thèid an obair a mheasadh gus leasachaidhean san àm ri teachd fhiosrachadh, a dh’fhaodadh a bhith a’ gabhail a-steach prògram dreuchdail airson oifigearan Gàidhlig.

Thuirt Shona NicIllinnein, Ceannard, Bòrd na Gàidhlig: “Tha sinn ag aithneachadh cho cudromach ’s a tha e gu bheil oifigearan ag obair le farsaingeachd de choimhearsnachdan gus cur ri cleachdadh na Gàidhlig.  Bha sinn airson taic a bharrachd a thoirt dhaibh, mòran dhiubh a tha òg, gu sònraichte gus cur ri co-obrachadh, ri bhith a’ cumail taic ri càch a chèile agus ri cothroman airson leasachadh agus ionnsachadh proifeasanta.”

Thuirt an Leas-phrìomh Mhinistear, Iain Swinney: “Tha Riaghaltas na h-Alba dealasach a thaobh a bhith a’ toirt taic do na coimhearsnachdan Gàidhlig anns am bi na h-Oifigearan Gàidhlig ag obair. Tha e cudromach gum faigh na h-oifigearan seo an taic is trèanadh air a bheil iad feumach gus an comas a thoirt dhaibh rùn ar coimhearsnachdan a choileanadh, agus tha mi an dòchas gun toir am pròiseact seo gu buil ar n-amasan.

“Tha mi cuideachd toilichte a ràdh gu bheil Riaghaltas na h-Alba air maoineachadh a bharrachd de £150k a thoirt do Bhòrd na Gàidhlig airson barrachd Oifigearan Leasachaidh fhastadh gus taic a thoirt do na coimhearsnachdan far a bheil a’ Ghàidhlig na cànan coimhearsnachd. Bheirear seo neart a bharrachd don taic a tha ri faighinn mar-thà sna sgìrean seo.”

Thuirt Dòmhnall MacNèill, Ceannard Chomunn na Gàidhlig, “Tha na diofar oifigearan seo air leth cudromach do leasachadh na Gàidhlig anns a’ choimhearsnachd, ge bith dè an raon no am buidheann sa bheil iad ag obair. Tha sinn ag aithneachadh nach eil iad an sàs ann an obair fhurasta, agus tha sinne airson gum bi cothrom aca air taic phractaigeach nan obair làitheil – a dh’aindheoin an tigeadh siud bho chonaltradh le cuideigin eile san lìonradh ùr, no bho na cothroman trèanaidh is fèin-leasachaidh a tha sinn airson a chur air dòigh.”

Thuirt Michelle NicLeòid, Àrd-Ollamh na Gàidhlig aig Oilthigh Obar Dheathain, “Tha mi uabhasach toilichte a bhith a’ gabhail pàirt anns an iomairt bhrosnachail seo. Dhearbh rannsachadh a rinn mi roimhe le oifigearan coimhearsnachd cho cudromach ’s a tha na daoine seo a thaobh a’ toirt buaidh nach beag air leasachadh cànain anns na coimhearsnachdan Gàidhlig.  Dhearbh an rannsachadh agam cuideachd gu bheil luchd-obrach anns na suidheachaidhean cudromach seo feumach air taic oir faodaidh obair choimhearsnachd a bhith beagan aonranach, a bharrachd air a bhith tlachdmhor agus luachmhor. Bheir an lìonradh ùr seo cothrom do dhaoine tighinn còmhla gus taic a chumail ri chèile agus an cuid sgilean proifeiseanta a leasachadh ann an dòigh a bheir buaidh do na coimhearsnachdan anns a bheil iad ag obair.”

Thuirt Gillian Munro, Prionnsapal Shabhal Mòr Ostaig, “Tha sinn anabarrach toilichte a bhith ag obair còmhla ri Oilthigh Obar Dheathain agus Comann na Gàidhlig gus lìonra ùr a thogail a bhios a’ cumail taic agus cothroman trèanaidh do dh’ oifigearan Gàidhlig ann an Alba. Tha e cudromach a ràdh gu bheilear a’ cur an lìonraidh seo air dòigh gus taic a thoirt dha na h-oifigearan leasachaidh Gàidhlig ann an Alba, mar chothrom dhaibh air trèanadh agus  mar fhòram conaltraidh far an urrainn dhaibh tachairt ri chèile agus ionnsachadh bho chèile, agus nach eil e idir san amharc againn, no aig a’ Bhòrd, a bhith a’ stiùireadh obair nan oifigearan ann an dòigh sam bith. ʼS e an t-amas againn uile, an dèidh na bliadhna pìolaid, gun gabh sinne ceum air ais, agus gun gabh na h-oifigearan fhèin an lìonradh os làimh, gum bi iad ga ruith mar a’ bhuidheann phroifeiseanta aca fhèin.”

Thug i air oifigearan aig nach d’fhuair fios fhathast post-d a chur gu prìomh stiùiriche a’ phròiseict, Tim Armstrong aig ta.smo@uhi.ac.uk.