Stiùireadh
‘S e seo an stiùireadh airson sgeama Taic Freumhan Coimhearsnachd 2026-28. Tha lethbhreac den stiùireadh seo ri fhaighinn ann am PDF an seo, is gheibhear cruthan eadar-dhealaichte den stiùireadh ma tha seo air iarraidh oirbh le bhith cur post-d gu tabhartas@gaidhlig.scot.
Tha an sgeama seo a’ dùnadh aig 3f air Diciadain 10 Dùbhlachd 2025. Chaidh an duilleag seo ùrachadh mu dheireadh air 21 Dàmhair 2025.
Clàr
- Mu dheidhinn na maoine
- Riaghailtean airson Phròiseactan
- Dleastanasan sòisealta is eile
- A’ cur iarrtas a-steach
- Mar a thèid an iarrtas agaibh a làimhseachadh
- Tuilleadh fiosrachaidh
Mu dheidhinn na Maoine
’S e Taic Freumhan Coimhearsnachd a’ phrìomh mhaoin aig Bòrd na Gàidhlig airson taic a chur ri phròiseactan a bhios a’ cur air adhart cleachdadh is ionnsachadh na Gàidhlig aig ìre na coimhearsnachd ann an Alba. Tha sgeama fosgailte ris an dà chuid buidhnean coimhearsnachd agus daoine fa-leth.
Bidh an sgeama a’ toirt cothrom seachad cur a-steach airson suas ri 2 bhliadhna de thaic-airgid, eadar Màrt 2026 is Lùnastal 2028, airson phròiseactan nas fhaide no feadhainn a tha a’ ruith gach bliadhna. ’S e £200,000 am buidseat ris a bheil dùil airson an sgeama, ach tha seo ri dhearbhadh a rèir buidseat Bòrd na Gàidhlig 2026/27, is faodaidh sibh suas ri £5,000 iarraidh airson pròiseactan suas ri 1 bliadhna, no suas ri £10,000 airson pròiseactan suas ri 2 bliadhna.
Tha co-fharpais air a bhith ann tro chuairtean eile den sgeama seo, agus mar sin tha sinn an dùil nach gabh againn taic-airgid a thabhann do gach iarrtas a tha air am meas freagarrach.
Bidh sùbailteachd san sgeama airson taic a chumail ri iomadh seòrsa pròiseict a tha ag amas air daoine a thoirt còmhla gus Gàidhlig a chleachdadh, ach tha sinn gu sònraichte airson taic a chumail ri:
- Tachartasan Gàidhlig sa choimhearsnachd agaibh is air-loidhne
- Pròiseactan is cothroman a tha a’ brosnachadh dhaoine òga a’ Ghàidhlig a chleachdadh còmhla taobh a-muigh na sgoile
- Pròiseactan a tha brosnachadh cleachdadh na Gàidhlig am measg theaghlaichean is eadar ginealaichean
- Ionnsachadh inbhich Gàidhlig sa choimhearsnachd
- Colmcille – Togail cheanglaichean eadar luchd-labhairt na Gàidhlig is Gaeilge
Anns an iarrtas agaibh, tha sinn airson ’s gum mìnich sibh mar a bhios am pròiseact agaibh a’ freagairt air aon no barrachd air aon de na h-amasan seo. Bu chòir dhuibh cuideachd a bhith mothachail air mar a bhios am pròiseact agaibh a’ cur ri Plana Corporra Bòrd na Gàidhlig 2023-28 agus ri Plana Nàiseanta na Gàidhlig 2023-28.
