Stiùireadh Tabhartasan nan Tràth-bhliadhnaichean 2026/27
Mu dheidhinn na Maoine
Tha sgeama Tabhartasan nan Tràth-bhliadhnaichean Gàidhlig air a ruith is air a mhaoineachadh le Bhòrd na Gàidhlig is ri fhaighinn airson taic a thoirt do bhuidhnean tràth-bhliadhnaichean Gàidhlig saor-thoileach no treasaibh-roinn gus seiseanan tro mheadhan na Gàidhlig a ruith do chlann aig aois 0-3 sa bhliadhna-sgoile 2026/27. Tha an sgeama a’ cur taic ri amasan a’ Phlana Cànain Nàiseanta Ghàidhlig 2023-28 ri linn cleachdadh na Gàidhlig aig an taigh agus foghlam nan tràth-bhliadhnaichean.
A’ leantainn air aithisg An t-Ollamh Wilson McLeòid air solar tràth-bhliadhnaichean Gàidhlig, tha Bòrd na Gàidhlig an dùil a bhith gluasad tro 2026/27 a dh’ ionnsaigh modail lìbhrigidh ùr airson seiseanan tràth-ìrean air a stiùireadh le oifigearan, is bidh sinn ag obair gu dlùth le buidhnean air a mhaoineachadh mar thà gus a bheil an solar seo air a chumail cunbhalach a-steach dhan bliadhna-sgoile 2027/28. Thig tuilleadh fiosrachaidh air na h-atharrachaidhean tron bhliadhna.
Tha Bòrd na Gàidhlig air stiùireadh ullachadh airson bhuidhnean tràth-bhliadhnaichean 0-3 a stèidheachadh no a ruith a bhiodh feumail do bhuidhnean a tha beachdachadh air iarrtas a chur a-steach, is e ri fhaighinn air an làrach-lìn againn an seo.
Tha sgeama am bliadhna gu sònraichte ag amas air taic a chur ri bhuidhnean a tha sealltainn mar a bhios iad a’ coileanadh na builean leanas:
- A’ daingneachadh gu bheil cothrom seasmhach aig clann is teaghlaichean air solar tràth-bhliadhnaichean Gàidhlig
- A’ cur ris an àireamh chloinne a tha a’ cumail a’ dol le ionnsachadh tron Ghàidhlig aig ìrean eadar-ghluasaid
- A’ cuideachadh barrachd theaghlaichean ann an Alba a bhith mothachail air na buannachdan a thig bho dhà-chànanas agus air na cothroman a gheibhear le foghlam tron Ghàidhlig
- A’ cuideachadh phàrantan gus am bi eòlas nas fheàrr aca air goireasan agus air na cothroman a th’ ann gus taic a chumail is conaltradh a dhèanamh ri an cuid chloinne tron Ghàidhlig san taigh agus sa choimhearsnachd
Ann a bhith a’ measadh an iarrtais agaibh, bidh sinn a’ coimhead air:
- Dè cho làidir ’s a bhios a’ bhuidheann a thaobh builean a’ mhaoin a choileanadh
- Comasan na buidhne gus seiseanan Gàidhlig aig deagh inbhe a lìbhrigeadh
- Cho math agus a tha a’ bhuidheann a’ cumail taic ri cleachdadh, ionnsachadh is cur air adhart na Gàidhlig sa choimhearsnachd
- Soirbheachas na buidhne ann a bhith a’ cur ri àireamhan frithealaidh, àireamhan a’ dol air adhart gu FtG agus ann a bhith a’ cur air adhart na Gàidhlig san sgìre
- Comasan na buidhne gus sùil a chumail air is measadh a dhèanamh air adhartas
- Luach an airgid ga shealltainn anns an iarrtas
Gheibhear stiùireadh-measaidh nas mionaidiche air làrach-lìn Bhòrd na Gàidhlig.
