Sgeama Tabhartasan nan Tràth-Bhliadhnaichean air Fosgladh

Tha Bòrd na Gàidhlig (BnG) toilichte innse gu bheil Sgeama Tabhartasan nan Tràth-Bhliadhnaichean a-nis fosgailte do dh’iarrtasan.

Tha sgeama Tabhartasan nan Tràth-bhliadhnaichean Gàidhlig ri fhaighinn airson taic a thoirt do bhuidhnean tràth-bhliadhnaichean Gàidhlig gus seiseanan tro mheadhan na Gàidhlig a ruith do chlann aig aois 0-3.

Tha a’ mhaoin air a ruith ann an com-pàirt eadar Bhòrd na Gàidhlig is Comann nam Pàrant is ann air sgàth taic Riaghaltas na h-Alba tro thabhartas MTCOT is IICC (Mhaoin airson Tràth-thaic do Chloinn, Òigridh is Teaghlaichean agus Ionnsachadh do dh’Inbhich is Cumhachd do Choimhearsnachdan) a fhuaras tro Chomann nam Pàrant.

Fhuair 19 diofar bhuidhnean air feadh na dùthcha taic-airgid tron Sgeama an uiridh.  Nam measg, bha buidhean Pàrant is Pàiste Obar Dheathain.

Tha Pàrant is Pàiste Obar Dheathain a’ toirt seachad cleasan ro-sgoile do chloinn bho aois 0-5 bliadhna, mar àm stòiridh, òrain, àm cluiche tro dhiofar mheadhanan agus tòrr a bharrachd!

Thathar a’ coinneachadh dà uair san t-seachdain le aon seisean airson cleasan a-muigh agus seisean eile airson cleasan a-staigh agus tha a’ bhuidheann fosgailte dhan a h-uile duine aig a bheil ùidh sa Ghàidhlig. ’S e deagh thoiseach tòiseachaidh a th’ ann do chlann a tha gu bhith a’ dèanamh foghlam tro mheadhan na Gàidhlig.

Thathar cuideachd a’ toirt taic do phàrantan a tha ag ionnsachadh Gàidhlig le bhith a’ toirt seachad leasanan air-loidhne agus gu pearsanta.

Thuirt Magaidh Wentworth, Manaidsear, Comann nam Pàrant:

“Tha Comann nam Pàrant uabhasach toilichte gu bheil e comasach dhuinn taic a chumail ris na tràth ìrean. Tha e cudromach gum faigh teaghlaichean cothrom air seirbheisean Gàidhlig a fhrithealadh nuair a tha a’ chlann òg. Tha na buidhnean tràth ìrean cuideachd a’ cumail taic ri Gàidhlig san dachaigh agus a’ cur ris na h-àireamhan de chlann a tha dol air adhart gu foghlam tron Ghàidhlig.”

Thuirt Shona NicIllinnein, Ceannard Bhòrd na Gàidhlig:

“Tha sgeama Tabhartasan nan Tràth-Bhliadhnaichean gu mòr a’ cur ri amas a’ Phlana Nàiseanta gun tèid Gàidhlig a chleachdadh aig an taigh agus ann an foghlam tràth-bhliadhnaichean.  Tha e a’ toirt toileachas mòr dhuinn gu bheil farsaingeachd de sgìrean is phròiseactan air feadh na dùthcha gu bhith a’ faighinn taic agus a’ toirt fàs air a’ Ghàidhlig ann an coimhearsnachdan agus tha sinn an dòchas gun tig adhartachadh air an aireamh de chothroman airson foghlam nan tràth-bhliadhnaichean sa Ghàidhlig.”

Bidh an sgeama fosgailte airson 9 seachdainean eadar 16 Cèitean 2022 agus 21 Iuchar 2022.

Tha liosta iomlan de na pròiseactan soirbheachail ri fhaighinn an-seo.