Ann a bhith a’ measadh an iarrtais agaibh, bidh sinn a’ coimhead gu sònraichte air:
- Cho làidir ’s am biodh pròiseact agaibh a’ sealltainn gum bi e a’ brosnachadh cleachdadh na Gàidhlig sa choimhearsnachd agaibh is a’ coileanadh nan amasan sònraichte againn airson am-bliadhna
- Comas am buidheann agaibh/sibh fhèin mar neach fa-leth am pròiseact lìbhrigeadh gu soirbheachail
- Neart nam planaichean agaibh gus buaidh a’ phròiseict agaibh a mheasadh
- Luach an airgid a tha ga shealltainn leis a’ phròiseict
- Mar a tha is a bhios sibh a’ coileanadh dhleastanasan a thaobh na h-Àrainneachd, Co-ionnanachd is Obair Chothromach
Gheibhear stiùireadh nas mionaidiche air mar a thèid iarrtasan a mheasadh air làrach-lìn Bòrd na Gàidhlig.
Riaghailtean airson Phròiseactan
Cò dh’ fhaodas tagradh a chur a-steach?
Tha an sgeama seo fosgailte ri bhuidhnean an treas roinn, sgoiltean no daoine fa-leth stèidhichte ann an Alba. Tha e coltach gum bi e comasach dhuibh iarrtas a chur a-steach ma tha sibh aon de na leanas (agus nach eil casg air a chur oirbh le na riaghailtean nas fhaide sìos an duilleag):
- Carthannas Albannach clàraichte no Companaidh Ùidh Choimhearsnachd (CIC) le oifis ann an Alba
- Buidheann saor-thoileach le bonn-reachd agus chomataidh stèidhichte ann an Alba
- Sgoil air a ruith le ùghdarras ionadail Albannach (airson pròiseactan taobh-a-muigh a’ churraicealam)
- Neach fa-leth aig aois 18 no nas sìne a tha fuireach ann an Alba
Gheibhear eisimpleirean de phròiseactan a fhuair taic bho Taic Freumhan Coimhearsnachd a-cheana tron làrach-lìn GrantNav.
Chan fhaod luchd-iarrtais ach aon iarrtas a chur a-steach dhan chuairt seo den mhaoin.
Ma tha sibh air taic fhaighinn tro chuairt 2024-26 no 2025-27, chan fhaod sibh iarrtas a dhèanamh ach airson pròiseact a tha crìochnachadh as dèidh dhan tabhartas mu dheireadh agaibh crìochnachadh (m.e. ma tha pròiseact agaibh crìochnachadh san Iuchar 2026, faodaidh am pròiseact ùr agaibh tòiseachadh bho Lùnastal 2026). Ma tha ceistean sam bith agaibh a thaobh freagarrachd, cuiribh fios gu Bhòrd na Gàidhlig cho luath ’s a ghabhas.
Feumaidh cunntas-banca san RA a bhith agaibh cuideachd, fo ainm na buidhne/neach a tha cur an iarrtas a-steach, nuair a tha sibh a’ cur an iarrtais a-steach. Mur eil cunntas den a leithid agaibh is sibh an sàs ann am pròiseas cunntas banca ùr fhosgladh, chan urrainn dhan bhuidhinn agaibh iarrtas a chur a-steach. Bu chòir dhuibh sùil a thoirt air an stiùireadh againn air cunntasan banca airson tuilleadh fiosrachaidh.
Cò nach fhaod tagradh a chur a-steach?
Cha bhith e comasach dhuinn taic a chumail ribh ma tha sibh aon de na leanas:
- Ùghdarrasan poblach no ionadail, sgoiltean, no buidhnean far a bheil ùghdarrasan ionadail nam ball/stiùirichean a-mhàin
- Buidhnean coimeirsealta no airson prothaid
- Buidhnean Com-pàirteach Lìbhrigidh Bòrd na Gàidhlig
Chan fhaod sibh iarrtas a chur a-steach mar neach fa-leth airson pròiseact far am biodh buidheann air a bheil thu nad bhall air comataidh aca no neach-obrach aca an sàs.