Riaghailtean airson na Sgeama
Cò dh’ fhaodas iarrtas a chur a-steach?
Faodaidh buidhnean treas-roinn no saor-thoileach sam bith a tha ruith seiseanan tràth-bhliadhnaichean (0-3) Gàidhlig iarrtas a chur a-steach.
Feumaidh bonn-stèidh, comataidh is cunntas-banca san Rìoghachd Aonaichte a tha fosgailte is ann an ainm na buidhne a bhith aig a’ bhuidheann gus a bhith freagarrach dhan sgeama. Mur eil cunntas banca beò is fosgailte agaibh mar bhuidheann chan fhaod sibh iarrtas a chur a-steach.
Chan eilear a’ gabhail iarrtasan bho ùghdarrasan ionadail no dhaoine fa-leth tron sgeama seo.
Cleachdadh na Gàidhlig
Tha taic ri fhaighinn airson seiseanan air a ruith tro mheadhan na Gàidhlig a-mhàin. Tha sinn an dùil ann an 2026/27 a bhith lùghdachadh taic airson buidhnean nach eil a’ coileanadh ìrean àrd de chleachdadh na Gàidhlig an lùib seiseanan a lìbhrigeadh.
Bu chòir gach stiùiriche-cluiche a tha faighinn taic tron mhaoin a bhith comasach seiseanan a lìbhrigeadh gu tur tro mheadhan na Gàidhlig is bu chòir co-dhiù comas B2 (Neach-cleachdaidh fa-leth) air an sgèile CEFR/FICE. Tha tuilleadh fiosrachaidh is goireas fèin-measadh ri fhaighinn an seo. Far a bheil stiùirichean-cluiche nach eil air ìre B2 ruighinn fhathast, bu chòir dhaibh a bhith ag obair a dh’ ionnsaigh seo no cha bhith taic air a chumail ri chosgaisean tuarastail na stiùirichean-cluiche seo.
Clàr-ama
Bheir a’ mhaoin taic do sheiseanan na buidhne a thèid a lìbhrigeadh eadar 1 Lùnastal 2026 agus 5 Iuchar 2027. Dh’ fhaodadh taic a thoirt seachad taobh a-muigh an clàr-ama seo ma cheadaicheas Bòrd na Gàidhlig ri seo ann an suidheachadh sònraichte.
Ìrean taic-airgid
’S e £100,000 am buidseat ris a bheilear an dùil airson an sgeama seo. Thathar an dùil gum bi am maoin seo farpaiseach is mathaid nach bi e comasach taic a chumail ri gach iarrtas freagarrach, no nach fhaigh sibh an ìre taic-airgid a dh’ iarr sibh.
Chan fhaod buidhnean ach aon iarrtas a chur a-steach, ach faodar iarrtas a chur a-steach gus taic a chumail ri barrachd na aon buidheann tràth-bhliadhnaichean Gàidhlig (ma tha sin freagarrach dhan bhuidheann).
Faodaidh buidhnean a tha lìbhrigeadh 1 seisean san t-seachdain a-mhàin suas ri £4,000 a shireadh, ach faodaidh buidhnean a tha a’ lìbhrigeadh barrachd na 1 seisean san t-seachdain suas ri £15,000 a shireadh. Far a bheil iarrtas ann airson barrachd na aon buidheann tràth-bhliadhnaichean lìbhrigeadh, faodar suas ri £20,000 sireadh uile-gu-lèir airson na buidhnean seo uile.
Thathar an dùil gum bi gach buidheann a’ togail airgid bho thùsan eile (m.e. cìsean frithealaidh no taic-airgid eile) agus gum bu chòir dhuibh an taic seo a thuairmse is ainmeachadh san iarrtas agaibh.
