Suirbhidh Beachdan Sòisealta na h-Alba

Bòrd na Gàidhlig a’ cur fàilte air Suirbhidh Beachdan Sòisealta na h-Alba agus taic dhan Ghàidhlig air a dhol am meud gu mòr thairis air an deich bliadhna mu dheireadh

 

Gheibhear lorg air an aithisg agus na duilleagan fiosrachaidh an seo.

 

Tha an àireamh de dh’Albannaich a tha comasach air beagan Gàidhlig a bhruidhinn air dùblachadh san deich bliadhna mu dheireadh a rèir an tionndaidh as ùire de Shuirbhidh Beachdan Sòisealta na h-Alba.

Tha an uiread de dhaoine a tha ag ràdh gu bheil iad comasach air co-dhiù corra fhacal Gàidhlig a bhruidhinn air dùblachadh bho 15% ann an 2012 gu 30% an-diugh.

Tha Bòrd na Gàidhlig, a’ phrìomh bhuidheann an Alba le dleastanas gus Gàidhlig adhartachadh air fàilte a chur air an t-suirbhidh mar fìor shoirbheas dhan chànan, leis na toraidhean a’ sealltainn gu bheil ìre shusbainteach de thaic agus de mhothachadh ann air feadh na dùthcha.

Tha Suirbhidh Beachdan na h-Alba (Scottish Social Attitudes Survey – SSA) air a dhèanamh le Ionad na h-Alba airson Rannsachadh Sòisealta (ScotCen) agus tha e air a bhith a’ cumail sùil air atharrachaidhean ann am beachdan sòisealta, poilitigeach agus moralta na h-Alba bho 1999.

Fhuair an suirbhidh a-mach gun robh còrr is an dàrna leth de dhaoine a rinn an suirbhidh airson ’s gum biodh fàs ann an àireamhan luchd-labhairt na Gàidhlig san àm ri teachd, le 56% den bheachd seo.

A rèir an t-suirbhidh, tha daoine òga, daoine le eòlas nas motha air a’ Ghàidhlig, agus an fheadhainn a tha air barrachd fhaicinn is cluinntinn den chànan am measg nam prìomh fhactaran ann am fàs a’ chànain. Tha an suirbhidh a’ sealltainn gu bheil beachdan fàbharach nas dualtaiche a bhith aig daoine a tha air Gàidhlig fhaicinn no a chluinntinn.

Tha an SSA cuideachd a’ sealltainn gun robh atharrachadh mòr ann am beachdan a thaobh foghlaim. Tha còrr is an dàrna leth den fheadhainn a ghabh pàirt san t-suirbhidh, 55% den bheachd gum bu chòir Gàidhlig a bhith air a teagasg do gach sgoilear aig aois eadar còig agus 15 eadar uair is dà uair a thìde gach seachdain. Seo àrdachadh mòr bho dìreach 38% ann an 2012.

Tha e soilleir cuideachd gu bheil a’ Ghàidhlig a’ cur ri sunnd le 70% de dh’inbhich ag ràdh gun robh faireachdainn de choileanadh aca bho bhith ag ionnsachadh na Gàidhlig.

Thuirt Màiri NicAonghais, Cathraiche Bhòrd na Gàidhlig: “Tha Bòrd na Gàidhlig a’ cur fàilte air an aithisg as ùire bho Shuirbhidh Beachdan Sòisealta na h-Alba. Is e fìor dheagh naidheachd a th’ anns na toraidhean seo agus tha iad a’ sealltainn gu bheil taic fharsaing ann dhan Ghàidhlig, rud a tha dòchasach dhi san àm ri teachd. Tha am fàs ann an cleachdadh na Gàidhlig ro chudromach airson a bhith a’ glèidheadh agus a’ toirt fàs air a’ Ghàidhlig sna bliadhnaichean ri teachd agus cumaidh sinn oirnn ag obair gun sgur gus taic agus fuasglaidhean a thoirt seachad gus an lean am fàs seo.

“Tha sinn fìor thoilichte leis an àrdachadh san àireimh de dhaoine aig a bheil eòlas air choreigin air a’ chànan – ’s e adhartas air leth a th’ ann gun do dhùblaich am figear seo ann an deich bliadhna Tha fios gun cuir taic a thaobh fàs ann am foghlam Gàidhlig sna sgoiltean againn ri tarraingeachd na Gàidhlig do na ginealaichean ri tighinn agus tha sinn an dùil gum bi seo na phàirt chudromach den ro-innleachd againn gus togail air an t-soirbheas seo.

Thuirt Shirley-Ann Somerville, Rùnaire a’ Chaibineit airson Cànanan na h-Alba: “Tha an t-àrdachadh anns an àireimh de dhaoine aig a bheil comas Gàidhlig a bhruidhinn gu ìre air choreigin agus an taic dhan àrdachadh leantainneach a’ sealltainn gu bheil dealas an Riaghaltais seo gus an cànan a bhrosnachadh agus a leasachadh a’ toirt buaidh bhrìoghmhor.

“Tha sinn airson dèanamh cinnteach gum faigh an fheadhainn a tha airson Gàidhlig a chleachdadh no ionnsachadh, an cothrom sin a dhèanamh agus leanaidh sinn oirnn ag obair còmhla ri com-pàirtichean a dh’ionnsaigh an amais seo.”