Clàr-ama a’ Phròiseict
Bidh an sgeama a’ toirt taic do phròiseactan a thèid an tòiseachadh eadar 2 Màrt 2026 agus 31 Dùbhlachd 2026 agus a thèid crìochnachadh ro 31 Lùnastal 2028, agus chan fhaigh sibh ach suas ri 2 bhliadhna de thaic bhon chuairt seo den sgeama taobh a-staigh a’ chlàr-ama sin.
Thathar an dùil gun tèid an ath chuairt maoineachaidh a ruith eadar Dàmhair 2026 is Faoilleach 2027 airson pròiseactan 2027-29.
Dè na cosgaisean a gheibh taic?
Faodaidh buidhnean ri £5,000 iarraidh ma tha pròiseact a’ maireachdainn suas ri 1 bliadhna no suas ri £10,000 ma tha pròiseact a’ maireachdainn 12-24 mìosan (is dh’ fhaodadh gum bi seo pro-ràta stèidhichte air £5,000 p.a.). Faodaidh daoine fa-leth iarrtas a chur a-steach airson suas ri £5,000, airson pròiseactan maireachdainn suas ri 24 mìosan.
Faodaidh sibh iarraidh suas ri 80% de chosgaisean iomlan a’ phròiseict, fhad ’s a tha seo fon t-suim iomlan air ainmeachadh gu h-àrd.
Bu choir pròiseactan amas air teachd-a-steach iomchaidh fhaighinn bho chom-pàirtichean far a bheil seo comasach (m.e. cìsean airson chlasaichean Gàidhlig, airgead bho phàrantan airson turasan sgoile, tiocaidean airson chuirmean), agus is mathaid gun cuir sinn cumha air an taic-airgid againn gum bi sibh a’ togail ìre de dh’ airgead bho bhunan den leithid ma tha an t-iarrtas agaibh soirbheachail.
Bu chòir dhuibh dèanamh cinnteach nach eil teachd-a-steach tro sgeamaichean maoineachaidh eile, Maoin nan Ealan Gàidhlig air a ruith le Fèisean nan Gàidheal, Maoin nan Tabhartasan Beaga aig Seachdain na Gàidhlig no Buidhnean Com-pàirteach Lìbhrigidh Bhòrd na Gàidhlig air a chleachdadh airson cosgaisean sam bith a phàigheadh dhan phròiseact. Dh’ fhaodadh sinn cuideachd an iarrtas agad a dhiùltadh, suim tabhartas agaibh ìsleachadh no dhiùltadh pàirt de phròiseact a mhaoineachadh nam biodh seo pàigheadh buidheann airson cosgaisean a tha air a mhaoineachadh leinn mar thà. Chan fhaod tabhartas a tha air a thabhann tron sgeama seo do bhuidheann a tha faighinn taic tron Sgeama Oifigearan Gàidhlig againn a bhith air a chleachdadh airson cosgaisean luchd-obrach.
Bu chòir gach pròiseact a tha a’ pàigheadh tuarastalan no cìsean dhan fheadhainn a tha a’ lìbhrigeadh a’ phròiseict a bhith a’ pàigheadh co-dhiù Tuarastal Bith-beò fìor (a tha £12.60 san uair an-dràsta, £13.45 bho 1 Cèitean 2026) agus ìrean pàighidh gnìomhachais iomchaidh. Ma tha sibh a’ cleachdadh ìrean pàighidh gnìomhachais anns na figearan agaibh, nach cuir sibh fios a-steach dhan iarrtas air cò a shuidhich na h-ìrean agus ceangal ann gus am fiosrachadh a lorg.
Tha cosgaisean neo-ionmhasail/saor-thoileach ceadaichte mar phàirt de chosgaisean iomlan a’ phròiseict. Faodar taic neo-ionmhasail airson ùine air a thoirt seachad gu saor-thoileach a thuairmse le luach de cho-dhiù am Fìor Thuarastal Bith-beò no tuarastal gnìomhachais iomchaidh, ma tha sin ri fhaighinn, is bu chòir seo a bhith air ainmeachadh sa bhuidseat an dà chuid mar theachd-a-steach agus cosgaisean.