Bu chòir dhuibh dèanamh cinnteach nach eil teachd-a-steach tro sgeamaichean maoineachaidh eile, Maoin nan Ealan Gàidhlig air a ruith le Fèisean nan Gàidheal, Maoin nan Tabhartasan Beaga aig Seachdain na Gàidhlig no Buidhnean Com-pàirteach Lìbhrigidh Bhòrd na Gàidhlig air a chleachdadh airson cosgaisean sam bith a phàigheadh dhan bhuidheann. Dh’ fhaodadh sinn cuideachd an iarrtas agad a dhiùltadh, suim tabhartas agaibh ìsleachadh no dhiùltadh pàirt de obair na bhuidheann a mhaoineachadh nam biodh seo pàigheadh buidheann airson cosgaisean a tha air a mhaoineachadh leinn mar thà. Chan fhaod tabhartas a tha air a thabhann tron sgeama seo do bhuidheann a tha faighinn taic tron Sgeama Oifigearan Gàidhlig againn a bhith air a chleachdadh airson cosgaisean luchd-obrach.
Cosgaisean iomchaidh
Bu chòir gach buidheann a tha a’ pàigheadh tuarastalan no cìsean dhan fheadhainn a tha a’ lìbhrigeadh nan seiseanan a bhith a’ pàigheadh co-dhiù Tuarastal Bith-beò fìor (a tha £13.45 san uair an-dràsta).
Tha cosgaisean neo-ionmhasail/saor-thoileach ceadaichte mar phàirt de chosgaisean iomlan a’ bhuidheann. Faodar taic neo-ionmhasail airson ùine air a thoirt seachad gu saor-thoileach a thuairmse le luach de cho-dhiù am Fìor Thuarastal Bith-beò no tuarastal gnìomhachais iomchaidh, ma tha sin ri fhaighinn, is bu chòir seo a bhith air ainmeachadh sa bhuidseat an dà chuid mar theachd-a-steach agus cosgaisean.
Feumaidh gach cosgais a bhith co-cheangailte ri bhith ruith buidheann tràth-bhliadhnaichean Gàidhlig a-mhàin, is cha bhi sinn a’ cur taic ri cosgaisean ri linn:
- Uidheamachd le luach iomlan de chòrr is £500
- Pàrtaidhean
- Turasan
- Duaisean co-fharpais; no
- Tiodhlacan
Sgrùdadh is measadh air a’ bhuidheann
Ma tha an t-iarrtas agaibh soirbheachail, bidh agaibh ri sgrùdadh is measadh a dhèanamh air bhios am buidheann agaibh a’ coileanadh amasan na sgeama agus a’ bhuaidh aige a shealltainn sna h-aithisgean a thèid iarraidh oirbh. Aig a’ char as lugha, bidh sinn ag iarraidh oirbh clàradh cia mheud clann a tha a’ frithealadh nan seiseanan agus faighneachd do phàrantan is clann mar a tha na seiseanan air buaidh a thoirt air a’ Ghàidhlig aig clann a tha frithealadh.
Thèid iarraidh oirbh san fhoirm-iarrtais mar a bhios sibh an dùil sgrùdadh a dhèanamh air a’ bhuidheann agaibh, dè na thargaidean a bhios sibh a’ cleachdadh gus measadh a bheil am buidheann agaibh soirbheachail is mar a bhios sibh a’ trusadh fiosrachaidh bho clann is phàrantan.
Feumar aithisg adhartais goirid a chur a-steach thugainn san Fhaoilleach 2027 is feumar aithisg dheireannach a chur a-steach airson san Lùnastal 2027, Dh’ fhaodadh gun iarr sinn aithisgean adhartais a bharrachd oirbh ma tha sinn den bheachd gu bheil sin a dhìth.
Anns na h-aithisgean agaibh, thèid iarraidh oirbh iomradh a thoirt seachad air gnìomhan, mìneachadh a thoirt seachad air atharrachaidhean sam bith dhan bhuidheann bho na chaidh ainmeachadh san iarrtas, fiosrachadh a thoirt seachad mar a tha sibh a’ coileanadh targaidean is cumhaichean san litir-tairgse agaibh, iomradh a thoirt air teachd-a-steach is cosgaisean na bhuidheann is fianais ri linn seo, agus cuideachd airson dearbhadh mar a tha sibh a’ coileanadh riatanasan Obair Cothromach.
Bidh e comasach dhuibh na h-aithisgean a chur a-steach tro phortal iarrtasan Fluxx aig https://bng.fluxx.io, agus bidh e comasach seo fhaicinn ma tha an t-iarrtas agaibh soirbheachail.
Àrachas
Mar phàirt den sgeama, faodaidh Bòrd na Gàidhlig àrachas a chur air dòigh dhan bhuidheann agaibh le bhuidheann àrachas airson 1 Lùnastal 2026 gu 31 Iuchar 2027. Bidh am farsaingeachd àrachas a ghabhail a-steach àrachas fiachanas fastaidh (suas ri £5 million) is àrachas fiachanas poblach (suas ri £10 million).
Ma tha sibh airson gun cuiridh Bòrd na Gàidhlig àrachas air dòigh dhuibh, faodaidh sibh seo iarraidh san foirm-iarrtais, is cleachdaidh sinn am fiosrachadh san foirm-iarrtais gus an àrachas a chur air dòigh. Dh’ fhaodadh gun iarr Bòrd na Gàidhlig tuilleadh fiosrachaidh oirbh airson seo mur eil fiosrachadh air a chur an cèill san iarrtas agaibh.
Bitheamh mothachail gum bi agaibh ri theirmean is cumhaichean an àrachas aontachadh fa-leth bhon tabhartas. A bharrachd air a seo, ma tha sibh ag iarraidh gun tèid àrachas a chur air dòigh dhuibh thèid seo a dhèanamh a dh’ aindeoin an co-dhùnadh air an iarrtas taic-airgid agaibh.
Dleastanasan dìon is sùnnd cloinne
Ballrachd Sgeama PVG (Protecting Vulnerable Groups)
Bu chòir ballrachd den sgeama PVG a bhith aig stiùirichean-cluiche uile leis gu bheil iad obair ann an “ròl riaghlaichte”. Tha an dleastanas seo cuideachd a’ laighe air cathraiche, ionmhasair is rùnaire de chomataidh na buidhne agaibh, is cuideachd daoine cudromach eile le buaidh air mar a tha seiseanan air a lìbhrigeadh.
Thèid iarraidh oirbh mar phàirt den iarrtas a bhith dearbhadh ballrachd den sgeama PVG aig stiùirichean-cluiche is buill chomataidh is na h-àireamhan ballrachd PVG aca a thoirt seachad. Dh’ fhaodadh an iarrtas agad a dhiùltadh gun measadh mur eil am fiosrachadh seo air a thoirt seachad.
Ma tha ceistean ann a thaobh seo, cuiribh fios ri Bhòrd na Gàidhlig cho luath sa ghabhas.
Pàrantan Corporra
Tha dleastanasan aig Bòrd na Gàidhlig a rèir Achd na Cloinne is nan Daoine Òga (Alba) 2014 gus cur air adhart deagh chleachdadh ann a bhith a’ brosnachadh chothroman do dhaoine òga a tha, no a tha air a bhith, fo chùram.
Bu mhath leinn gum bi na buidhnean is pròiseactan a tha a’ faighinn maoineachadh bhuainn cuideachd a’ cur ris na h-amasan seo, is bidh sinn ag iarraidh oirbh innse san fhoirm-iarrtais mar a tha sibh an dùil gum bi am buidheann agaibh a’ dèanamh seo.