Cha bhi sinn a’ cur taic ri cosgaisean pròiseact ri linn:
- Cosgaisean-tòiseachaidh no cosgaisean ruith leantainneach aig buidhnean
- Cosgaisean ri linn cur air dòigh, frithealadh no pàirt a ghabhail sa Mhòd Nàiseanta Rìoghail no Mòdan Ionadail
- Gnìomhan/tachartais aig Fèisean a tha air am maoineachadh le tabhartas Fhèisean nan Gàidheal
- Siubhal air itealan (ach airson pròiseactan ri linn Cholmcille)
- Cosgaisean uidheamachd thairis air £500 gu h-iomlan
- Duaisean co-fharpaisean
- Lìbhrigeadh curraicealam na sgoile
- Seiseanan tràth-bhliadhnaichean cunbhalach
- Gnothaichean pàrtaidh poileataigeach
Sgrùdadh is measadh air a’ phròiseact
Ma tha an t-iarrtas agaibh soirbheachail, bidh agaibh ri sgrùdadh is measadh a dhèanamh air mar a thèid am pròiseact agaibh a lìbhrigeadh agus a’ bhuaidh aige a shealltainn sna h-aithisgean a thèid iarraidh oirbh. Aig a’ char as lugha, bidh sinn ag iarraidh oirbh clàradh cia mheud duine a tha a’ gabhail pàirt sa phròiseact agus faighneachd de chom-pàirtichean (no sampall de na chom-pàirtichean airson tachartasan/pròiseactan mòra) airson fios fhaighinn air beachdan aca air buaidh am pròiseact air an cleachdadh, ionnsachadh no beachd aca den Ghàidhlig.
Thèid iarraidh oirbh san fhoirm-iarrtais mar a bhios sibh an dùil sgrùdadh a dhèanamh air a’ phròiseas, dè na thargaidean a bhios sibh a’ cleachdadh gus measadh an robh am pròiseact soirbheachail is mar a bhios sibh a’ trusadh fiosrachaidh bho chom-pàirtichean.
Feumar aithisg dheireannach a chur a-steach airson gach pròiseact a thèid a mhaoineachadh, agus ma tha dùil gum bi am pròiseact agaibh a’ maireachdainn nas fhaide na 12 mìosan, feumaidh sibh aithisg adhartais a chur a-steach mu letheach slighe tro fhaid a’ phròiseict agaibh. Dh’ fhaodadh gun iarr sinn aithisgean adhartais a bharrachd oirbh ma tha sinn den bheachd gu bheil sin a dhìth.
Anns na h-aithisgean agaibh, thèid iarraidh oirbh iomradh a thoirt seachad air gnìomhan, mìneachadh a thoirt seachad air atharrachaidhean sam bith dhan phròiseact bho na chaidh ainmeachadh san iarrtas, fiosrachadh a thoirt seachad mar a tha sibh a’ coileanadh targaidean is cumhaichean san litir-tairgse agaibh, iomradh a thoirt air teachd-a-steach is cosgaisean na phròiseact is fianais ri linn seo, agus cuideachd airson dearbhadh mar a tha sibh a’ coileanadh riatanasan Obair Cothromach.
Bidh e comasach dhuibh na h-aithisgean a chur a-steach tro phortal iarrtasan Fluxx aig https://bng.fluxx.io, agus bidh e comasach seo fhaicinn ma tha an t-iarrtas agaibh soirbheachail.
Ciamar a thèid sinn ar phàigheadh?