Airson tuilleadh fiosrachaidh, nach leugh sibh fiosrachadh tro na ceanglaichean gu h-ìosal:
- Mu dheidhinn Pàrantan Corporra agus cumail taic ri clann a tha air a bhith ann an cùram
- The Promise
- Who Cares? Scotland
An UNCRC
Tha Co-chruinneachadh nan Dùthchannan Aonaichte air Còraichean Chloinne (UNCRC) na bhun-ìre airson còraichean chloinne agus a’ mìneachadh chòraichean bunaiteach aig gach pàiste. Tha 54 artaigilean aig an UNCRC. Tha Artaigilean 1 – 41 a’ mìneachadh còraichean a thaobh mar a bu chòir dèiligeadh ri clann & daoine òga gus am bi iad toilichte, sàbhailte agus fallain. Gheibhear na h-artaigilean an seo.
Tha dleastanas air a h-uile buidheann tràth-bhliadhnaichean Gàidhlig adhartachadh agus taic a thoirt do chòraichean chloinne a tha a’ cleachdadh na seirbheisean aca.
Dleastanasan Sòisealta
Tha dleastanasan aig Bòrd na Gàidhlig gus cur air adhart deagh chleachdadh ann a bhith:
- A’ lùghdachadh buaidh air an àrainneachd
- A’ brosnachadh co-ionannachd chothroman do dhaoine le feart dìonta a rèir Achd Co-Ionannachd 2010
- A’ brosnachadh chothroman do dhaoine òga a tha, no a tha air a bhith, fo chùram a rèir Achd na Cloinne is nan Daoine Òga (Alba) 2014
Bu mhath leinn gum bi na buidhnean is pròiseactan a tha a’ faighinn maoineachadh bhuainn cuideachd a’ cur ris na h-amasan seo, is bidh sinn ag iarraidh oirbh san fhoirm-iarrtais mar a tha sibh an dùil gum bi am buidheann agaibh a’ dèanamh seo.
Airson tuilleadh fiosrachaidh, nach leugh sibh fiosrachadh tro na ceanglaichean gu h-ìosal:
- Fiosrachadh air àireamhachadh is lùghdachadh eimiseanan carbon bho Cultar airson Clìomaid Alba
- Fiosrachadh mu na feartan dìonte a rèir Achd Co-Ionannachd 2010
- Mu dheidhinn Pàrantan Corporra agus cumail taic ri clann a tha air a bhith ann an cùram
Obair Chothromach
Feumaidh buidhnean a tha a’ faighinn maoineachadh poblach ann an Alba cumail ri poileasaidh Obair Chothromach aig Riaghaltas na h-Alba, agus mar sin feumaidh iad:
- Co-dhiù am fìor Thuarastal Beò a phàigheadh; agus
- Dòighean iomchaidh airson guth luchd-obrach èifeachdach, leithid aithneachadh aonaidhean-ciùird, a chruthachadh
Thèid iarraidh oirbh mar phàirt den tagradh agus an aithris agaibh dearbhadh gu bheil sibh a’ cumail ris a’ phoileasaidh agus fianais a thoirt seachad gun do rinn sibh sin.
Tha tuilleadh stiùireadh air mar a tha sinne aig Bòrd na Gàidhlig a’ cur an gnìomh poileasaidh Obair Cothromach ri fhaighinn an seo, is tha stiùireadh bho Riaghaltas na h-Alba air am poileasaidh ri fhaighinn an seo.
Smachdachadh Subsadaidh
Mar bhuidheann poblach, feumaidh Bòrd na Gàidhlig a bhith leantainn riaghailtean smachdachaidh subsadaidh a tha tighinn fo Achd Smachdachaidh Subsadaidh 2022 agus an Aonta Malairt is Co-obrachaidh eadar Riaghaltas an RA is an t-Aonadh Eòrpach. Gheibhear barrachd fiosrachaidh air làrach-lìn Riaghaltas an RA.
Mar phàirt de mheasadh air an iarrtas agaibh, bidh againn a bhith measadh nam biodh an tabhartas na subsadaidh agus cuiridh sinn ceistean oirbh san foirm-iarrtais airson ar chuideachadh co-dhùnadh a ruighinn air a seo.
Ma tha sibh faighinn tabhartas a tha air a mheasadh mar subsadaidh, bidh agaibh a bhith leantainn riaghailtean smachdachaidh subsadaidh, le tuilleadh stiùireadh ri fhaighinn aig an ìre sin.
A’ cur iarrtas a-steach
Bu chòir dhuibh iarrtas a chur a-steach tro phortal iarrtasan Fluxx aig https://bng.fluxx.io. Faodaidh sibh cunntas a chruthachadh saor an-asgaidh air an làraich-lìn sin is tha e comasach an t-adhartas agaibh leis an iarrtas a shàbhaladh fhad ‘s a tha sibh ag obair air. Feumaidh co-dhiù aon de na luchd-conaltraidh a bhith nan buill den chomataidh. Faodaidh sibh gach faidhle-taic a chur a-steach tron phortal.
Ma fhuair sibh taic ann an 2025/26, bidh iarrtas air a thòiseachadh agaibh anns a’ chunntas Fluxx agaibh, gus a bheil nas lugha rianachd an lùib iarrtas ùr a chur air dòigh, ach bidh fhathast agaibh ceistean ùra a fhreagairt is dearbhadh freagairtean airson cuid de dh’ iarrtasan.
Faodaidh sibh cuideachd lethbhreac den foirm Word a luchdachadh sìos agus a chur thugainn tro phost-d aig tabhartas@gaidhlig.scot no tro phost gu Bòrd na Gàidhlig, Taigh a’ Ghlinne Mhòir, Rathad na Leacainn, Inbhir Nis, IV3 8NW còmhla ris na faidhlichean-taic riatanach.
Feumaidh sinn an iarrtas crìochnaichte agaibh fhaighinn ro 3f air Dimàirt 30 Ògmhios 2026. Cha ghabh ri iarrtasan anmoch ann an suidheachadh sònraichte ma cheadaicheas Bòrd na Gàidhlig.
Tha taic mionaideach ri fhaighinn air an fhiosrachadh a tha sinn a’ sireadh bho gach ceist.
Tha sinn a’ moladh gun tòisich sibh an iarrtas co-dhiù seachdain ro cheann-uidhe nan iarrtasan gus an urrainn dhuibh fios a chur thugainn ma tha duilgheadasan sam bith agaibh leis a’ phortal no ma tha ceistean sam bith agaibh a thaobh an iarrtais. Faodaidh sibh post-d a chur thugainn aig tabhartas@gaidhlig.scot.
Faidhlichean-taic riatanach
Nuair a tha sibh a’ cur an iarrtais a-steach feumaidh sibh na faidhlichean-taic riatanach a leanas a chur còmhla ris:
Riatanach
- Bonn-stèidh no Meòrachan agus Artaigilean Companaidh
- Na cunntasan bliadhnail mu dheireadh (mur eil sibh na buidheann a chaidh stèidheachadh o chionn goirid)
- Aithris banca bho na trì mìosan mu dheireadh, no ma tha sibh air cunntas banca ùr fhosgladh san ùine sin, litir a tha dearbhadh gun deach seo fhosgladh
- Poileasaidh Dìon Chloinne no Barantachaidh
Air am moladh (ma tha iad agaibh)
- An Aithisg Bhliadhnail mu dheireadh
- Poileasaidh Gàidhlig
- Poileasaidh co-ionannachd chothroman no Poileasaidh co-ionnanachd, iomadachd is in-ghabhaltachd
- Poileasaidh no aithris àrainneachd
Mur eil na sgrìobhainnean a bharrachd a tha a dhìth air an cur a-steach còmhla ri iarrtas (ach a-mhàin mas e iarrtas as leth sgoil a th’ ann), bidh an t-iarrtas neo-cheadaichte agus cha tèid a mheasadh.