Ma tha an t-iarrtas agaibh soirbheachail, pàighidh sinn suim den tabhartas thugaibh aig tòiseach a’ phròiseict as dèidh dhuibh ur n-aonta ris an tabhartas a shoidhneadh is tilleadh thugainn is cumhaichean sam bith eile a tha sinn a’ cur oirbh a choileanadh, leithid aithisgean dheireannaich airson seann tabhartasan a chur a-steach. Gheibh sibh pàighidhean a bharrachd nuair a tha sibh a’ cur a-steach aithisgean adhartais no dheireannaich thugainn.
Bidh suimeannan na pàighidhean seo a-rèir feumalachdan a’ phròiseict agaibh, ach mar as trice airson pròiseactan a bhios maireachdainn suas ri 12 mìosan thèid 80% den tabhartas a phàigheadh thugaibh aig tòiseach a’ phròiseict is suas ri 20% air a phàigheadh as dèidh dhuibh an aithisg dheireannaich agaibh a chur a-steach, is airson pròiseactan nas fhaide na 12 mìosan gheibh sibh 40% den tabhartas aig tòiseach a’ phròiseict, 50% den tabhartas as dèidh dhuibh an aithisg adhartais a chur a-steach mu letheach slighe tron phròiseict, is suas ri 10% as dèidh dhuibh an aithisg dheireannaich a chur a-steach.
Bitheamh mothachail gu bheil pròiseactan air a mhaoineachadh air stèidh rèidh a thaobh ionmhais, mar sin bidh agaibh ri maoineachadh Bòrd na Gàidhlig sam bith nach deach a chosg air a’ phròiseact a thilleadh, is faodaidh sinn suimeannan na phàighidhean atharrachadh mur eil e coltach gum bi an suim iomlan a dhìth oirbh.
Ag aithneachadh taic
Mar bhuidheann phoblach, tha e cudromach dhuinn gu bheil fios aig a’ phoball air mar a tha sinn a’ cleachdadh ar cuid airgid, is mar sin tha e cudromach gu bheil sibh ag aithneachadh gun tug Bòrd na Gàidhlig taic-airgid dhan phròiseact agaibh (far a bheil sin iomchaidh). Ma tha an t-iarrtas agaibh soirbheachail, bidh dleastanas oirbh an taic-airgid againn aithneachadh ann an diofar dhòighean tron phròiseact is fios a thoirt seachad dhuinn sna h-aithisgean agaibh air mar a rinn sibh seo.
Airson tuilleadh fiosrachaidh, nach toir sibh sùil air an Stiùireadh Aithneachaidh is Stiùireadh Brannd air an làrach-lìn againn.
Dleastanasan Sòisealta
Tha dleastanasan aig Bòrd na Gàidhlig gus cur air adhart deagh chleachdadh ann a bhith:
- A’ lùghdachadh buaidh air an àrainneachd
- A’ brosnachadh co-ionannachd chothroman do dhaoine le feart dìonta a rèir Achd Co-Ionannachd 2010
- A’ brosnachadh chothroman do dhaoine òga a tha, no a tha air a bhith, fo chùram a rèir Achd na Cloinne is nan Daoine Òga (Alba) 2014
Bu mhath leinn gum bi na buidhnean is pròiseactan a tha a’ faighinn maoineachadh bhuainn cuideachd a’ cur ris na h-amasan seo, is bidh sinn ag iarraidh oirbh san fhoirm-iarrtais mar a tha sibh an dùil gum bi am pròiseact agaibh a’ dèanamh seo.
Airson tuilleadh fiosrachaidh, nach leugh sibh fiosrachadh tro na ceanglaichean gu h-ìosal:
- Fiosrachadh air àireamhachadh is lùghdachadh eimiseanan carbon bho Cultar airson Clìomaid Alba
- Fiosrachadh mu na feartan dìonte a rèir Achd Co-Ionannachd 2010
- Mu dheidhinn Pàrantan Corporra agus cumail taic ri clann a tha air a bhith ann an cùram
Obair Chothromach
Feumaidh buidhnean a tha a’ faighinn maoineachadh poblach ann an Alba cumail ri poileasaidh Obair Chothromach aig Riaghaltas na h-Alba, agus mar sin feumaidh iad:
- Co-dhiù am fìor Thuarastal Beò a phàigheadh; agus
- Dòighean iomchaidh airson guth luchd-obrach èifeachdach, leithid aithneachadh aonaidhean-ciùird, a chruthachadh
Thèid iarraidh oirbh mar phàirt den tagradh agus an aithris agaibh dearbhadh gu bheil sibh a’ cumail ris a’ phoileasaidh agus fianais a thoirt seachad gun do rinn sibh sin.