Mar a thèid an iarrtas agaibh a làimhseachadh
Gheibh sibh post-d fèin-obrachail bhon phortal Fluxx a’ dearbhadh gun d’ fhuair sinn an t-iarrtas agaibh. Mur eil sibh air seo fhaighinn, dèanaibh cinnteach gu bheil sibh air an t-iarrtas agaibh a chur a-steach is nach eil sibh dìreach air a shàbhaladh.
Thèid sgrùdadh a dhèanamh air iarrtasan nuair a thig iad a-steach le oifigearan Bhòrd na Gàidhlig gus dearbhadh gu bheil iad a’ leantainn riaghailtean na maoine agus gu bheil iad a’ toirt seachad an fhiosrachaidh a tha a dhìth. Ma thathar den bheachd nach eil an t-iarrtas agaibh ceadaichte air adhbhar teicnigeach, thèid iarraidh oirbh seo a chur ceart (ma thathar den bheachd gu bheil seo comasach). Mur eil an t-iarrtas agaibh gu tur a’ leantainn riaghailtean na sgeama aig 10m air Dimàirt 14 Iuchar 2026 dh’fhaodte gun tèid an t-iarrtas agaibh a dhiùltadh gun mheasadh mur eil sinn den bheachd gun urrainn dhuinn a mheasadh gun am fios seo.
Dh’fhaodadh gun iarr Bòrd na Gàidhlig tuilleadh fiosrachaidh no mìneachadh air fiosrachadh mu dheidhinn a’ bhuidheann mar phàirt den phròiseas measaidh. Mur an tèid am fiosrachadh seo a thoirt seachad taobh a-staigh 10 làithean-obrach, tha sinn a’ glèidheadh na còrach gum faod sinn an t-iarrtas agad a dhiùltadh.
Thèid gach iarrtas ceadaichte a mheasadh le pannal de dh’ oifigearan aig Bòrd na Gàidhlig a rèir an stiùireadh-measaidh, agus cuiridh iad molaidhean do Sgioba-stiùiridh Bhòrd na Gàidhlig a nì an co-dhùnadh air na h-iarrtasan.
Tha sinn an dùil gun tèid innse dhuibh mu cho-dhùnaidhean air an iarrtas agaibh le phost-d sa chiad cola-deug den Lùnastal 2026.
Mur eil sibh riaraichte le co-dhùnadh air an iarrtas agaibh, ged nach eil pròiseas ath-thagradh againn faodaidh tu gearain a chur a-steach ma tha thu den bheach nach deach dèiligeadh ris an iarrtas agad a-rèir an stiùireadh ‘sa is an stiùireadh-measaidh. Airson tuilleadh fiosrachaidh, tha ar modhan gus dèiligeadh ri ghearanan ri fhaighinn an seo.
Ma tha sibh soirbheachail
A’ gabhail ris an taic-airgid
Ma thèid taic a thabhann dhuibh, thèid litir taic-airgid a chur thugaibh tro Docusign dhan neach-sgrìobhaidh ainmichte agaibh (no luchd-sgrìobhaidh ma tha sibh nar buidheann le luchd-obrach agus gum feum sibh Dearbhadh Obrach Chothromaich a lìonadh). Bidh suas ri 30 latha agaibh gus gabhail ris an tairgse (is cumhaichean taic-airgid coitcheann, a tha ri fhaighinn an seo) no thèid an tairgse taic-airgid a thoirt air ais. Thèid foirm fios banca a chur leis an litir-tairgse cuideachd airson a’ lìonadh is dearbhadh am fiosrachadh gus ur pàigheadh.
Ciamar a thèid sinn ar phàigheadh?
Ma tha an t-iarrtas agaibh soirbheachail, thathar an dùil gun tèid 50% den tabhartas a phàigheadh nuair a thilleas sibh an litir-tairgse, dearbhadh air an fhiosrachadh banca agaibh is sibh air aithisgean a chur a-steach thugainn airson tabhartasan air a thoirt dhuibh ann am bliadhnaichean roimhe.