Tha tuilleadh stiùireadh air mar a tha sinne aig Bòrd na Gàidhlig a’ cur an gnìomh poileasaidh Obair Cothromach ri fhaighinn an seo, is tha stiùireadh bho Riaghaltas na h-Alba air am poileasaidh ri fhaighinn an seo.
A’ dìon buidhnean so-leònte
Ma bhios am pròiseact agaibh ag obair le clann, inbhich air a dhìon no an dà chuid, feumaidh sibh a dhearbhadh gu bheil neach sam bith a tha ag obair ann an “ròl riaghlaichte” na bhall den sgeama Dìon nam Buidhnean So-leònte (PVG), is seo na dleastanas laghail.
Bitheamh mothachail airson cuid de bhuidhnean a tha ag obair a-mhàin le chlann no inbhich so-leònte, gur dòcha gun fheum buill a’ chomataidh/urrasairean ballrachd PVG airson na buidhne.
Thèid iarraidh oirbh mar phàirt den iarrtas ma tha sibh an dùil a bhith ag obair le clann no inbhich so-leònte mar phàirt den phròiseact agaibh, is a dhearbhadh mar a bhios sibh an dùil na dleastanasan seo a choileanadh. Gur dòcha gun tèid an iarrtas agaibh a dhiùltadh mur eil e soilleir gum bi sibh a’ coileanadh dleastanasan laghail a th’ oirbh.
Ma tha ceistean sam bith agaibh air mar a bhios seo a’ buntainn ribh, cuiribh fios thugainn cho luath sa ghabhas aig tabhartas@gaidhlig.scot.
Smachdachadh Subsadaidh
Mar bhuidheann poblach, feumaidh Bòrd na Gàidhlig a bhith leantainn riaghailtean smachdachaidh subsadaidh a tha tighinn fo Achd Smachdachaidh Subsadaidh 2022 agus an Aonta Malairt is Co-obrachaidh eadar Riaghaltas an RA is an t-Aonadh Eòrpach. Gheibhear barrachd fiosrachaidh air làrach-lìn Riaghaltas an RA.
Mar phàirt de mheasadh air an iarrtas agaibh, bidh againn a bhith measadh nam biodh an tabhartas na subsadaidh agus cuiridh sinn ceistean oirbh san foirm-iarrtais airson ar chuideachadh co-dhùnadh a ruighinn air a seo.
Ma tha sibh faighinn tabhartas a tha air a mheasadh mar subsadaidh, bidh agaibh a bhith leantainn riaghailtean smachdachaidh subsadaidh, le tuilleadh stiùireadh ri fhaighinn aig an ìre sin.
A’ cur iarrtas a-steach
Bu chòir dhuibh iarrtas a chur a-steach tro phortal iarrtasan Fluxx aig bng.fluxx.io. Faodaidh sibh cunntas a chruthachadh saor ’s an-asgaidh air an làraich-lìn sin is tha e comasach an t-adhartas agaibh leis an iarrtas a shàbhaladh fhad ‘s a tha sibh ag obair air. Faodaidh sibh gach faidhle-taic a chur a-steach tron phortal.
Dùnaidh portal nan iarrtasan aig 3f air Diciadain 10 Dùbhlachd 2025 agus cha bhi e comasach iarrtas a chur a-steach às dèidh a’ chinn-uidhe sin ach ma fhuaras cead bho oifigearan Bhòrd na Gàidhlig.