Thèid 25% den tabhartas a phàigheadh san Fhaoilleach 2027, ach tha seo a’ crochadh air aithisg adhartais a chur a-steach leis a bheil sinn riaraichte stèidhichte air a’ chiad dà theirm den bhliadhna-sgoile.
Thèid am 25% mu dheireadh den tabhartas a phàigheadh sa Ghiblean 2027, fhad ’s a tha sinn riaraichte gu bheil an còrr den tabhartas a dhìth oirbh. Mathaid gun tèid iarraidh oirbh fiosrachadh ionmhais a thoirt seachad mus faigh thu am pàigheadh gus dearbhadh mar a chaidh an tabhartas a chleachdadh is mar a thèid a chleachdadh gu deireadh na bliadhna.
Cuiribh fios san foirm-iarrtais agaibh no gu sgioba tabhartasan Bhòrd na Gàidhlig aig tabhartas@gaidhlig.scot nam biodh clàr-ama pàighidh eadar-dhealaichte nas freagarraiche dhuibh.
Bitheamh mothachail gu bheil buidhnean air a mhaoineachadh air stèidh rèidh a thaobh ionmhais, mar sin bidh agaibh ri maoineachadh Bòrd na Gàidhlig sam bith nach deach a chosg air a’ bhuidheann sa bhliadhna-sgoile a thilleadh, is faodaidh sinn suimeannan na phàighidhean atharrachadh mur eil e coltach gum bi an suim iomlan a dhìth oirbh.
Ag aithneachadh taic
Mar bhuidheann phoblach, tha e cudromach dhuinn gu bheil fios aig a’ phoball air mar a tha sinn a’ cleachdadh ar cuid airgid, is mar sin tha e cudromach gu bheil sibh ag aithneachadh gun tug Bòrd na Gàidhlig taic-airgid dhan bhuidheann agaibh (far a bheil sin iomchaidh). Ma tha an t-iarrtas agaibh soirbheachail, bidh dleastanas oirbh an taic-airgid againn aithneachadh ann an diofar dhòighean tron bhliadhna is fios a thoirt seachad dhuinn sna h-aithisgean agaibh air mar a rinn sibh seo.
Airson tuilleadh fiosrachaidh, nach toir sibh sùil air an Stiùireadh Aithneachaidh is Stiùireadh Brannd air an làrach-lìn againn.
Tuilleadh fiosrachaidh
Airson tuilleadh fiosrachaidh mun mhaoin seo, tadhail air làrach-lìn Bhòrd na Gàidhlig no cuiribh fios gu tabhartas@gaidhlig.scot.
Faodaidh tu cuideachd sùil a thoirt air freagairtean ri cheistean cumanta mu dheidhinn a’ mhaoineachaidh againn air an làraich-lìn againn.
Gheibhear fiosrachadh mu phrìobhaideachd a thaobh ar sgeamaichean maoineachaidh air an làraich-lìn againn agus bidh agaibh a dhearbhadh aig ìre an iarrtas a chur a-steach gu bheil sibh air seo a leughadh is gabhail ris – gu sònraichte ri linn mar a thèid fiosrachadh mun tabhartas agaibh fhoillseachadh ma tha sibh soirbheachail, is na riatanasan oirnn fo Achd Saorsa Fiosrachaidh (Alba) 2002.
Gheibhear cruthan eadar-dhealaichte den stiùireadh seo is de dh’fhoirmichean-iarrtas ma tha sibh ag iarraidh agus dh’ fhaodadh gun tèid iad air fhoillseachadh aig: https://www.gaidhlig.scot/gd/maoineachaidh/cothroman-maoineachaidh/tabhartasan-trath-bhliadhnaichean/
Eachdraidh Faidhle
v1 – 14 Cèitean 2026 – Air fhoillseachadh