Tha taic mionaideach ri fhaighinn air an fhiosrachadh a tha sinn a’ sireadh bho gach ceist.
Ma tha duilgheadasan sam bith agaibh leis a’ phortal, ma tha sibh airson na faidhlichean iarrtais fhaighinn ann an cruth eadar-dhealaichte, no ma tha ceistean sam bith agaibh a thaobh an iarrtais nach cuir sibh post-d thugainn cho luath sa ghabhas aig tabhartas@gaidhlig.scot.
Faidhlichean-taic riatanach
Nuair a tha sibh a’ cur an iarrtais a-steach, ach a-mhàin ma tha sibh a’ cur iarrtas a-steach às leth sgoile, feumaidh sibh na faidhlichean-taic riatanach a leanas a chur còmhla ris:
Buidhnean
Riatanach
- Bonn-stèidh no Meòrachan agus Artaigilean Companaidh
- Na cunntasan bliadhnail mu dheireadh (mur eil sibh na buidheann a chaidh stèidheachadh o chionn goirid)
- Aithris banca bho na trì mìosan mu dheireadh, no ma tha sibh air cunntas banca ùr fhosgladh san ùine sin, litir a tha dearbhadh gun deach seo fhosgladh
- Poileasaidh Dìon Chloinne no Barantachaidh (ma tha clann no inbhich so-leònte an sàs sa phròiseact)
- Liosta de Bhuill a’ Bhùird no Comataidh (ach a-mhàin airson companaidhean clàraichte)
Air am moladh (ma tha iad agaibh)
- An Aithisg Bhliadhnail mu dheireadh
- Poileasaidh Gàidhlig
- Poileasaidh co-ionannachd chothroman no Poileasaidh co-ionnanachd, iomadachd is in-ghabhaltachd
- Poileasaidh no aithris àrainneachd
Daoine fa-leth
Riatanach
- Cunntas-beatha
- Eisimpleirean de dh’ obair a rinn sibh a-cheana
- Poileasaidh Dìon Chloinne no Barantachaidh (ma tha clann no inbhich so-leònte an sàs sa phròiseact)
- Aithris banca bho na trì mìosan mu dheireadh, no ma tha sibh air cunntas banca ùr fhosgladh san ùine sin, litir a tha dearbhadh gun deach seo fhosgladh
- Litir(ichean)-taic bho buidheann sa choimhearsnachd airson na phròiseact
Mur eil na sgrìobhainnean a bharrachd a tha a dhìth air an cur a-steach còmhla ri iarrtas (ach a-mhàin mas e iarrtas as leth sgoil a th’ ann), bidh an t-iarrtas neo-cheadaichte agus cha tèid a mheasadh.
Mar a thèid an iarrtas agaibh a làimhseachadh
Gheibh sibh post-d fèin-obrachail bhon phortal Fluxx a’ dearbhadh gun d’ fhuair sinn an t-iarrtas agaibh. Mur eil sibh air seo fhaighinn, dèanaibh cinnteach gu bheil sibh air an t-iarrtas agaibh a chur a-steach is nach eil sibh dìreach air a shàbhaladh.
Thèid sgrùdadh a dhèanamh air iarrtasan nuair a thig iad a-steach le oifigearan Bhòrd na Gàidhlig gus dearbhadh gu bheil iad a’ leantainn riaghailtean na maoine agus gu bheil iad a’ toirt seachad an fhiosrachaidh a tha a dhìth. Ma thathar den bheachd nach eil an t-iarrtas agaibh ceadaichte air adhbhar teicnigeach, thèid iarraidh oirbh seo a chur ceart (ma thathar den bheachd gu bheil seo comasach). Mur eil an t-iarrtas agaibh gu tur a’ leantainn riaghailtean na maoine aig 10m air Diluain 12 Faoilleach 2026 dh’fhaodte gun tèid an t-iarrtas agaibh a dhiùltadh gun mheasadh.
Thèid gach iarrtas ceadaichte a mheasadh le pannal de dh’ oifigearan aig Bòrd na Gàidhlig a rèir an stiùireadh-measaidh, agus cuiridh iad molaidhean do Sgioba-stiùiridh Bhòrd na Gàidhlig a nì an co-dhùnadh air na h-iarrtasan.
Dh’fhaodadh gun iarr Bòrd na Gàidhlig tuilleadh fiosrachaidh no mìneachadh air fiosrachadh mu dheidhinn a’ phròiseict mar phàirt den phròiseas measaidh. Mur an tèid am fiosrachadh seo a thoirt seachad taobh a-staigh 10 làithean-obrach, tha sinn a’ glèidheadh na còrach gum faod sinn an t-iarrtas agad a dhiùltadh.
Tha sinn an dùil gun tèid innse dhuibh mu cho-dhùnaidhean air an iarrtas agaibh le phost-d tràth sa Ghearran 2026.
Ma thèid taic a thabhann dhuibh, thèid litir taic-airgid a chur thugaibh tro Docusign dhan neach-sgrìobhaidh ainmichte agaibh (no luchd-sgrìobhaidh ma tha sibh nar buidheann le luchd-obrach agus gum feum sibh Dearbhadh Obrach Chothromaich a lìonadh). Bidh suas ri 30 latha agaibh gus gabhail ris an tairgse (is cumhaichean taic-airgid coitcheann, a tha ri fhaighinn an seo) no thèid an tairgse taic-airgid a thoirt air ais. Thèid foirm fios banca a chur leis an litir-tairgse cuideachd airson a’ lìonadh is dearbhadh am fiosrachadh gus ur pàigheadh.
Mur eil sibh riaraichte le co-dhùnadh air an iarrtas agaibh, ged nach eil pròiseas ath-thagradh againn faodaidh tu gearain a chur a-steach ma tha thu den bheach nach deach dèiligeadh ris an iarrtas agad a-rèir an stiùireadh ‘sa is an stiùireadh-measaidh. Airson tuilleadh fiosrachaidh, tha ar modhan gus dèiligeadh ri ghearanan ri fhaighinn an seo.
Tuilleadh fiosrachaidh
Airson tuilleadh fiosrachaidh mun mhaoin seo, tadhail air làrach-lìn Bhòrd na Gàidhlig no cuiribh fios gu tabhartas@gaidhlig.scot.
Faodaidh tu cuideachd sùil a thoirt air freagairtean ri cheistean cumanta mu dheidhinn a’ mhaoineachaidh againn air an làraich-lìn againn.
Gheibhear fiosrachadh mu phrìobhaideachd a thaobh ar sgeamaichean maoineachaidh air an làraich-lìn againn agus bidh agaibh a dhearbhadh aig ìre an iarrtas a chur a-steach gu bheil sibh air seo a leughadh is gabhail ris – gu sònraichte ri linn mar a thèid fiosrachadh mun tabhartas agaibh fhoillseachadh ma tha sibh soirbheachail, is na riatanasan oirnn fo Achd Saorsa Fiosrachaidh (Alba) 2002.
Gheibhear cruthan eadar-dhealaichte den stiùireadh seo is de dh’fhoirmichean-iarrtas ma tha sibh ag iarraidh agus dh’ fhaodadh gun tèid iad air fhoillseachadh aig: https://www.gaidhlig.scot/gd/maoineachaidh/cothroman-maoineachaidh/taic-freumhan-coimhearsnachd/
Eachdraidh Atharrachadh
v2 – 27 Dàmhair 2025 – Ùrachadh air figear tuarastal bith-beò fìor ri linn naidheachd 22 Dàmhair
v1 – 21 Dàmhair 2025 – Air fhoillseachadh
